Bha am fear eile air thuras agus thadhail e a-staigh ann an taigh-bìdh agus dh’orduich e uighean airson a bhiadh…airson a’ bhraiceast gu bhith aige. Fhuair e sin. Agus dar a thàinig an cunntas ga ionnsaigh, bha e uamhasach fhèin daor.
“Ò,” thuirt e, “cha phàigh mise fhèin sin,” thuirt e.
“Ò, seall,” thuirt iadsa’, “na h-uighean – fhuair thu iad.”
“Na h-uaighean? Ged a fhuair mi na h-uighean,” thuirt esan, “chan eil mi a’ dol a phàigheadh dhuibhsa air an son.”
“Ò, ge-tà, rinn sinn suas,” thuirt…thuirt iadsan, “dà ugh agus gum biodh na h-uighean a tha sin a’ dol fo chearc,” thuirt e, “agus iseannan a’ tighinn às. Dè an toir ann na dè a chuireadh seachad ann an ceann bliadhna. Shin an dòigh a’ coimhead sinn air.”
“Ò, coimhead sibhse mar a thoileacheadh sibh,” thuirt e. “Cha phàigh mise sin.”
Cha phàigheadh e agus chaidh a thoirt gu cùirt.
Chuala Deòrsa Bochanan a’ chùirt a bha seo, gun deach an duine seo a thoirt a-staigh airson a’ chùirt. Agus chaidh e a dh’èisdeachd na cùirt. Agus bha gnothach car a’ dol an aghaidh an duine. Cha tàinig iad go co-dhùnadh uamhasach math – feuchaidh sinn an ath latha e.
“Ò, chan eil math sam bith air an fhear-lagha a th’ agad an siud,” thuirt Deòrsa, “thèid mise chun a’ chùirt.”
Chaidh e chun a’ chùirt agus chaidh a’ chùirt air adhart. Agus bha iad ag èisdeachd ris a h-uile car a bh’ ann.
“Ò,” thuirt e, “carson a chuir sibh a’ phrìs a tha sin?” thuirt…thuirt Deòrsa Bochanan.
“Ò,” dh’innis iad.
“Chan e an duine,” thuirt esan, “a bhruich na h-uighean. Agus tha mise an-dràsda,” thuirt esan, “a’ cur pheasair air an ùrlar.”
“’S nach eil e a’ coimhead glè ghòrach,” thuirt e ris, “dè tha thu a’ dèanadh mar sin?”
“Tha,” thuirt esan, “’s minig a’ fàs peasair às.”
“Chan fhàs peasair, tha ’m peasair bhruich.”
“Tha e ceart cho coltach,” thuirt e, “peasair fàs às an seo an-àirde agus tha iseannan a’ tighinn à uighean bruich,” thuirt e. “Agus ’s iad fhèin a bhruich iad,” thuirt e, “’s ann aca a tha an call.”
Agus mar sin choisinn am fear-lagh.
Le Iain mac Sheumais Ruaidh no Iain Beag (1876 gu 1964)
(Thug Iain mac Sheumais Ruaidh an sgeul seo mu Deòrsa Bochanan chun Calum Iain MacGilleathain. Agus dheun e sin sa bhliadhna 1953. Bha fear ghlic agas bha fear amadán a robh e fhéin, ach bha sgrìobhnair mór san cànan Laidin agus bha e muinnteoir gu Seumas Stiùbhart VI.)