Taigh a’ Mhisgeir

(I)
Air oidhche ghruamach gheamhraidh fhuar,
’S mi ghabhail suas an t-sràid,
Clach-mheallain chruaidh, le gaoith a tuath,
A’ ruagail air an làr,
Bha deòiridh truagh, ’s na deòir na ghruaidh,
’S a shnuadh cho tana, bàn,
E ruith gu luath, ’s a’ gul gu cruaidh,
A’ bualadh bhas a làmh.

(II)
Bha thrusgan donn gu tana, gann,
Na stiallan lom air cnàmh;
’S tha a’ ghaoth a’ sèideadh tro gach toll,
Mu chom, gun iochd, gun bhàidh,
‘Mo bhalachan maoth,’ thuirt mi gu caoin,
‘Ciod chuir an taobhs’ thu ’n tràths’,
Nuair tha gach dùile feadh nan crìoch
Fo dhìon nan àite-tàimh?’

(III)
Gun tuirt e rium am briathran ciùin,
’S a shùilean fliuch fo dheòir,
‘Tha m’ athair shuas le luchd na cluich’,
Air mhisg an taigh an òil;
Mo mhàthair bhochd ’s i ris a’ bhàs,
’S am pàisde beag da deòthal,
’S tha eagal orm, mun tig an latha,
Nach bi mo mhàthair beò.’

(IV)
’N sin smaoinich mi dol leis air ais,
’S gum faicinn fàth a dheòir;
Oir chomhairlich an duine glic
Bhith tric an taigh a’ bhròin;
Cho beag ’s gun dèan sinn airson sìth,
Ma nì sinn e le deòin,
Cha bhi ar duais gu bràth gun dìol
Am fianais Rìgh na Glòir’.

(V)
Nuair ràinig sinn an dachaigh lom,
Far nach robh fonn no ceòl,
Ach gearan agus osnaich throm,
Tighinn bho gach com gun treòir,
Bha bhean na sìneadh air an làr,
Air clàran fuar de bhòrd,
’S a h-ochd no naoidh de phàidean maoth
Ri taobh ag iarraidh loin.

(VI)
Cò mhàthair nach bhiodh ann an teinn
’S cluinntinn fuaim an gàir,
’S a’ faicinn leanaban caomh a cuim
An dìth gun bhiadh, gun bhlàths?
’S am fear bu chòir bhith dhaibh na dhìon,
Cur rian orra le bàidh,
Tha ghuth cur crith orra le fiamh,
’S a ghìomh gan cur gu bàs.

(VII)
Ged nì gach ainmhidh borb air sliabh
Dan gineal dìon na thràth,
Eòin nan speur mun èirich grian,
A’ dìoghlam bìdh dhan àl,
Tha ’m misgear truagh, gun tuar gun chiall,
A’ riarachadh a chàil,
Gun suim da ghineal no da shìol,
Bhon rinn a mhiann dheth tràill.

(VIII)
’S is lìonmhor maighdeann bhaindidh, chiùin,
Bha cliùiteach, glan, na beus,
Chaidh àrach suas le gràdh is mùirn,
Gu caoin le càirdean fhèin,
A ghabh le straoidhear bochd gun diù,
’S le ùmaidh borb gun chèill,
Nuair a beatha searbh ’s gach cùis,
’S a dhùin a sùil san eug.

(IX)
Ach ’s lìonmhor iad air feadh ar tìr,
A chuir gu dìth an sliochd,
’S an àit’ an togail suas le mùirn,
A spùinn iad le an-iochd;
Toirt dhiubh an aodaich is an lòin,
Bu chòir bhith dhaibh na mheas,
Saoilisinn gam fàgail lag gun stàth,
Air sgàth an sàth den mhisg.

(X)
Air dhomh bhith meòrachadh greis fo sprochd,
Air lochdan bochd an òil,
Mun tàinig an t-athair truagh le fuaim,
’S bu duaichnidh, garg a ghlòir;
E falbh ’s a’ tuiteam air gach taobh,
Na shlaod gun dreach gun treòir,
’S a’ mionnachadh a phàisdean maoth,
Nach fhaodadh teachd na chòir.

(XI)
E mallachadh gu garg de bhean,
’S a’ toirt mollachd air a ceann,
Ag iarraidh solais agus biadh,
An ìocshlaint nach robh ann;
Ged bha crìoch a’ tarraing dlùth,
’S a lùths air fàs cho fann,
Bha sùil a’ dearcadh air le truas,
’S a beul a’ gluasad mall.

(XII)
’S i ’g earbsa gum biodh Freasdal caomh
Toirt caochladh air mar-thà,
Nan tigeadh am Breitheamh air le diumb,
’S mun dùin a shùil sa bhàs;
Dh’fhàg i e fhèin ’s a pàisdean ciùin
Air cùram Rìgh nan Gràs,
Is dhùin i sùil sa chadal bhuan,
Nach gluais gu latha bhràth.

Le Niall MacLeòid (1842 gu 1924)

(Rugadh ‘s togadh Niall MacLeòid air Eilean Sgitheannach agas bha gach aon dualchainnt aige ‘s an àite sin cuideachd. Sgrìobh e ‘n òran seo ri chéile mar bha fuath mòr aige thun deoch ‘s laith. Chonnaic e nan sgrios air muinntir Gàidhealach thairis nan Seann Ghàidhealtachd agas an Ghàidhealtachd Ùr leis nan deoch no laith agas bha fuath an-mhor aige thun e sin mar sin. ‘S òran seo féillmhor eadar daoine nan Gàidheal thairis nan domhan, agas air dachaigh san Seann Ghàidhealtachd ri chéile. Chaidh an òran seo thairis nan tonn gu h-Eilean Naomh Eóin cuideachd.)