Òran do Dh’ America

(I)
Gu bheil mi ’m ònrachd ’s a’ choille ghruamaich,
Mo smaointinn luaineach, cha tog mi fonn:
Fhuair mi ’n t-àite so ’n aghaidh nàdair
Gu ’n thréig gach tàlanta ’bha nam cheann:
Cha dean mi òran a chur air dòigh ann,
’N uair ’ni mi tòiseachadh bidh mi trom:
Chaill mi ’Ghàilig seach mar-a b’ àbhaist dhomh
’N uair a bha mi ’s an dùthaich thall.

(II)
Cha ’n fhaigh mi m’ inntinn leam ann an òrdagh,
Ged bha mi eòlach air deanamh rann;
’S e ’mheudaich bròn dhomh ’s a lùghdaich sòlas
Gun duine còmhl’ rium a ni rium cainnt.
Gach latha ’s oidhche ’s gach car a ni mi
Gu ’m bi mi cuimhneachadh anns gach àm
An tìr a dh’ fhàg mi tha ’n taic an t-sàile,
Ged tha mi ’n dràst ann am bràighe ghleann.

(III)
Cha ’n ioghnadh dhomhsa ged ’tha mi brònach,
’S ann tha mo chòmhnuidh air cùl nam beann,
Am meadhon fàsaich air Abhainn Bhàrnaidh
Gu ’n dad a’s feàrr na buntàta lom.
Mu ’n dean mi àiteach ’s mu ’n tog mi bàrr ann
’S a’ choille ghàbhaidh ’chur ás a bonn
Le neart mo ghàirdein, gu ’m bi mi sàraichte
Is treis air fàilinn mu ’m fàs a’ chlann.

(IV)
’Si so an dùthaich ’s a bheil an cruadal
Gun fhios do ’n t-sluagh a tha tigh ’nn a nall,
Gur h-olc a fhuaras oirnn luchd a bhuairidh
A rinn le ’n tuairisgeul ar toirt ann.
Ma ni iad buannachd cha mhair i buan dhaibh,
Cha dean i suas iad ’s cha ’n ioghnadh leam,
’S gach mallachd truaghain a bhios ’g an ruagadh
Bho ’n chaidh am fuadach a chur fo ’n ceann.

(V)
Bidh gealladh làidir ’ga thoirt an tràth sin,
Bidh cliù an àite ’g a chur am meud;
Bidh iad a gràitinn gu bheil ’ur càirdean
Gu sona saibhir gun dad a dh’ éis:
Gach naigheachd mheallta ’g a toirt gu ’r n-ionnsaidh-se
Feuch an sanntaich sibh dol nan déigh;
Ma thig sibh sàbhailt ’n uair ’chi sibh iadsan
Cha ’n fheàrr na stàtachan na sibh féin.

(VI)
’N uair théid na dròbhairean ’sin ’gur n-iarraidh,
’S ann leis na briagan a ni iad feum,
Gun fhacal firinn a bhi ’g a innse
’S an cridhe ’dìteadh na their am beul:
Ri cur am fiachaibh gu bheil ’s an tìr so
Gach ni a’s prìseile tha fo ’n ghréin:
’N uair thig sibh innte gur beag a chi sibh
Ach coille dhìreach ’toirt dhibh an speur.

(VII)
’N uair thig an geamhradh is àm na dùbhlachd
Bidh sneachda ’dlùthadh ri cùl nan geug,
’S gu domhain dùmhail dol thar na glùine,
’S ge maith an triùbhsair cha dean i feum,
Gun stocain dhùbhailt’ ’s a’ mhocais chlùdaich
’Bhios air a dùnadh gu dlùth le éill;
B’e ’m fasan ùr dhuinn a cosg le fionntach
Mar chaidh a rùsgadh de ’n bhrùid an dé.

(VIII)
Mur bi mi eòlach airson mo chòmhdaich
Gu ’m faigh mi reòta mo shròn ’s mo bheul;
Le gaoth a tuath a bhios neamhail fuaraidh
Gu ’m bi mo chluasan an cunnart geur.
Tha ’n reothadh fuath’sach, cha seas an tuagh ris,
Gu ’m mill e chruaidh ged a bha i geur;
Mur toir mi blàths d’i gu ’m brist an stàilinn,
’S gun dol do ’n cheàrdaich cha gheàrr i beum.

(IX)
’N uair thig an sàmhradh ’s a miosa céitean
Bidh teas na gréine ’g am fhàgail fann;
Gu ’n cuir i spéirid ’s a h-uile creutair
A bhios fo éislean air feadh nan toll:
Na mathain bhéisteil gu ’n dean iad éiridh
’Dhol feadh an treud ’s gur-a mòr an call;
’S a’ chuileag inneach gu socach, puinsionta’
’Gam lot gu lìonmhor le roinn a lainn.

(X)
Gu ’n dean i m’ aodann gu h-olc a chaobadh,
Cha ’n fhaic mi ’n saoghal ’s ann ’bhios mi dall;
Gu ’n at mo shùilean le neart a cunngaidh,
Ro-ghuineach druidteach tha sùgh a teang’,
Cha ’n fhaigh mi àireamh dhuibh ann an dànachd
Gach beathach gràineil a thogas ceann,
’S cho liugha plàigh ann ’s a bh’ air rìgh Phàraoh
Airson nan tràillean ’n uair ’bhàth e’n camp’.

(XI)
Gur h-iomadh caochladh ’tigh ’nn air an t-saoghal
’S ro-bheag a shaoil mi ’n uair bha mi thall;
Bu bheachd dhomh ’n uair sin mu ’n d’rinn mi gluasad
Gu ’m fàsainn uasal ’n uair ’thiginn ann.
An car a fhuair mi cha b’ ann gu m’ bhuannachd,
Tigh ’nn thar a’ chuain air a’ chuairt bha meallt’
Gu tir nan craobh anns nach ’eil an t-saorsainn
Gun mhart gun chaora ’s mi dh’ aodach gann.

(XII)
Gur h-iomadh ceum anns am bi mi ’n déis làimh
Mu ’n dean mi saibhir mo theachd-an-tir;
Bidh m’ obair éigneach mu ’n toir mi feum aisd’
’S mu ’n dean mi réiteach airson a’ chroinn:
Cur sgonn nan teintean air muin a chéile
Gu ’n d’ lasaich féithean a bha nam dhruim,
’S a h-uile ball diom cho dubh a sealltainn,
Bidh mi ’gam shamhlachadh ris an t-suip.

(XIII)
Ge mòr an seanachas a bh’ aca ’n Albainn
Tha ’chùis a dearbhadh nach robh e fior:
Na dollair ghorma cha ’n fhaic mi falbh iad
Ged bha iad ainmeil a bhi ’s an tir.
Ma nìtear bargain cha ’n fhaighear airgiod,
Ged ’s éigin ainmneachadh anns a’ phrìs,
Ma gheibhear cùnnradh air feadh nam bùithean
Gu ’m pàighear null e le flùr no im.

(XIV)
Cha ’n fhaic mi margadh no latha féille
No iomainn feudalach ann an dròbh,
No nì ’ni feum dhuinn a measg a chéile,
Tha ’n sluagh nan éigin ’s a h-uile dòigh,
Cha chulaidh fharmaid iad leis an ainbhfhiach
A reic na shealbhaicheas iad an còir;
Bidh fear nam fiachan is cromadh cinn air
’Ga chur do ’n phrìosan mur diol e’n stòr.

(XV)
Mu ’n tig na cùisean á taigh na cùrtach
Gu ’n téid an dùbhlachadh aig a’ mhòd,
Tha ’n lagh a giùlan o làimh na cuairt (jury)
Gu ’n téid a spùinneadh ’s nach fiù e’n còrr,
Bidh earraid siùbhlach air feadh na dùthcha
’G an ruith le cunntasaibh air an tòir;
Gur mòr mo chùram gu ’n tig e ’m ionnsaidh,
Cha ghabh e diùltadh ’s bidh diùbhail oirnn.

(XVI)
Cha ’n fhaigh mi innse dhuibh anns an dàn so
Cha dean mo nàdar a chur air dòigh
Gach fios a b’ àill leam ’thoirt do na càirdean
’S an tir a dh’ fhàg mi ’rinn m’ àrach òg.
Gach aon a leughas e tuigibh reusan
’S na tugaibh éisdeachd do luchd a’ bhòsd,
Na fàidhean bréige a bhios ’gur teumadh,
Gun aca ’spéis dhibh ach déigh ’ur n-òir.

(XVII)
Ged bhithinn dichiollach ann an sgrìobhadh
Gu ’n gabhainn miosa ris agus còrr
Mu ’n cuirinn crìoch air na bheil air m’ inntinn
’S mu ’n tugainn dhuibh e le cainnt mo bheòil.
Tha mulad diomhair an déigh mo lionadh
Bho ’n ’s éigin strìochdadh an so ri m’ bheò,
Air bheag thoilinntinn ’s a’ choille chruinn so
Gun duine faighneachd an seinn mi ceòl.

(XVIII)
Cha b’e sin m’ àbhaist an tùs mo làithean
’S ann bhithinn ràbhartach aig gach bòrd,
Gu cridheil sunndach an comunn cùirteil
A ruith ar n-ùine gun chùram oirnn,
’N uair thug mi cùl ruibh bha mi ’gur n-ionndrainn
Gu ’n shil mo shùilean gu dlùth le deòir,
Air moch Diar-daoin a dol seach an caolas
’S an long fo h-aodach ’s a’ ghaoth o’n chòrs’.

 

Le Iain Mac Ailein mhic Iain mhic Theàrlaich mhic Lachainn mhic Dhòmhnuill òig mhic Iain mhic Eobhain mhic Lachainn Fhinn Mac Gilleain.

no

Am Bàrd Gilleathain (1787 gu 1848)

(Sgrìobh am Bàrd Gilleathain an òran so ri chéile nuair a fhuair ead talamh ùr ann air Albainn Nuadh, Dùthaich nan Craobh. ‘S òran so thun an cuimhneachan agus an onoir nam muinntir Gàidhealach nuair a dh’ fhàg ead a-muigh as na Seann Ghaidhealtachd thun thairis na tonn gu Dùthaich nan Craobh. Sgrìobh e ‘n òran so mu 1817 b’ fheudar. Agus bha ‘n òran so ‘n chiad òran a sgrìobh e shìos bho thàinig ead thun ann gu h-Albainn Nuadh.)