A Mhàiri bhàn òg

(I)
A Mhàiri bhàn òg, gur h-òg a bha mis’ agus tu.
Nan shnaiminn an clò’s gum pògainn fèin thug gu dlùth.
Do ghruaidh mar na ròsan, is bòidheach leam sealladh do ghnùis.
Chan fhad bhios me beò ma phòsas fer eil’ agus tu.

Air fal al al o horo air fal al al e
Air fal al al o horo air fal al al e
Air fal al al o horo air fal al al e
Fal I fal o horo air fal al al e.

(II)
Nuair rachainn air sràid, a ghràidh, bhiodh gini nam phòc’
‘S gun òlainn do shlàint ‘s gach àit an suidhinn mun bhòrd.
An cridhe geal fialaidh aotrom aighearach òg,
Bu mhilis leam fèin am beul on tigeadh an ceòl.

Air fal al al o horo air fal al al e
Air fal al al o horo air fal al al e
Air fal al al o horo air fal al al e
Fal I fal o horo air fal al al e.

(III)
Nan robh mis’ is tu am beinn no ‘m monadh no’n t-sliabh,
No air an tràigh bhàin an t-àit’ nach robh diune riamh,
Seachd oidhche, seachd là, gun tàmh, gun chadal, gun bhiadh,
Ach thusa bhi ghràidh ‘s do làmh gheal tharam gu fial.

Air fal al al o horo air fal al al e
Air fal al al o horo air fal al al e
Air fal al al o horo air fal al al e
Fal I fal o horo air fal al al e.

Le Iain Mac Mathghamhuinn.

(Sgríobh e ’n òran so nuair a bh’ e ‘beó sa Mhinneasóta ’muigh nam Machairean Móra. Thánaig e ’nn sa bhliadhain 1905, agus reinn daoine taifeadan aige sa 1937 anns Minneasóta cuideachd. Sgríobh e ’n òran so mu’n eadar 1908 go 1934 b’fheudar.)