Cath Raon Ruairidh

(I)
An ainm an aigh nì mi tùs,
Air a mheanmna so’m run,
Chan i ’so ’n aimsir mu ’n dùin an Cèitein oirnn.

(II)
Nach fhaic sibh loingeas an righ,
‘Cur an spionnadh gu tìr,
Chan e ’n t-Uilleam tha mi cho déidheil air.

(III)
Ach righ Seumas ’s a shìol,
A dh’ordaich Dia ‘gus ùr dìon;
Cha righ is iad d’am fiach dhuinn géilleachdainn.

(IV)
Ach mar dtig thu air ball,
‘S de léintean criosa ga ’n call.
‘S ceud misde leinn thall san Éipheit thu.

(V)
An comunn ciogailteach tlàth,
Shuidh an ionad nan stàit,
Mar cho-meata chuir Sàtan seula riù.

(VI)
Paca sligneach nan ceilg.
D’am bu dligheach a mheirg,
Dhubh am fitheach le salchar eucair iad.

(VII)
Cha b’e’m brathadair còir,
Bha cur gabhail fo’m fhòid,
Ach fear an taigh’ nach bu choir ‘bu pheucan daibh.

(VIII)
Ann sa bheithe bheag òg
Tha fo bhaile Mhic-Dheòrs’,
Gur a h-iomad fear sròil ‘bha reubte ann.

(IX)
‘S iomad biorraid is gruaig,
‘Bha gan spealtadh mu ’n cnuaic,
Bha fuil dhàthte’ na stuaidh air feur am muigh.

(X)
Fhuair sibh dèannaidh sa choill,
Bho chruaidh lannaibh sìol-chùinn,
‘Chuir ’nur dèanaibh thar tuinn trom-chreuchdach sibh.

(XI)
An Raon Ruairidh nam bad,
Bu lìonmhor uaigh is corp rag,
Mìle shluasaid is caib’ gan léidigeadh.

(XII)
A shàr Chléibhir nan each,
Bu cheann-feadhna thu air feachd,
Mo chreach léir an tùs gleachd mar dh’éirich dhuit.

(XIII)
Bu lasair theine dhaibh t’ fhearg,
‘Gus an dh’éirich mì-shealbh,
Bhuail an peileir fo earball t’ éideadh thu.

(XIV)
Bu mhor cosgradh do làmh,
Fo h-aon chlogaide bàn;
Do chorp nochduidh geal, dàn, gun éideadh air.

(XV)
Cha robh eascaraid suas,
Eadar Arcamh is Tuaidh,
Mur bhi ’n tacaid a bhuail san eudann thu.

(XVI)
Nuair bhruchd t’ uaislean am a-mach,
Cha sgaoth bhuachaillean mhart,
Ach luchd bhualadh nan cnap gu spéireadail.

(XVII)
Air a bhruthach a stad,
Os-cionn dhubhar nam bad,
Luchd cur ’nan siubhal gu grad na reubaltaich.

(XVIII)
Clann-Dòmhnaill an aigh,
Luchd a chonnsaich gach blàr,
Cha do ghabh iad riamh sgath ròim reubaltaich.

(XIX)
‘S lìonmhor spalpaire dian,
Bha fo ’n cuid bhratach dol sìos,
Cha b’ ascaird ach lìon rèiseamaid.

(XX)
‘S iomad flùran deas òg,
Gun làn dùirn air de dh’fheòl,
‘Ghearradh claignean is smòis, is fèitheannan.

(XXI)
Mo run an Dòmhnall Gorm Óg,
Bho ’n tùr Shléitich a bho ’n Órd,
Fhuair thu deuchainn ’s bu mhor an sgeula sin.

(XXII)
Mo ghaol an tànaistear ur,
B’ óg am planntas mo run,
‘S cha ‘b ‘e ’n campair air chul na sgeithe e.

(XXIII)
Mo ghràdh an t-Alasdair Dubh,
Bho n-Aird Gharraidh nan sruth,
‘Chuir ’nan siubhal gu tuigh na reubaltaich.

(XXIV)
‘S bha bràthair eil’ ann, Iain Óg,
‘S dh’aomaich peileir troimh ‘fheòil,
‘S caol a thèarainn e beo bho ’n spéileireachd.

(XXV)
Th’ an cogadh so searbh,
Air a thogail gu garg;
Ge ceann nathrach bioth earrball peucaig air.

(XXVI)
‘S e ‘Prionns’ Uilleam ’s shluagh,
‘Dh’fhàg an dùthaich so truagh,
Nuair a chuir iad thar cuan righ Seumas bhuainn.

(XXVII)
Guidheam sgrios orra ’s plàigh,
‘S gort is miosguinn is bàs,
Air an sliochd mar bh’ air al na h-Éipheite.

(XXVIII)
Gach aon latha dol sìos,
Caigneadh chlaidhimh troimh’m bian,
‘S coin a caitheamh an dìol air sléibhtichinn.

(XXIX)
Thig am Frangach a-steach,
Le treun champa chuid each,
‘S bidh a bhangaid ’s a bhreac-staoig glèidhte dhuit.

(XXX)
Théid thu ‘Hanóbhar ar ais,
Thig an cot dhìot an cais’,
‘S i sean choir a chion ghlais a b’fheumaile.

(XXXI)
Mheall sibh ’null thar na h-abhuinn,
Iarla n-Athall ’s a bhràthair;
Chuir sibh ’n làimh an toll-bith iad,
‘S loisg sibh dùthaich Iarl’ Eàrlaidh.

(XXXII)
Tha do thiodalan lìonmhor,
‘Cumail dìon air do chairdean.
Tha thu ’d mharcus am bliadhna,
‘S gur tu Iarl’ Thulaich-Bheardainn.
Geàrd an righ tha fo t’ ordagh,
‘S thu ’d mhorair Ghlinn-Amuinn.
‘S ged a dhèanadh iad diùc dhiot,
Bu mhath ‘b’ fhiù thu ’n t-àite.

Le Iain Lom Mac Dòmhnaill nan Ceapaich (1620 go 1709)