Òran Le Té Ga Leannan

(I)
Latha dhomh ’bhi ’s taigh-òsda,
Giullan bòidheach bha ann;
Gu ’n do dh’ òl e mo shlàinte
’S gu ’n do phàidh e an dram.
Shuidh e làmh rium a sheanachas,
’S bu neochearbach a chainnt;
Chuir e ’ghradh ann an céill dhomh,
Sgeul an éibhneis sin leam.

(II)
M’ uile chrìdh’ is mo ghealladh
Thug mi dh’ fear a chùil òir;
Suil a’s miogaiche sealladh
Is gruaidh thana mar ròs;
Beul tha briodalach, meachair,
Deud mar chailc ’s e gun spòrs:
B ’e mo mhiann a bhi faisg ort
Fhir a’s blaisd’ o ’n tig pòg.

(III)
Pòg a’s millse na ’n siùcar
Thig bho ’n fhiùran ùr òg:—
’N àile, chunnaic mi uair thu,
’S leat cha b’ fhuathach ’bhi ’m chòir.—
Aig a mheud ’s thug mi ’ghaol dhuit
Cha an fhaod mi bhi beò;
Bho na thréig thu do ghealladh
’S e ni fàbhar dhomh ’n fhòid.

(IV)
Tha leann-dubh air mo lionadh,
Tha mo chrìdh’ mar an luaidh’;
Ciamar bhitheas mi ceart dheth,
Bho na ghabh thu orm fuath?
Och is och, gu de ’n t-aobhar
Mu ’n do chaochail thu, ’luaidh?
’S tu bhi cinnteach a’m’ neo-chiont,
’S gur-a droch sgeul a fhuair.

(V)
C’ arson ’chreid thu droch sgeul orm
’Fhir a’s ceutaiche gnùis?
Tha thu d’ aonar a’ faotuinn
M’ uile ghaol-sa, a rùin.
’S mòr gu ’m b’ fheàrr thu a’d léine
No mar ’dh éireadh tu rùisgt’
Na ged gheibhinn fear stòrais
’S gun mi ’n tòir air bho thùs.

(VI)
Ged-a bhiodh iad mu ’m chomhair
Fir an domhain gu léir,
Is gu ’m faighinn mo roghainn
’S tusa ’thaghainn dhomh féin.—
’S i do phòg le làn dùrachd,
Fhir a’s rùnaich’ fo ’n ghréin,
’Chuireadh m’ éislean air fògradh,
’Chuireadh bròn bhuam air sgèith.

(VII)
Ged-a chunnaic mi ’m bàta
Cha do dh’ fhàiltich mi ris:
Gu ’n robh mise bochd cràiteach
Agus iadsan air mhisg,
’S iad ag òl mo dheoch-slàinte
Ga mo réiteach gun fhios:
Thug mi dùbhlan do ’m chàirdean,
Chaoidh cha tàlaidh mi ris.

(VIII)
’S e tha ’tighinn air m’ aire
’S ga mo ruighinn gu teann
Iad ’bhi ’g iarraidh mo phòsadh
Ri fear-stòras gun taing.
Cha toir mise gu bràth dha
Mo dheas-làmh ann am bann;
’S ann tha cùmhnanta m’ fhacail
Ann an Glaschu nan Gall.

(IX)
Tha mo chion air an fhleasgach
Innidh, leadanach, ùr.
’N uair a dh’ éireadh tu d’ sheasamh
Gu ’m bu deas thu, bho d’ chùl.
Gur-a math thig dhuit deise
De na bhreacan o’n bhùth;
’N uair a thigeadh tu làmh rium
Chuireadh d’ fhàilt’ mi gu sunnd.

(X)
’Fhir a dhìreas am bealach
Thoir leat soraidh bhuam féin,
’S dean a liubhairt do ’n òigear sin
A’s spòrsaile ceum.
A cheart aindeoin gach gruagaich
A ni suas riut a’m’ dhéigh
’S tric a bha mi ’s tu ’n uaigneas
Air a’ bhuaile leinn fein.

Le Neo-ainmeil.

(‘S seann òran eile so. Sgrìobh i so mu’n bean òig agus an fear a chroidh’ aice. Bha ead Fìor Gàidheil gun teagamh mar bha móran fuathas aca chun a’ Ghalltachd ann san Albainn, agus bha ead fo cheanntar Loch Aillse ead fhé. San òran so tha ‘n bean ‘cainnt ‘s ‘ceòil mu ‘n am fear ‘seol a-muigh as an cheanntar chun a’ Ghalltachd agus cha robh i gu math le sin.)

(Fhuair an t-òran so chall ann san Seann Ghàidhealtachd, ach chaoidh i thairis nan tonn gu Dùthaich nan Craobh agus dh’ éirich i shuas air ais a rithisd san Cala Mór air Albainn Nuadh san Dùthaich nan Craobh, agus fhuair i shàbhàilt’ le làmhan Iain mac Ailein.)