Òran do dh’ Alasdair Mac Gilleathain – Òran do dh’ Alasdair

Luinneag:
Mo chridhe tha ’n diugh cianail
Is iargainneach a tha mi;
Gu ’n tug mo leannan cùl rium
’S gur tùrsach rinn e m’ fhàgail.

(I)
Gur mise tha fo mhulad
Is cha ’n urrainn mi sin àicheadh
A’ smaointeachadh do bhòicheid
A fhleasgaich òig nam blàth-shùl.
Mo chridhe, &c.

(II)
’S o ’n thig an gaol gun iarraidh
’S a bha e riamh mar fhàgail,
Cha ghearanainn, a luaidh e,
Mur faighinn fuath ’na àite.

(III)
Is mor a tha mi ’n geall ort
Gu ’n mheall thu mi le d’ nàdar;
Am fòghlum ’s an deadh-chuma
Fhuair thu ’n t-urram de na Gàidheil.

(IV)
Is innidh leam a rùin thu
Ri danns’ air ùrlar clàraidh
Roimh h-aon air a bheil m’ eòlas
Gu ’n deònaichinn mo làmh dhuit.

(V)
Ged théid mi measg nan uaislean
Cha ghluais iad mi gu mànran.
Ciamar ’bhios mi toilichte
’S nach h-’eil mo leannan làmh rium.

(VI)
Gur h-e mo ghaol an cùirteir
Dha ’n tug mi rùn ’s mi ’m phàisde:
’S e dh’ fhàg mo chridhe brùite
Nach dùraichd thu do làmh dhomh.

(VII)
Gheibh mi an ni tha òrdaicht’,
O biodh mo dhòchas làidir;
’Us earbam le làn-dùrachd
An Righ nan dùl is àirde.

Le nighinn Alasdair Mac Gilleathain

(Sgrìobh i ‘n t-òran seo ri chéile nuair a dh’ fhill Alasdair thun dachaidh gu Muile ‘s déidh blàran agus cogadh air an tìr mór. Chaidh e thun an tìr mór do sabaid an aghaidh nan Goill. Bha ghoirt gharbh air do chorp ann agus chaidh e gu Port Lang ‘a Mhaoil air Muile, ‘gus chuir d’ inghean e air an t-slighe chun neart a rithisd ann. Sgrìobh i ‘n t-òran seo mu’n aimsir ann.)

(Fhuair an t-òran seo chall san Seann Ghaidhealtachd airson bliadhna fhada mhor, ach chaidh e thairis trasna nan tonn gu Albainn Nuadh, Ceap Breatuinn, Talamh an Éisg agus Eilean Naobh Eoin cuideachd, ach dh’ fhill e thugainne san Cala Mór air Albainn Nuadh san Dùthaich nan Craobh mar dh’ fhoghluim Iain mac Ailean mu sin ann.)