Caluim Mac Gilleathain: Bha sibh ag ràdh gun cuala sibh an naidheachd mu dheidhinn leanabh a bha…
Iain Alasdair Stiùbhart mac Uilleim: Chualaidh. Bha naidheachd eile a dh’innis am boireannach seo. Tha treis mhath bhon a dh’fhàg i, bhon a chaochail i. Dh’innis i dhuinn timcheall òrdugh a chuir Gleann Lìomhainn a-mach nach robh aca ri duine fhàgail beò. Tha sin, mar a theireadh tu, nam biodh pàisde ann agus mar a theireadh tu gur h-e gun cumadh nuair a bhiodh ga ionnsaigh a bhith na dhuine mòr uaireigin gun robh…gun robh e gu bhith air a mharbhadh. Agus bha na saighdeirean, dh’fhalbh iad a-mach agus iad a’ dol a-staigh do na h-uile uamhadh ’s gnothaichean feuch gum faigheadh iad duine a’ gabhail fàsgach an sin. Agus bha am fear seo, Druimeannach a’ bh’ ann, ’s e bha na sub-lieutenant na rudeigin. Agus thuirt ri saighdear a bha sin, thuirt e:
“Shin agad glaodh pàisde thall an sin,” thuirt esan, “tha mi a’ smaoineachdainn gur h-e pàisde a th’ ann,” thuirt esan, “agus nach e caileag a th’ ann idir ach gur h-e balach a th’ ann. Rach an àird agus marbhaidh e.”
’S chaidh an saighdear an àird ’s fhuair e boireannach, ban-Dhòmhnallach, a-staigh sin ’s am pàisde aice ri broilleach agus ’s e giullan beag a bh’ ann. Agus bha cù beag – abhag – a bh’ ann, bha e aig a casan. ’S dh’innis e dhi dè thuirt an Druimmeanach.
Agus thuirt i: “Sàbhail mo phàisd’,” thuirt ise, thuirt i. “Smaoinich ort fhèin dar a bha thu fhèin nad ghiullan.”
Agus thionndaidh e mun cuairt ’s thug e a-mach a chlaidheamh agus chuir e a-staigh e anns a’ chù a bha na laighe aig a casan. Agus thug e mar sin e an claidheamh aige a dh’ionnsaigh an Druimmeanach agus shàbhail e beatha a’ phàisde.
Bliadhnaichean an dèidh sin, an saighdear sin an dèidh an t-arm fhàgail agus thàinig e air turas ’s thàinig e a-staigh do Shrath na h-Apann agus bha taigh-òsda sin ’s thàinig e a-staigh ann. Agus bha iad ag ràidhinn ris:
“’S e saighdear a th’ annad.”
“’S e,” thuirt e, “shiubhail mi meall den t-saoghal agus chunna mi meall,” thuirt esan.
“Agus dè an rud a b’ iongantaiche a chunnaic tu riamh no dè an rud bu mhuladach,” thuirt e, “a thàinig thu tarsaing air?”
“Bheill,” thuirt e, “an rud a bu mhualadaiche a thàine mi tarsaing a-riamh, ’s e Murt Ghleann Comhann.”
Thuirt fear an taigh-òsda: “An robh thu ann?” thuirt e.
“Bha,” thuirt e, “mi ann.”
Agus aig an àm bha e a’ bruidhinn, bha dà dhuine, dh’fhàg iad am bòrd agus chaidh iad a-mach, a-mach an taigh.
“An robh nithean sam bith a thachair,” thuirt esan, “dar a bha thu an sin?”
“Bha,” thuirt e, “rinn mi rud,” thuirt e, “agus tha e daonnan a’ tighinn nam inntinn,” thuirt e, “shàbhail mi beatha pàisde,” thuirt esan.
’S dh’innis e an naidheachd timcheall mar a shàbhail e am pàisde aig a’ bhoireannach sin ’s mar a mharbh e an abhag. Agus sa mhionaid, leum an duine thar a’ bhòrd agus chuir e a-mach a làimh, thuirt e:
“’S mise,” thuirt esan, “am pàisde a bha sin,” thuirt esan agus thuirt e, “agus cho fada ’s bhios tu beò,” thuirt e, “faodaidh tu,” thuirt esan, “a’ fanachd leam.”
Shin agad mar a dh’innis am boireannach an sgeul dhomh.
Caluim Mac Gilleathain: ’S ann aig Cirstin a bha sin cuideachd?
Iain Alasdair Stiùbhart: ’S ann.
(‘S sgeul ùidh seo mu Murt Ghleann Comhann air 13mh Gearran 1692. Chaidh saighdear amhàin an aghaidh bean amhàin agus bha pàisde leatha ’nnsin. Reith i shuas an chnoc nan ghleann, agus fhuair an saighdear shuas ri thaobh oirre. Cha robh Gall e fhéin, ach bha saighdear e san sluagh nan Gaill. Agus char chuir e’m pàisde ‘gus am bean gu bàis agus rinn e do sàbhàil iad annsin. Chuir e madadh bheag gu bàis mar bha e ’suidhe air cos am bean, agus dh’ fhill e chun na saighdearan eile leis naidheachd aige a chuir e’m bean gu bàis, ach bha beò aice. Chruinnich e ri chéile leis an pàisde bliadhna fhada ’s dheidh sin, agus fhuair e fàilte ’s cuidich mhor annsin.)