A Mhnathan a’ Ghlinne Seo (Gàilig Sgitheannach)

Thug mi tarraing air murt Ghleann Comhainn anns an sgeulachd a dh’innis mu dheireadh agus mi a’ tighinn thairis air a’ bhuaidh iongantach a bh’ aig na seann-daoine anns a’ chluas-chiùil. Chan eil guth air leithid air an sin an-diugh ni motha a tha guth air an taidhbhs’ fhèin. Ach bha a’ chluas-chiùil ann dìreach go nàdarra aig cuid de dhaoine mar a bha an taidhbhs’ go nàdarra aig cuid eile. ’S e buaidh iongantach a bh’ ann da-rìreamh. Co-dhiù na co-dheth, tha fios againn uile mar a thachair ann an Gleann Comhann agus mar a bha an t-arm, mar a bha air aoidh aca, anns na dachaighean iomadach oidhche man d’rinneadh am murt. Ach bha gille òg ann an seo, saighdear, fear Caimbeulach, agus taobh mòr aige ris an t-sluagh. Agus bha e anabarrach duilich mar a bha e a’ dol a thachairt – bha fios aigesan taghta math gu dè bha a’ dol a thighinn às. Agus thuirt e ris fhèin gum feuchachadh e ri rabhadh no sanais a thoirt seachad nan gabhadh idir dèanamh. Agus an oidhche man d’rinneadh am murt, rinneadh am murt anns a’ mhadainn tràth. Thuirt e ris fhèin gur h-e an dòigh a ghabhadh air seo gun cluicheadh a’ phìob mhòr agus cò aige a bha fios nach robh cuideigineach anns a’ ghleann aig an robh cluas-chiùil. Agus seo mar a bha. Chan eil fhios a’m an deach e idir a chadal. Tha e ceart cho col’ach nach deach dhan leabaidh idir. Bha e murt air a dhèanamh sa mhadainn agus glè thràth co-dhiù nach ann a thòisich e air a’ cluich na pìobadh. Agus seo am port a chluich e:

A mhnathan a’ ghlinne seo,
A mhnathan a’ ghlinne seo,
A mhnathan a’ ghlinne seo,
’S mithich dhuibh èirigh,
’S mis’ a rinn a’ mhoch-èirigh –
Sibhse a’ cur feum air.

Agus tha na h-uiread de cheatharran eile ann a th’ agam. Ach, co-dhiù na co-dheth, nar a bha e a’ cluich a’ phuirt a bha ann an seo, thachair gu fortanach gun robh nighean òg anns a’ ghleann aig an robh cluas-chiùil. ’S nar a chuala i am port, thog i anns a’ mhionaid na briathran agus dh’fhalbh i na cabhaig ’s chuir i an fheadhainn na bu dlùithe dhi nam fearachadh. Agus dh’innis i dhaibh gun robh an t-olc an dàn agus gum feumadh iad teiceadh. Agus ’s e seo a rinn iad. Thug iad na buinn às. Agus ’s e sin beagan dhen fheadhainn a fhuair tarsaing às gu sàbhailte a’ mhadainn a bha ann an siud tro bhuaidh a’ chluas-chiùil.

Le Tormod Dòmhnallach.

(‘S sgeul ùidh seo mu Murt Ghlinne Comhann air 13mh Gearran 1692 nuair a chuir saighdearan Gallda àireamh cuid mhor nan Clann Iain Abrach no Clann Dòmhnall Ghlinne Comhann gu bhàis gharbh mar bha iad air taobh am fíor rìgh Seumas mac Teàrlach ‘ic Seumas ‘ic Seumas Stiùbhart. Rinn riaghaltas nuadh nan Goill an òrduigh do chur Clann Abrach gu bàis mar dh’iarr iad do chur naidheachd a-mach chun na Gàidheil do chur stadadh an comhaireachd an aghaidh nan Goill gu brách air fad. Ach chaidh na Gàidheil air aghaidh leis an comhaireachd gu bhliadhna 1694, agus chaidh Clann Griogair air aghaidh leis an comhaireachd as dheidh 1693 mar chuir Uilleim Ollaind òrduigh nuadh an aghaidh ortha air ais a-rithist, agus dheun na Goill cogadh nuadh an aghaidh na Griogaraich as dheidh sin gu bliadhna 1775. Ach ‘s sgeul ùidh seo mu Murt Ghlinne Comhann gun teagamh.)