A’ Fàgail Bharraigh

(I)
Nach smaoinich sibh gur mi bha tinn
‘S mo chridhe sgìth fo leòn,
A’ toirt mo chiùil tri Tìr nam Beann
Nan gleanntan ‘s nan òb;
Tron Chaol Arcach gabhail sìos
Sruth lìonadh bras mu sròin,
Mi stiùireadh cùrs don àird an Iar
A’ triall do Mhontreal.

(II)
Bha cridhe brùite ann am chom,
Gun shil gu trom mo dheòir,
Nuair bha na h-Eileanan an Iar
Dol sìos oirnn fo na neòil.
An t-aon sin dhiubh do bheil mo mhiann
Ga thiodhlacadh sa cheò,
An t-àite ‘s àille an deàrrs’ a’ ghrian
‘S ann dh’iarrainn bhith rim m’ bheò.

(III)
Dh’fhàg sinn pàrantan nar dèidh,
Gach fear is tè fo leòn,
Gach latha ‘s oidhche a’ guidh air Dia
Ar dìon bho adhbhar bròin,
Ar stiùireadh sàbhailte far sàil’
Gu tìr nam bàgh ‘s nan òb,
Gu Eilean Bharraigh tìr mo ghràidh
Far an d’ fhuair mi m’ àrach òg.

(IV)
Gur truagh nach faodainn bhith gu bràth
Fo sgàil nan àrd-bheann mòr,
Far bheil mo shinnsearachd a’ tàmh
‘S far bheil an cnàmh fon fhòd,
B’ e ‘n caitheamh-beatha-san a b’fheàrr,
Cha bhiodh iad là gun lòn,
A’ cur ‘s a’ buain ‘s a’ glacadh èisg
Gu h-aoibhneach saor o bhròn.

(V)
An tùs an t-samhraidh chleachd iad riamh
Bhith faighinn lìon air dòigh,
Gam beartachadh gu dol don Iar
A dh’iasgach airson lòn.
An àm don fheasgar bhith fàs ciar
Gan cur le pìos dhen t-seòl;
Sa mhadainn mhoich mun èireadh grian
Gan toirt gu dian air bòrd.

(VI)
Mu laigheadh grian san àird an Iar
Bhiodh crodh a’ triall don chrò;
Is bhiodh na caoraich dìreadh suas
Ri bruachaibh nam beann mòr.
Nuair bhiodh gach eun bu bhinne teud
‘S a chèile fhèin na chòir;
‘S ann leam bu chaomh bhith ‘n gleann an fhraoich
Le m’ leannan gaolach òg.

(VII)
Nuair ruig sinn Canada nam buadh
Le bhailtean snuadhmhor mòr,
Bha mòran dhaoine dol mun cuairt
Làn uaibhir agus pròis,
Ag innse dhuinn nach eil san tìr
Ach saibhreas is mèinnean òir.
‘S sinn-fhèin faicinn mìltean sluaigh
Làn acrais fuachd is bròin.

(VIII)
Gu bheil mo chùrs’ a-nis a-null
Gu dùthaich nam beann mòr
An t-àite san robh mi ‘m leanabh maoth
‘S mi saor on h-uile bròn;
An t-àite am biodh mo chàirdean caomh
‘S a h-uile h-aon dhiubh còmhl’
A’ tairgsinn suas na h-Ìobairt Naoimh
An aidmheil aosta Phòil.

(IX)
Mar thogas grian air falbh an driùchd
Gun èirich dhìom gach bròn;
Sa bhàta ghiùlaineas mi null,
Gur sunndach mi air bòrd.
Gach car dhe beairt gam tharraing dlùth
Do thìr mo rùin is m’ òig’
Is cùbhar bàn am bàrr gach lunn
A’ falbh o stiùir na chròic.

(X)
Gu bheil nam shealladh tìr an fhraoich,
‘S gach caol-ghleann am bi ‘n ceò;
Gu faic mi nis e taobh a’ chaoil
Le chnocan maola feòir.
Ar leam gur lèir dhomh h-uile bruaich
Mun cuairt air eilean m’ òig’
‘S Bàgh Chòrnaig bheag le sgeirean cruaidh,
Siud innis suain nan ròn.

(XI)
Gur tìm dhomh crìoch chur air mo dhàn
Bhon bha e buan gu leòr;
Thig crìoch ri ùine air gach dual,
Thèid fuadach air gach bròn.
Bhon ruig mi ‘n tìr dhan tug mi luaidh
Lem rìbhinn shnuadhmhor òg,
Thig dìochuimhn’ air gach turas cuain
Gach uallach agus bròn.

Le Iain MacFhionnghain

(Sgrìobh Iain MacFhionnghain an t-òran seo mu trì fhichid daoine (60) daoine Bhàrraigh a-mach as Bhàrraigh roimh a’ Chiad Cogadh an Dà Ghall (1914 gu 1919) agas chaidh còigear daoine shìos san Spreadhadh Mór nan Cala Mór air Albainn Nuadh san Dhùthaich nan Craobh air an 6mh Dubhlachd 1917. Chaidh 2,000 daoin’ eile shìos san Spreadhadh sin cuideachd. ‘S an òran seo san chuimhneachan nan daoine bhàis air an latha sin.)