Sean Facail Talamh Fuar

Iain MacPhàdruig: Sin sibh, a-nise.

Tormod Dòmhnullach: Thàinig mise an seo airson beagan shean-fhacal a chlàradh. Tha cuid dhiubh a tha gu math annasach agus faodaidh gum bheil cuid dhiubh nach eil cho annasach. Ach co-dhiù na co-dheth, tha dà cheud agus dà fhichead agus beagan a bharrachd agam. Agus bu mhath leam am fàgail ann an seo airson gum biodh iad co-dhiù agaibh air chlàr agus nach biodh iad caillte. ’S e a’ chiad fhear a tha mi a’ dol a’ chlàradh dhuibh. Dòcha gum bheil fios aig gu leòr air gur sheana gu leòr.

Cha tig an aois leatha fèin. = Old age doesn’t come by itself.

Iain MacPhàdruig: Seadh.

Tormod Dòmhnullach: An dàrna fear: Na bi gun chù ’s na beathaich cuilean. = The second one: don’t be without a dog or young animals.

Na bi gun chù ’s na beathaich cuilean. = Don’t be without a dog or young animals.

Agus ’s e bu choireach dha seo gum bheil na cuileanan cho luasganach agus cho dona go bhith a’ cluich agus uaireannan cagnadh bhrògan agus rudan mar sin agus gum biodh daoine rudeigineach searbh dheth. [And the reason for this is that puppies are so restless that very bad for playing and sometimes they’d chew shoes and things like that and folk would get a bit fed up with it].

’Se treas fear: Is mairg a thug a shàr-fhacal = The third one: woe to him who gave an excellent word.

Is mairg a thug a shàr-fhacal = Woe to him who gave an excellent word.

Agus gu fìreannach, tha sin cho fìor ri rud a chuala mi, feadhainn a theireadh an sàr-fhacal agus ’s dòcha an ceann bliadhnaichean gun robh an rud a’ tighinn air ais orra fhèin. Is mairg a thug a shàr-fhacal.

Agus an ceathramh fear: Is mairg a dhèanadh na dh’fhaodadh e. = And the fourth one: pity him who only does what he may, i.e. only prepared to do the bare minimum.

Agus ’s e fìor fhacal fìreannach a tha ann sin. Is mairg a dhèanadh na dh’fhaodadh e. = And that’s a very true one. Pity him who only does what he may.

Iain MacPhàdruig: Stadaibh a-nise a’ dol air ais go shàr-fhacal am b’ urrainn dhut beagan mìneachaidh a thoir air an fhacal seo sàr-fhacal, a shàr-fhacal. An e seo gum biodh daoine a’ toir gealladh seachad do chuideigin eile?

Tormod Dòmhnullach: Ò, chan e. Nam biodh duine ann a thogadh droch-nàdar daoine eile agus gun canadh an duine seo ris rud a chuireadh an àite fhèin e agus chiùrradh aige go goirt. Sin agaibh an sàr-fhacal, mar gum b’ eadh aoir ann.

Iain MacPhàdruig: ’S e dìreach, glè mhath.
Tormod Dòmhnullach: Agus dh’fhaodadh gun tigeadh an rud seo air ais air an duine a thug an sàr-fhacal.
Iain MacPhàdruig: Seadh dìreach.

Tormod Dòmhnullach: Sin agaibh e. Agus bidh mi toilichte rud sam bith a cluinneas sibh anns na sean-fhacal mus stadaidh sibh agus mus do chur stad orm fhìn agus gun iarr sibh mìneachadh.
Iain MacPhàdruig: Glè mhath, ’s ann, ’s ann dìreach glè math.

Tormod Dòmhnullach: Agus is mairg a dhèanadh na dh’fhaodadh e. Tha an aon ni fìor mu dheidhinn an duine sin. An duine a rachadh dìreach tuilleadh ’s a’ chòir go bhith a’ dèanamh peanaist air an duine eile.

Is mairg a dhèanadh na dh’fhaodadh e = Pity him who only does what he may.

’S e a’ choigeamh fear: Cha do chleachd an capall an spoth = The fifth one. The mare is not used to castration.

Cha do chleachd an capall an spoth = The mare is not used to castration.

Iain MacPhàdruig: Seadh.
Tormod Dòmhnullach: Tha sin…An cuala sibh sin riamh?
Iain MacPhàdruig: Cha chuala mise riamh.
Tormod Dòmhnullach: Ò, ma-thà, tha sin a’ ciallachadh duine a bhiodh a’ dol go obair air nach e eòlach agus dh’fhaireachadh e an obair anabarrach anabarrach doirbh.
Iain MacPhàdruig: Seadh dìreach.
Tormod Dòmhnullach: Cha robh e eòlach air an obair. ’S dh’fhaireachadh e an obair mar gum b’ eadh e na pheanaist uamhasach.

Iain MacPhàdruig: Seadh dìreach.
Tormod Dòmhnullach: Cha do cleachd…cha robh e a’ cleachdadh aige air an obair agus cha do chleachd an capall an spoth.

Iain MacPhàdruig: Glè mhath.
Tormod Dòmhnullach: A bheil sin a’ dèanamh soilleir?
Iain MacPhàdruig: Tha, tha, glè mhath.

Tormod Dòmhnullach: ’S e an ath-fhear: Faochadh ron bhàs = And the next one. Relief before death.

Faochadh ron bhàs = And the next one. Relief before death.

Sin agaibh sean-fhacal eile. Faochadh ron bhàs. Nise, tha an còmhnadh, an còmhnaidh, duine a tha glè bhochd, glè thinn man tig a’ chrìoch, tha iad a’ faighinn beagan faochaidh, tha a’ phian agus an cràdh a’ falbh agus tha iad a’ faighinn saorsa. Theireadh iad ri seo: Faochadh ron bhàs.

Nuair a thigeadh mo chàirdean, thigeadh iad còmhladh = When my friends arrive, they arrive in number.

Agus tric a thachair e. Chunnaic mi sin a’ tachairt iomadach uair nar a bhithinn a’ tadhal air caraide ’s dòcha gun tigheadh dithist no triùir nam bithinn a-staigh deigh mionaidean: Nuair a thigeadh mo chàirdean, thigeadh iad còmhladh.

’S e ’n ath-fhear: Cuir na dubhan air na dathan = Putting the hooks with their colours.

Cuir na dubhan air na dathan = Putting the hooks with their colours.

Tormod Dòmhnullach: An cuala sibh am fear sin?
Iain MacPhàdruig: Ò, chuala, chuala, am fear sin tric gu lèor.
Tormod Dòmhnullach: Cha leig mi leas mìneachadh a thoirt…
Iain MacPhàdruig: Cha leig, dìreach.

Tormod Dòmhnullach: Cha leig. Agus ’s e an ath-fhear: Cha do dh’fhàg a’ bheannachd nach do thill a-rithist = No. And the next one: No blessing was given without being repaid.

Cha do dh’fhàg a’ bheannachd nach do thill a-rithist = No. And the next one: No blessing was given without being repaid.

Iain MacPhàdruig: Seadh, dìreach.
Tormod Dòmhnullach: An cuala sibh am fear sin?
Iain MacPhàdruig: Chuala. Tha mi a’ smaoineachadh gun chuala. Am bu mhath leibh mìneachadh a thoir air an fhear sin ma-thà?
Tormod Dòmhnullach: Bhell, innsidh mi dhuibhse càite a chuala mi e an toiseach ann an Ontario, Canada.
Iain MacPhàdruig: Seadh, dìreach.

Tormod Dòmhnullach: Anns a’ chiad àite a bh’ agam mar mhinistear. Bha bean chòir ann an sin. Chuir iad fios orm an toiseach airson gun cluinneadh mi a’ searmonachadh. Agus, co-dhiù, chual’…chaidh mi ann airson Sàbaid ’s chuala iad mi a’ searmonachadh agus ’s e a’ bhuil a bh’ ann gun do chuir iad gairm gam ionnsaigh agus thàinig mi. Agus ’s e ’n t-àite a chuir a’ bhean chòir a bha ann an seo orm nuair a choinnich mi rithe an dèidh mi a bhith pòsadh ris a’ choithional: Cha do dh’fhàg a’ bheannachd nach do thill a-rithist.

Iain MacPhàdruig: Agus cò mhunntir an àite a bha i an sin, a bheil dad a dh’fhios agaibh?
Tormod Dòmhnullach: Rugadh agus thogadh i ann Ontario agus ’s ann an Ì Chaluim Chille a dh’fhalbh a pàrantan.
Iain MacPhàdruig: Seadh dìreach. Glè mhath.

Tormod Dòmhnullach: ’S e ’n ath-fhear: An rud a chì an leanabh is e a nì an leanabh = The next one is: The thing a child sees, a child does.

An rud a chì an leanabh is e a nì an leanabh = The thing a child sees, a child does

Tha am fear sin coitchean gu leòr.
Iain MacPhàdruig: Tha.
Tormod Dòmhnullach: ’S dòcha nach bu chòir dhomh a bhith ga chur sìos.

’S e ’n ath-fhear: Duine math an rathaid mhòir, an diabhail mòr aig an taigh = A good man on the open road, and the very devil at home.

Duine math an rathaid mhòir, an diabhail mòr aig an taigh = A good man on the open road, and the very devil at home.

A chuala tu am fear sibh a-riamh?
Iain MacPhàdruig: Chan eil mi a’ smaoineachadh gun do chuala.

Tormod Dòmhnullach: Agus chuala mi innse eile air: Duine math an rathaid mhòir, a’ bhèist mhòr aig an taigh = And I’ve heard another version of it: A good man on the road, and a great beast at home.

Duine math an rathaid mhòir, a’ bhèist mhòr aig an taigh = A good man on the road, and a great beast at home.

Iain MacPhàdruig: Seadh dìreach.

’S e ’n ath-fhear: Is miosa brochan gun salann na balach gun fheusaig = The next one: Worse is saltless porridge than a beardless youth.

Is miosa brochan gun salann na balach gun fheusaig = Worse is saltless porridge than a beardless youth.

Iain MacPhàdruig: Glè mhath.
Tormod Dòmhnullach: Nise, ’s ann an Canada a chuala mi am fear sin.
Iain MacPhàdruig: ’N ann?
Tormod Dòmhnullach: Ann an teas-meadhan Cuidhbéig.

Iain MacPhàdruig: Seadh dìreach.
Tormod Dòmhnullach: Aig duine còir a bha na fhoirfeach.
Iain MacPhàdruig: Seadh.
Tormod Dòmhnallach: Agus ’s ann a mhuinntir Lèodhais a bha athair.
Iain MacPhàdruig: À, seadh dìreach.
Tormod Dòmhnullach: Agus bha e fhèin, bha e ma cheithir bliadhn’ deug nar a..nar a sheòl iad go ruige teas-meadhan Cuidhbéig àite ris an canadh iad an Talamh Fuar.

Iain MacPhàdruig: Seadh dìreach.
Tormod Dòmhullach: Am bailtean an Ear anns a’ Bheurla ach tha ’n sean-fhacal uabhasach èibhinn.
Iain MacPhàdruig: Tha.

Tormod Dòmhnullach: Iasgair carraig a’ chait. = The cat’s rock is the fisherman.

Nise, am feumaidh mi seo a mhìneachach?

Iain MacPhàdruig: Feumaidh.

Dòmhnullach Tormod: Tha sin a’ ciallachadh duine a bhiodh…duine a bhiodh caran leisg agus gu sònraichte leisg ann a dhol a dh’iasgach = That means any man who was a bit lazy and especially so when he went to go fishing.

Iain MacPhàdruig: Seadh.

Tormod Dòmhnullach: Agus bu thoigh leis a dhol a dh’iasgach ach cha leigeadh an leisg leis a dhol ann thoradh uaireannan bhiodh an sìde gu math bagarrach agus feumaidh duine a tha a’ dol gu muir, feumaidh e a dhol ann ge brith gu dè an t-sìde innt’. Agus bha e ro dhidheall air clach an teinntein a bhith na shuidhe, eil fhios agaibh, faisg air an teine ’s cha chòrdadh fuachd a’ chuain ris. Agus sin àite air a bheil na cait glè mhiannach agus ’s e carraig a’ chait an cat an còmhnaidh air clach an teinntein. Co-dhiù, anns na…anns na seann taighean nuair a bha an teine am meadhan an ùrlair, bhiodh an cat an-còmhnaidh air clach an teinntein agus ’s e seo Carraig a’ Chait.

Iain MacPhàdruig: Seadh dìreach.

Tormod Dòmhnullach: Agus iasgair carraig a’ chait – duine nach deach riamh seachad air clach an teinntein a dh’iasgach = And the fisherman of the cat’s rock is a man who has never moved from the fireside to go fishing.

Iain MacPhàdruig: Glè mhath.

Tormod Dòmhnullach: ’S e ’n ath-fhear: Thoir gèill do gheasag is gèillidh geasag dhut = Give way to superstition and superstition will give way to you.

Thoir gèill do gheasag is gèillidh geasag dhut = Give way to superstition and superstition will give way to you.

Agus chunna mi sin glè thric a’ tachairt = And I’ve seen that happen very often.

’S e ’n ath-fhear: Ta sealladh aig a’ mharbh air a’ bheò = The next one: The dead have a view of the living.

Ta sealladh aig a’ mharbh air a’ bheò = The dead have a view of the living.

Iain MacPhàdruig: Seadh.
Tormod Dòmhnullach: Agus tha sin glè fhìor.

Ma chì thu fearann anns nach cinn luibhe, chì thu duine anns nach cinn mearachd = If you see land in which plants will not grow, you will see a man who doesn’t make mistakes.

Iain MacPhàdruig: Ò, seadh, glè mhath.

Tormod Dòmhnullach: ’S e ’n ath-fhear: Cha tàinig latha a’ choin dhuibh fhathast = The next one: The day of the black dog has yet to come.

Cha tàinig latha a’ choin dhuibh fhathast = The next one: The day of the black dog has yet to come.

Agus tha sgeulachd mhòr mu dheidhinn sin. ’S dòcha gun cuala sibh i?
Iain MacPhàdruig: Bhell, seadh, innsibh an-dràsda i.

Tormod Dòmhnullach: Agus ’s e ni a’ tachairt bho èirich seo, ’s ann mu dheidhinn fear do Chlann ’ic a’ Phì a bha na cheann-feadhna ann an Colabhsaidh a bha e.

Iain MacPhàdruig: Seadh.

Tormod Dòmhnullach: Agus thàinig do cumhachd bhon taobh thall a’ toirt ionnsaigh air ann an riochd uile-bheist = And his power came from the other side and attacked him in the guise of a monster.

Iain MacPhàdruig: Glè mhath.

Tormod Dòmhnullach: Agus an ath-fhear: Cha tèid ceann air taigh a’ mhagaidh = There’s no end to the house of mockery.

A cuala sibh sin?
Iain MacPhàdruig: Cha tèid ceann…

Tormod Dòmhnullach: Cha tèid ceann air taigh a’ mhagaidh = A roof will not go on the house of a mockerer.

Iain MacPhàdruig: Cha chuala.
Tormod Dòmhnullach: Nach chuala gu dearbh? Nise, anns na seann-lathaichean, bha na h-eileanaich gu math dìdheall air.

’S e ’n ath-fhear…mar…fear èibhinn: Ma ta thu airson a bhith buan na rach eadar an tè ruadh ’s a’ chreag = If you wish to go and harvest then don’t go between the red-haired woman and the rock.

Comhairle bhuam nach d’fhuaireadh agam = Advice from me which I didn’t gain for myself.

Sìn an lagh ’s na brist e = Bend the law do not break it.

Srathair an àite na dìollaid = Straddle instead of a saddle.

Le Tormod Dòmhnullach agus Iain MacPhàdruig

(Seo ‘n agallamh eadar Tormod Dòmhnullach agus Iain MacPhàdruig, agus bh’ iad ‘cainnt mu Sean Fhaclan nan Talamh Fuar. ‘S Talamh Fuar an t-ainm àite airson Cóigeamh Cuidhbéig ann san Chanada no Tìr na Craobh san Dùthaich nan Craobh.)