Suiridh a’ Bhòdaich

Luinneag:
Teann, teann, teann, a bhodaich,
Teann, fuirich thall a bhodaich,
Teann, teann, teann, a bhodaich,
’S na bi tigh’nn a chogadh oirnn.

AN NIGHEAN OG
’S a bhodaich na tig ga m’ iarraidh,
’S cinnteach mi nach pòs mi ’m bliadhn’ thu;
’S ann a tha do cheann air liathadh;
Bu chùis phianaidh dhomh do phòg.

AM BODACH
Ged-a tha mo cheann air liathadh
Cha ’n ’eil mi ach leith-cheud bliadhna,
Gheibh mi caileag òg, ma dh’ iarras,
A bhios riaraichte gu leòir.

ISE
Ged-a rachadh tu a dh’ ionnsaidh
Na tha chaileagan ’s an dùthaich
Cha ’n ’eil té dhiu a ni sùrd riut;
’S ann tha ’n sùil ’s na gillean òg’.

ESAN
Tha na gillean òga sgaomach,
’N uair a thachras iad ’s an fhraoch ruibh
’S a labhras iad ruibh gu faoilidh
Saoilidh sibh gu ’m bi sibh pòsd’.

ISE
Biodh iad suidhichte no sgaomach,
Tha iad laghach, tha iad aoidheil;
’S olc an té nach tugadh gaol dhaibh
’Us iad daonnan air a tòir.

ESAN
Ged-a bhiodh gille òg a’ d’ dhéigh-sa
’Se ’toirt gheallaidhnean air féin dhuit,
’S ealamh ’dheanadh e do thréigsinn
Airson euchdaige bu bhòidhch’.

ISE
’S e chuir mise ’n diugh fo éislean
Nach ’eil Aonghas Ruadh, no Seumas
No Iain donn ag ràdh rium, “Eudail”;
’S mòr an t-éibhneas an gill’ òg.

ESAN.
A ghaoil, nach dean thu leam lùbadh
’S pailtcas eòrna ’s coirc air m’ ùrlar:
Cha bhi d’ aran ort mar chùram
’S cha bhi thu gun leann a’ d’ stòp.

ISE
’S bochd an ni dhomh ’bhi mar tha mi,
’S tha mo mhàthair rium ag ràitinn
Pòs e ’s cha tig dad rì d’ là riut;—
So, a ghràidh, mo lamh ’s mo phòg

Thig, thig, thig, a bhodaich,
Thig, thig a nall, a bhodaich,
Thig, thig, thig, a bhodaich,
’S e ’chùis shogain a bhi d’ chòir.

Le Neo-ainmeil

(‘S an òran so mu bean òig ’suidich an seann fear na h-àite mar ’s an iarr oirre do fhaigh pòstadh ri chéile leis e gun mhall! ‘S òran gaoil annseo, ‘gus chan eil ùidh oirre thun airson am bàlaich òige na h-àite mar tha ùidh oirre aice thun seann fir amhàin! Tha i ‘obair thun ’suidich am bòdach amhàin annseo, ach tha ùidh aice thun seann fir eile mà chan eil caithream oirre leis am fear so. Fhuair an òran so chall san Seann Ghaidhealtachd, ach chaoidh e thairis nan tonn gu Cala Mór air Albainn Nuaidh san Dùthaich nan Craobh, agus tha e sin annso ’nis mar sin. Chuir Iain mac Ailean no Bàrd Mac Gilleathain an òran so san clò cuideachd.)