Seann Albainn agus an Albainn Ùr

Còmhradh eadar am Bàrd agus an Còirneal Friseal.

AM BARD.
’S mòr mo mhulad ’s cha lugh’ m’ éislean,
Cha ’n ’eil éibhneas a tigh’nn dlùth dhomh;
Bho ’n a thàinig mi do ’n tìr so
Gu bheil m’ inntinn air a mùchadh;
Chaill mi mo shugradh ’s mo sheanachas
Bho ’n a dh’ fhalbh mi as mo dhùthaich:—
Toiseach a cheud mhios’ de’n Fhoghar
Sheòl sinn air adhart ’n ar cùrsa.

Gur-a diombach mi de ’n Chòirneal
’Rinn mo threòrachadh do ’n dùthaich s’
Le mòran brosgail is bòilich
’S e ’cur sgleò dheth gu luath-shiùbhlach,
’G innse dhuinn gu ’n robh ar càirdean
Innt’ na b’ fheàrr na bh’ air a chunntas,
’S nach biodh uireasbhuidh gu bràth oirnn
Nan tigeamaid sàbhailt aon uair.

Gu ’n do dh’ aithnich mi o’n uair sin
Gu ’m bu chruadalach a chùis dhomh
Teannadh ri réiteach na coille
’S gun mi goireasach g’a ionnsaidh.
’M fear nach dean obair le tuaigh
Is nach urrainn an uaisle ’ghiùlan
B’ fheàrr dha fuireach ann an Albainn;
’S gun an fhairge gharbh a stiùireadh.

AN COIRNEAL.
Ged tha uireasbhuidh an dràst ort
Gheibh thu ceann an àird ri tìm air,
’N uair a bhios an crodh ’s na caoraich
Air na raointean dhuit a cinntinn;
Bidh tu pailt am biadh ’s an aodach,
’S théid leagadh nan craobh air dìochuimhn’;
Bidh tu sona, saibhir, socrach,
Cha ’bhi bhochduinn ’cur ort mì-ghean.

AM BARD.
Chuala mi an tùs, mo làithean
Sean-fhacal tha làn de fhìrinn:—
’Chaora bhios ’dol bàs le gorta
’Réir gach coltais ni i crìonadh
Mu ’n tig am feur ùr ’s an t-sàmhradh;
Cuiridh an geamhradh gu crìch i:—
’S ann mar sin a dh’ éireas dhomhsa,—
Ma bi ’cur do sgleò dhomh ’m fiachaibh.

AN COIRNEAL.
Cha sgleò a th’ agam ga sheanachas
Ach cùis a dhearbhas mi fior dhuit;
Na fir a chi thu ’s an àite
B’ aithne dhaibh do chàs ’n uair shìn iad.
’N uair a réitich iad am fearann
Thug iad aire dha le crìonnachd;
Rinn iad beairteas air a thàileamh
Ged-a thàinig iad ’s e dhith orr’.

AM BARD.
Cha ’n ’eil ach beagan diubh beairteach
Ged tha pailteas diubh fo fhiachan;
Tha bhochduinn an déigh an leònadh,
’S tric iad fo chòmhlaidh a’ phrìosain.
Bidh am siorram air an tòrachd,
’S ’n uair a ni e’m pòca ’sgriobadh,
Bheir e leis an cuid mar dhròbhair,
’S cha ’n fheòraich e ciod is pris dhaibh.

AN COIRNEAL.
Tha cuid dhiu mar tha thu ’gràitinn,
Cha ’n fhaod mi àicheadh nach fior e;
Daoine ’bha tuilleadh a’s spòrsail
’S a bha mòr-chuiseach nan inntinn,
’Thuit gun fhios dhaibh ann an ainbhfhiach,
’S cha ’n ’eil e cho soirbh dhaibh dìreadh
Bho na dh’ atharraich an saoghal
’S thàinig caochladh air na prìsean.

AM BARD.
’S mòr a dh’ atharraich an saoghal,
’S mise ’dh ’fhaodadh sinn a ràitinn;
Thug e car dhomh nach do shaoil mi:
Chuir e ’n aois mi na bu tràithe
Tigh’nn do ’n choille fad o dhaoinibh
’Leagadh nan craobh as an làraich,
Ged a fhuair mi fearann saor
Is goirt a shaoithreachadh gu àiteach.

AN COIRNEAL.
Cha chunnt mi gur obair chruaidh e
’S nach bi uachdaran gu bràth ort
A mhaoidheas do chur air fògradh
Mur-a dean thu ’n còrr ’thoirt dhasan:
Cha bhi ’n comas neach do dhaoradh,
Cha ’n fhaic thu ’m maor leis a’ bhàirlinn,—
Gu de ’nis a bhiodh tu ’g ionndrainn
Bho ’n thàinig thu ’n dùthaich àghmhoir.

AM BARD.
’S iomadh rud a tha mi ’g ionndrainn
Nach dean ’s an àm so bonn stàth’ dhomh
’N am bithinn ann an tìr mo dhùthchais,
Far an robh mi ’n tus mo làithean,
Gheibhinn meas am measg nan uaislean,
Bha mu ’n cuairt dhomh ’n Earraghàidheal.—
B’fheàrr gu’n d’ fhuirich mi ri m’ bheò innt,
’S nach tàinig mi chòmhnaidh ’n bhràighe s’.

AN COIRNEAL.
Ged bu mhath ’bhi ’measg nan uaislean,
’S e-bhi fada bhuath’ is feàrr dhuit;
An luchd muinntir ’tha nan seirbhis,
Cha’n àird ’an ainm no na tràillean.
’S sleamhainn an leachd aig an dorsaibh
Dh’fheumadh tu ’coiseachd gu fàilidh;
Nan tuiteadh tu uair gun fhios dhuit,
Rachadh bristeadh air a’ chàirdeas.

AM BARD.
’S iomad fear stòrasach, stochdail,
Tha gle-shocrach a toirt màil daibh;
’S iad inntinneach fad’ an t-samhraidh
Le ’n cuid anns na gleanntan fàsaich.
’N uair a théid iad ’dh ionnsaidh ’mhargaidh,
Gheibh iad airgiod ’s cha bhi dàil ann;
’S nam faiceadh tus’ iad air tilleadh
Chunntadh iad gini ri d’fhàirdein.

AN COIRNEAL.
Ged tha toileachadh ’s na glinn sin,
Tha cuspunn an rìgh r’a phàigheadh:
Cha ’n fhaod iad iasg thoirt a linne
No fiadh o’n fhireach a’s àirde.
Ma mharbhas iad eun ’s an doire
Théid an coireachadh mar mheirlich,
Is tàirnear a staigh gu binn iad,
Théid an dìteadh ’s cuirear càin orr’.

AM BARD.
’S furasda dhaibh sin a phàigheadh,
Seach mar ’tha mi anns an tìr so;
Cia liuth’ latha bho Fheill-Màrtuinn
’Fhuair mi sàrachadh is mi-mhodh!
Gur tric a’ chuing air mo mhuineal
’Tarruinn a’ chonnaidh le dìchioll,
’S a sneachda dhomh mu na cruachain,
’S cuid de dh’uairean bidh mi ’n iosal.

AN COIRNEAL.
Tog do mhisneach ’s na biodh bròn ort,
Ged tha sin an còmhnaidh sgìth leat,
Bidh tu fhathast, ma ’s a beò thu,
Cho dòigheil ’s is math le d’ inntinn.
Gu de dh’ iarradh tu ach fhaotuinn,
Fearann saor is còir bho ’n rìgh air,
’Bhios an déigh do bhàis mar oighreachd
Aig do chloinn ma bhios iad crìonnta.

AM BARD.
’N uair a chunntas mi mo shaothair,
Bidh e ni ’s daoire na fhiach domh,
’S tric nam fhallas mi ’ga réiteach,
’Cur mhaidean r’a chéil’ nan teintean,
Gur coltaiche mi ’s an uair sin
Ri fear á toll-guail a dìreadh;
Bidh mi cho dubh ris na tràillean
’Tha aig stàtachan nan Innsean.

AN COIRNEAL.
Ged-a shiùbhladh tu ’n Roinn-Eòrpa
’S a bhi feòraich anns gach rìoghachd
Cha ’n fhaiceadh tu fear gun stòras
A tigh’nn beò innt’ le ’bhi diomhain,
Tha e gòrach dhuit bhi càineadh
Tìr an àigh so is ga dìteadh;
’S iomadh aon dha ’n d’rinn i fuasgladh
Bha na thruaghan a tigh’nn innte.

AM BARD.
Cia mar ’dh’ fhaodas mi a moladh
’S gun mi toilicht’ ann am inntinn,
Bho na thig toiseach na dùlachd
Bidh a’ chùis na h-aobhar claoidh dhomh.
Ag éiridh ’s na mad’nean reòta
Gu ’m bi crith air m’ fheòil ’s air m’fhiaclan.
’S gaoth a tuath le fuachd gam leònadh
Mar-a bi mo chòmhdach cinnteach.

AN COIRNEAL.
Airson toileachadh do nàdair
Cha ’n ’eil stàth dhuit a bhi ’strìth ris;
Sin an ceum nach téid thu dh’àicheadh,
Bho na dh’fhàilinnich ar sinnsreadh.
Ged-a bha pailteas aig Adhamh,
Bha craobh ’s a’ ghàradh a dhìth air;
Dh’fhàg am meas fo iochd a’ bhàis e,
’N uair a ghabh e pàirt o’n mhnaoi dheth.

AM BARD.
’S e ni mi tuilleadh mar roghainn
Gun chur ad aghaidh na ’s dìne,
Tha an duine ag iarraidh àilgheis
Eadar e ’bhi àrd is iosal:
Cluinnidh mi gearann o’n Diùca
Cho math riusan ’tha toirt cìs’ dha,
’S o’n bhaigeir ’tha cosg na lùirich
’S bho ’n fhear a tha crùn an rìgh air.

Cha lean mi na’s fhaide ’n seanachas
Mu ’n cinn iad searbh dheth le chluinntinn
Mu ’m faigh iad coire do m’ Ghàilig,
Cha bhi mi ’gràitinn no ’g innse.
Olc air mhath ’s mar bhios mo chàradh
’S an àite so, ’s éigin striochdadh.—
Soraidh bhuam gu tìr nan Gàidheal
Nach leig mi gu bràth air diochuimhn.

 

Le Iain Mac Ailein mhic Iain mhic Theàrlaich mhic Lachainn mhic Dhòmhnuill òig mhic Iain mhic Eobhain mhic Lachainn Fhinn Mac Gilleain

no

Am Bàrd Gilleathain (1787 gu 1848)

(Sgrìobh am Bàrd Mac Gilleain nó Mac Gilleathain an òran so mar bha rudan an-dheacaidh airson nan daoine Gàidhealach nuair a dh’ fhàg iad a-mach as dachaidh sa Seann Ghaidhealtachd agus thàinig iad thun air Albainn Nuadh ’s àitean eile air Dùthaich nan Craobh re linn 1700an ’s 1800an air aghaidh. Dheun Simidh mac Eoin Friseal an obair do chur daoine Gàidhealach thun Dùthaich nan Craobh, agus bha leas-ainm aige ’n Còirneal no’m Maor cuideachd.)