Òran do Gilleasbuig Làidir

(I)
Fhuair mi sgeula mo sgaraidh
Mu ’n do mhiosaich an t-earrach,
Gu ’n robh m’ eudail ga bhannadh
An ciste chaoil air a sparradh,
’S e air ghiùlan aig fearaibh
’S mnathan tùrsach dheth galach.—
Dh’ fhàg a bhàs fo throm-eallach na càirdean.
Dh’ fhàg a bhàs fo throm-eallach na càirdean.

(II)
Na’m bu bhàrd mi cho fasant’
’S a tha ’n taobh so de Shasunn
Dh’ innsinn sios dhuibh an eachdraidh
Mar-a thàinig na gaisgich,
Na fir òga, dheas, dhreachdmhor,
’Choisinn cliù ’s cha bu mhasladh,
’S tha ’nis sgaoilte mar ghainimh na tràighe.

(III)
Mo theinn chruaidh mar-a thachair
Gu bheil Teàrlach an tasgaidh,
’S fear ’s na h-Innsibh de d’ mhacaibh;
’S òg a ghabh e bhuainn astar;
’S iomadh aon a ghabh beachd air;
Gu ’n robh spionnadh ’na ghlacaibh;
Bha e cruadalach, sgairteil, fior-àlainn.

(IV)
Latha ’Nollaig so chaïdh
Bha na h-uaislean gun aighear
Mu dheadh-Cheannard an rathaid
Ga ’n robh leigeadh is gabhail.
Gur-a cruaidh leam an t-saighead
’Chuir ’s an ùir thu ’n ad laidhe:—
Ach de ’m fàth dhuinn ’bhi ’gearan na dh’ fhàg sinn.

(V)
Bu tu coltas a’ ghaisgich
’Dheanadh gniomh anns a’ bhaiteal.—
Taobh do chùil gu ’n robh tlachd ort,
Ceum bu rioghail air faiche,
Gruaidhean min-dhearg, daithte,
Beul na fìrinn ’s a’ cheartais;
Cha b’ i ’n fhoill’ bhiodh ad bheachd ’n uair bhiodh mòd ann.

(VI)
’S ann ad cheann a bha ’n riaghailt,
’S mòr an tuigse ’bha riamh ann.—
Ged-a ruigeadh na ciadan
Gu ceann-uidhe na fialachd
Cha bu doicheall a dheante,
Bhiodh gach ni mar-a dh’ iarrte,
’S bheirte deoch mar bu mhiann agus ceòl dhaibh.

(VII)
Bha thu ’theaghlach nan curaidh
’Choisinn cliù ’s a fhuair urram,
Leibh a dh’ éireadh gach duine
’Nàm ’bhi ’tràghadh nam buideal.
Bhiodh ur gillean air stuidear
Ag òl fiona le furan,—
Ochain, thriall sibh nis uile air falbh bhuainn.

(VIII)
Taing do Dhia mar a tha sinn
Gu bheil mac ann ad àite,
Slat de ’n iubhar a’s àille,
Fiùran foghainteach làidir.
C’ àit’ am faicear fear àilleachd
No fear spionnadh a ghàirdean?
Cha ’n e breug tha mi gràitinn ’s cha bhòsd e.

(IX)
’S iomadh baintighearn’ òg éibhinn
Ann an Sasunn ’s an Eirinn
’S ann am baile Dhuneideann
’Chunntadh miltean gun déigh orr’
Airson fhaotuinn mar chéile,
Am flath eireachdail ceutach
A ghrad-thilleadh leis féin an luchd-tòrachd.

(X)
Sguiridh mise ’s gun tàmh mi;
Tha mo chridhe gu sgàineadh
’S mi a’ smaoinntinn mar tha mi
Gun cheann-cinnidh, gun chàirdean
A ni feum ann am chàs dhomh.
Chaidh mo chuideachd a sgànradh
’S luchd na foille tha nan àiteachan còmhnaidh.

Le Gilleasbuig Mac Gilleathain.

(Rugadh ‘s togadh Gilleasbuig Làidir air Tìr-Idhe, ‘gus bha Fíor Gàidheal e fhé cuideachd. Rinn e comhaireachd an-mhor an aghaidh nan tighearnan talamh ann air Tìr-Idhe gu h-àiridhe ‘gus thosaidh e cathan an aghaidh ortha gach aon àm. Chaochail e san bhliadhna 1830. Bha sluagh mór nan charaidean aige ‘gus sheas ead in aice e ri linn gach aon trod ‘s cath cuideachd.)

(Fhuair an òran so chall airson bliadhna fhada, ‘ch thill e sin chun nam muinntir Gàidhealach air ais a rithisd mu bliadhna 1880 agus bha e sin ann Cala Mór / Halafags air Albainn Nuadh.)