Màiri laghach

Hò mo Mhàiri laghach, ‘s tu mo Mhàiri ghrinn

Màiri bhòidheach lurach rugadh anns na glinn.

(I)
B’og bha mis’ ‘is Màiri ‘m fàsaichean Ghlinn-Smeòil
‘Nuair chuir macan-Bhenuis saighead gheur ‘nam fheòil
Tharruing sinn ri chèile ann an eud cho beò
‘S nach robh air an t-saoghal a thug gaol cho mòr.

Hò mo Mhàiri laghach, ‘s tu mo Mhàiri ghrinn
Hò mo Mhàiri laghach, ‘s tu mo Mhàiri ghrinn
Hò mo Mhàiri laghach, ‘s tu mo Mhàiri ghrinn
Màiri bhòidheach lurach rugadh anns na glinn.

(II)
Tha d’fhalt bachlach dualach mu do chluais a’ fàs
Thug nàdur gach buaidh dha thar gach gruaig ‘a bha
Chan eil dragh no tuairgne ‘na chuir suas gach là
Chas gach ciabh mu ‘n cuairt dheth ‘s e ‘na dhuail gu bàrr.

Hò mo Mhàiri laghach, ‘s tu mo Mhàiri ghrinn
Hò mo Mhàiri laghach, ‘s tu mo Mhàiri ghrinn
Hò mo Mhàiri laghach, ‘s tu mo Mhàiri ghrinn
Màiri bhòidheach lurach rugadh anns na glinn.

(III)
Cha robh inneal ciùil a thuradh riamh fo’n ghrèin
A dh’aithriseadh air chòir gach ceòl bhiodh againn fhèin
Uiseag air gach lònan, smeòrach air gach gèig
Cuthag ‘is “gug-gug” aic’ madainn chùbhraidh chèit’.

Hò mo Mhàiri laghach, ‘s tu mo Mhàiri ghrinn
Hò mo Mhàiri laghach, ‘s tu mo Mhàiri ghrinn
Hò mo Mhàiri laghach, ‘s tu mo Mhàiri ghrinn
Màiri bhòidheach lurach rugadh anns na glinn.

Hò mo Mhàiri laghach, ‘s tu mo Mhàiri ghrinn
Hò mo Mhàiri laghach, ‘s tu mo Mhàiri ghrinn
Hò mo Mhàiri laghach, ‘s tu mo Mhàiri ghrinn
Màiri bhòidheach lurach rugadh anns na glinn.

Le Iain Dòmhnallach ’s Iain Mac Mathghamhuinn.

(Sgríobh an chiad òran le lámh Iain Dòmhnallach (1766 gu 1865), agus sgríobh Iain Mac Mathghamhuinn sin eile so mun eadar 1908 gu 1932 b’fheudar, nuair a bha ‘beó e ’muigh sa Mhinneasóta ’nam Machairean Móra. Tha ’n òran so mu bean mhath agus cha suim ag na sgríbhnir mu’n airgid no neart mar tha grádh aige chuici gu Mhàiri gun teagamh.)