(I)
’S bochd an creachal ’th’ air m’ inntinn
Is cha ’n urrainn mi ’dhìobradh,
Ma tha ’n sgeula cho fior ’s tha iad ’gràitinn
’S bochd an creachal, ‘th’ air m’ inntinn
Is cha ’n urrainn mi ’dhìobradh,
(II)
Gu ’n do thionndaidh thu ’m fuath rium,
’N déigh do ghaol ’bhi cho buan domh,
’S gu ’n do thagh thu fear fuadainn am àite.
(III)
Gur h-e mheudaich mo ghaol ort,
Do ghruaidh dhearg ’bhi mar chaoran,
Is do ghnùis bhi ciùin aobhach, glan, nàrach.
(IV)
Thu bhi sìobhalta caoimhneil,
Banail, baintighearnal, aoibheil,
Suairce, ceanalt’, gun fhoill ann ad nàdar.
(V)
Do chùl bòidheach, mìn, liomharr
Tha ’na chamagan snìomhain;
Tha gach mais’ ort, a ribhinn na h-àilleachd.
(VI)
Gur h-i ’n naigheachd a fhuair mi
’Dhùisg an anshocair bhuan dhomh;
Dh’ fhàg i aiceadach truagh mi gun slàinte.
(VII)
Ge b’ e fear ni do bhuannachd,
Gur leis déideag na h-uaisle,—
Guidheam piseach is suaimhneas ri d’ là dhuit.
Le Gilleasbuig Mac-Phail.
(‘S an òran so do chuimhne nan daoine Thìr-Idhe no Tiriodh mar rugadh ’s togadh e san àite so. Fhuair an òran so chall airson bliadhna fhada, ‘ch thill sin chun nam muinntear Gàidheal air ais a rithisd ann san Cala Mór / Halafags air Albainn Nuadh air Dùthaich nan Craobh.)