(I)
Gur h-e mise tha fo mhulad
Is cha ’n urrainn mi chaochladh,
Dh’ fhàg thu sachd air mo ghiùlan
Is cha dùbh dhomh ’bhi aotrom,
Gur-a cràiteach mo chridhe
’S càch gun fhios gu de ’n t-aobhar,
Tha mi cumha mo leannain,
’S trom ’bha m’ anam an gaol air.
(II)
’S truagh nach robh mi am leaba
Ann an greadadh an fhiabhrais
Mu an tug mi ’n cion falaich
No mu ’m faca mi riamh thu;
Fhir bu taitniche mànran,
’S e do ghràdh rinn mo phianadh:
’S ged nach innis mi chàch e
Tha mi ’n dràst leis air liathadh.
(III)
Tha mo chion air an fhleasgach
Chuimir, leadanach, bhòidheach,
’Tha de ’n fhine nach strìochdadh
’Sa tha sìobhalt na chòmhradh.
’S mòr ga ’m b’ fheàrr leam do ghliocas
Is do mhisneach is d’ fhòghlum,
Na làn buaile ’chrodh ballach
Le dubh-bhalach gun eòlas.
(IV)
’S mi nach iarradh leat, ’eudail,
Ach do léine ’s do chòta,
Is do bhreacan ’s do ghunna
’S math a chumar an òrdagh,
Is do bhoineid le h-itean;—
Bhiodh an sud n’a bu leòir leam.
Leat gu ’n siubhlainn an saoghal,
Fhiùrain aobhaich a’s bòidhche.
(V)
’S e mo dhùrachd do m’ leannan
Ged nach faigh mi do phòsadh
Thu bhi sona gun smalan
’S a bhi fad’ anns an t-seòl sin,
Le crodh druimionn ’s crodh guailionn
Air do bhuaile mar chòmhlan,
’S gun do bhean-sa ’gan cuallach
Ach a fuaigheal na seòmar.
(VI)
O, cha dù dhomh bhi socrach
’S mi an nochd mar mhnaoi fhuadainn;
Air an uirigh ma chaidleas mi
Bidh ort-sa mo bhruadar,
Fhir a loisgeadh am fùdar
Air na stùchd-bheannan fuara,—
Is na misde do phiseach,
A ghaoil, mise ’chur suarach.
(VII)
B’ e mo mhiann a bhi còmhl’ riut
Fhir a’s bòidhche ’measg fhearaibh;
’S mi gu ’n earbadh mi fhìn riut
Dusan mìle bho ’n bhaile.
Mu thrì bliadhna ’s coig ràidhean
Thug mi gràdh dhuit mar leannan;
’S beag an t-ioghnadh ged tha mi
An diugh cràiteach ga d’ ghearan.
(VIII)
’S iomadh ni ’bheir an gaol oirnn,
Tha e caochlaideach carach;
Bidh e ’tighinn na lùban
Mar shruth bùirn leis na beannaibh;
’S iomadh té a fhuair aobhar
A bhi caoineadh ’sa gearan,
’S fear a gràidh air a fàgail
Ged bu làidir a ghealladh.
(IX)
Bheirinn comhairl’ air caileig
Gun bhi amaideach, gòrach,
Gun i ’chreidsinn a leannain
Ged-a ghealladh e pòsadh.
Ged is bòidheach e ’tighinn
Tha a chridhe fuar reòdhta,
’S bidh a shùil ás a dheaghainn
D’ fheuch co roghainn a’s bòidhche.
ESAN
(I)
Thug mi ’n raoir ann am dhùsgadh
’G iarraidh dlùth thun a chala
Gus an d’ ràinig mi ’n t-àite
Far an d’ fhàg mi mo leannan.
’S ann a fhuair mi thu pòsda
Ri fear òg air do cheangal
An snaoim dhaingeann nach fuasgail
’Dh’ fhàgas truagh mi ri m’ mhaireann.
(II)
’S truagh nach robh mi ’s mo leannan
Ann an gleannan a cheòbain,
No an iomall na coille
Far an goireadh an smeòrach;
Bhiodh mo làmh a ghaoil tharad
’S mo cheart air’ air do phògadh,
’S an làmh eile bhiodh sìnte
Fo d’ chùl snìomhain, donn, bòidheach.
(III)
’Cheìst do mhnathaibh an t-saogha’l
Nach dean thu saod air a thréigsinn;
Dean a ghoid do chuid aodaich,
’S théid mi, ghaoil, leat do dh’ Eirinn.
Théid luath-bhàta nan crannan
’Chur gu h-ealamh ’na h-éideadh
’S bidh mi còmhl’ ri mo leannan
Mar bu mhath leinn le chéile.
(IV)
C’ arson ’chreid thu mo chàirdean
No luchd-dàimh ’bha air thalamh
Gu ’n robh mise am brath pòsadh
Ri te òig airson earrais?
Ged-a bha thu gun stòras
Cha bu deòin leam ri m’ mhaireann
Gu an tugainn mo chùl riut;—
Dh’ fhàg do shùgradh mi galach.
ISE
’Cheist de dh’ fhearaibh an t-saoghail,
Tog dhe d’ chaoineadh ’s dhe d’ chumha,
Seall gu beachdail ’s gach àite
Am faic thu àilleag ’bhios lurach,
Na h-iarr ormsa gu bràth
A dhol thar sàile leat tuillidh,
Ach leig dhomh mar-a tha mi
Anns an àit’ so fo mhulad.
Le Neo-ainmeil.
(‘S seann òran so mu cheanntar Loch Aillse san Ros an Iar. ‘S òran gaoil i so, ‘gus fhuair e sin shàbhàil le làmh am Bàrd Loch Aillse ‘gus le Iain mac Ailein mu bliadhna 1815.)