Oran Gaoil

(I)
Gur h-e mis’ tha fo éislean
’S neo-éibhinn mo shunnd,
A’ smaointinn mu d’ dhéibhinn-sa
’Euchdag ghlan, ùr.
Le do bhòidhcheid ’s le d’ bhrìodal
Mo chrìdh’ bhuam shlad thu,
Anns gach àite bidh d’ iomhaigh
’Na m’ inntinn, a rùin.

(II)
Gur h-e cumha do ghaoil
A dh’ fhàg aognaidh mo shnuadh;
’Se a dh’ fhàg mi fo mhì-ghean
Mo mhìn-mhal’ ’bhi bhuam.
Tha leann-dubh air mo lionadh
’S tha m’ inntinn fo ghruaim
’S e bhi tuireadh mu d’ dhéibhinn
A léir mi cho truagh.

(III)
’S beag an t-ioghnadh dhomh ’n tràth so
’Bhi stràchdte fo sprochd;
Tha mo smaointinnean cianail,
’S gur piantach mo lot.
Mur-a till thu an gràdh rium
’Thé ’s àlainne dreach
Bidh mi tuilleadh fo phràmh
’S mi gun slàinte, gun neart.

(IV)
Cha ’n ’eil iocshlaint’ aig léigh
’Dheanadh feum do mo lot
’S ann tha saighdean a ghaoil
Anns gach taobh dhiom gu goirt,
Gur h-e ’leigh’seadh gach creuchd
S’ thogadh m’ éislean gu gean,
Mi ’gad fhaotuinn air làimh
An còir theann mar mo bhean.

(V)
’S ann a thug mi ’n cion-falaich
Do ’n ainnir ghloin òig;
Té nam miog-shuilean meallach
Fo ’n mhala a’s bòidhch’.
Tha do ghruaidh mar na caoran
’S tearc aogasg na h-òigh’;
Tha i fìnealta, suairce,
Ciùin, stuama, gun phròis.

(VI)
Tha i banail ’na beus,
Tha i céillidh na cainnt;
Tha i uasal na gnàths,
Tha i màranach grinn;
Tha i furanach caoimhneil,
Gur h-aoibheil a gnùis;
Tha gach buaidh oirre dh’ iarrainn,
Oigh chiatach mo rùin.

 

Le Teàrlach mac Iain am Bhard Mac Gilleathain (1813 gu 1880)

(Bha fear mhath a Teàrlach Mac Gilleathain agus rugadh e air Tiriodh air 24mh Iuchar 1813 agus shiubhail e gu bhàis air 27mh Òg-mhìos 1880. Cha fhuair e phòstamh agus bha mór an-truagh sin. Bha Teàrlach an chiad mhac nan Iain am Bhard Mhor, agus dheun e dachaidh san Gleann a’ Bhàrd, Albainn Nuadh)