Oran Gaoil a’ Tìr Ùr

(I)
’S e fear an àigh nach gluais an rùn
Nan aingidh lùbach dàn,
An slighe pheacach fiar nach seas
’S nach suidh am feasd le càil
An cathair luchd na fanaid bhaoth,
Ach ’g am bheil gaol ’us gràdh
Do lagh an Tighearna ro naomh
Ga smaointeach’ oidhch’ ’us là.

(II)
Bidh e mar chraoibh tha suidhicht’ dlùth
Do ’n t-sruth ’théid ciùin a sios;
’Bheir meas na h àm am pailteas mòr
’Sa duille fòs nach crion;
Bidh soirbheas aige anns gach nì.—
Cha bhi mar sin na daoi:
Ach mar am moll ’dol h-uig’ us uaith,
Air ’fhuadachadh le gaoith.

(III)
’Us uime sin na h-aingidh thruagh,
Cha seas iad suas ’sa’ bhreith;
No peacaich an co-thional naomh
Nam fìrean caomh gu seth.
Oir ’s fiosrach Tighearna nam feart
Air slighe cheart nan saoi.
Ach slighe fhiar nam peacach clì
Tur sgriosar i a chaoidh.

 

Le Seumas Mac Griogair.

(Sgrìobh Seumas an òran so sa bhliadhna 1785 roimh a chaoidh e thun gu Phiogto, Antaganais, Albainn Nuadh air an 20mh Iuchar 1786. Bha e mainistir mór amhàin ann san Taobh Ear na h-Albainn Nuadh airson naoidh bliadhna (1786 gu 1795) agus shiubhail e thun gu bàis air 3mh Màrt 1830.)