Òran Gaoil Anna nighean Pàdruic – Òran Gaoil Anna nic Phàdruic

(I)
Gur mise bheir gràdh gu bràth do ’n chailin
A dh’ fhàg mi’ sealan a’m’ dhéigh;
Tha aice os chàch gach àgh ’s gach barrachd
’Mar àilte gealaich measg reul.
Si sèamh-osag fhann an t-sàmhraidh chaoimhneil
’Bheir gleann is coille fo bhlà;
’S le dui-neoil a’ gheamhraidh ’s ànnradh gaillinn
Cha ’n annsa fanail r’a sgà.

(II)
Tha d’ aghaidh, le fàilt, mar fhàir na maidne;
Mar dhealra deàrrsaidh na gréin’;
Gu’m bheil thu gu nàrach, màlta, caoimhneil;
Gur àluinn, banail do bheus.
Thàinig gathan o d’ shùilibh dù-ghorm, flathail
A dhùisg dhomh farum mo chléibh,
’N uair theannain riut dlù bu chùbhraidh’ d’anail
Na ùbhlan abaich air ghéig.

(III)
Gruaidh dhearg mar an ròs, is pògan meala;
Cùl òr-bhuidh, maiseach nan teud;
Beul meachair, ’sa’ cheòl mar smeòraich coille;
Geal, bòidheach, daingeann do dheud;
Do bhràighe glan caomh mar mhaothan eala
Air caolas mara a’ snàmh;
Cneas gràdhach, sèimh, caoin; is gàirdean canach;
Meòir chaol’, bas gheal, is mìn làmh.

(IV)
Calpa cruinn, lùthar, ùr-gheal daingeann;
Gur ciùine, farasd do cheum,
Troigh chuimir a shiùbhlas dlù air choiseachd;
Cha lùb do chasan am feur.
Do chumadh o’d’ bhàrr gu d’ shàil, gun chron air,
Ach sàr-dheas, cothromach, grinn;
Gu meal thu do shlàint’ le àgh ’s le onair,
Le d’ ghràdh ge d’ robh mi gu tinn.
’S leat inntinn nam buadh ’dh’fhàs uasal, ceanalt’
’S gach buaidh tha ceangailt ri mnaoi;
Ge mòr ’tha de dh’ uaisl’ ’m fuil sluaigh do shloinne,
Cha truaill thu boinne dhi chaoidh.
Do ghliocas gun bheud; do chéill gun mhearachd;
Is ré do d’ aithne gach gniomh;
Do thuigse co gheur; do reusan barraicht’,
Gun éis, gun char ann, gun ghiamh.

(V)
’S beag tùirse no gruaim ’tha ’n gruaidh na h-ainnir;
Is fuath leat sgainneal is beum;
Is coma leat tuaileas shuas an domhain,
Gach uabhar dona, ’s gach beud.
Cha ’n ’eil thu a’ d’ ghaoithein aotrom caileig;
Ciall aosd’ tha agad le d’ òig;
Gu h-iriosal, aoidheil, faoilidh, farasd;
Gu gaolach, carthannach, còir.

(VI)
Gu ’m bheil thu gu cràbhach, gràdhach, cridheil;
Gu bàigheal cinneadail, caoin;
Gur fialaidh do làmh, gur blà do chridhe,
Gur pàirteach bhitheadh mu d’ mhaoin.
Gu ’n seasadh tu riabh gu fior le d’ charaid;
Rud crion cha ’n abair, ’s cha dean;
Gu piseachail, crionta, gnìomhach, rathail;
Neo-dhiolt do mhath chur am miad.

(VII)
Gu bheil thu gu teom air foghlum banail;
Gu h-òrdail, ealamh, le snà’id;
Gu’n dealbhadh tu còrr na h-eòin ’s na crannaibh
Le seòltachd ainneimh do làmh.
Cha tàinig riabh ceann air tionnsgna innealt
Nach ionnsaich ise ri luaths;
Gu’n tàirneadh do làmhan peann le grinneas;
’An cainntean thigeadh leat buaidh.

(VIII)
Cha ’n ’eil, ’ann mo leursainn, té air thalamh
Is beusaich’, glaine na thu;
Cha d ’fhàs i fo ’n ghréin a’ gheug, no ’n gallan
Do ’n géilleadh caileag mo rùin;
’S tu féin an lùb àluinn; dh’ fhàs thu tlachdmhor,
’S tu ’n t-àbhal gasd’ anns a’ choill,
’S tu ’n ròs anns a’ ghàradh, dh ’fhas thu maiseach;
’S tu ’m blàthan, paisgte le sgoinn.

(IX)
’S tu éiteag nan càrn, ’s iad càch na clachan;
’S tur sàr-leug thaitneach nam buadh;
’S tu fhéin ’n eala bhàn, ’s iad càch na lachaibh;
’S tu sgàthan maiseach gach uaills’;
’S tu ’n cruinneachd glan ùr, ’s leat cliù na chinneas;
’S tu ’n drùchd a shileas gu caoin;
’S tu ’n gallan a lùb fo ùbhlaibh milis;
Is tu na shirinn ri m’ shaogh’l.

 

Le Seumas Mac Griogair.

(Sgrìobh e ’n òran so mu’n Anna Bhochannan. Cha robh suim / ùidh aice mu’n tìr fiadhain Aimearaga ‘gus char dheachaidh i gu Dùthaich nan Craobh. Bha i làidir an aghaidh turas gu Dùthaich nan Craobh agus bha i bean dathuil cuideachd. Bha i d’ inghean na Pàdruic Bochannan agus bha mainistir e fhéin ann Calasraid, an Pheart, agus shiubhail e thun gu bàis sa bhliadhna 1802.)