An Tè ag ithe Teangannan nam Mart

Bha siud ann ma-thà, baintighearna, agus bha i air òg-phòsadh. Agus bha i uamhasach fhèin mòralach dhith fhèin, agus ghabh i miannt air teanga mairt a ghabhail air a dinneir air a h-uile tràth. Bha iad mar seo ùine mhòr bhliadhnaichean, agus dh’fheumadh an tighearna teanga mairt fhaighinn dhi airson a dinnearach.

Bhell, bha an tighearna a’ cur uidhireachd mhòr air a bhean, gum feumadh i teanga ùr mairt fhaighinn air a dinneir a h-uile latha. Agus bha mòran, mòran de stoc aig an tighearna, ach ged a bha fhèin, bha e a’ cur uidhireachd air a bhean, an gnothach a bha i ag iarraidh.

Ach latha dhe na lathaichean, dh’fhalbh e air cuairt an latha a bh’ ann an seo, agus chaidh e far an robh seann duine a bh’ air an oighreachd aige, agus chaidh an seann duine na bhruidhinn, agus dh’innis e dha an gnothach a bha as an t-sealladh aig a’ bhean aige.

“Bhell,” ars’ esan, “’s e gnothach bochd a th’ ann gun teagamh,” ars’ esan, “dhuibhse agus do dh’iomadach neach eile a bharrachd oirbh,” ars’ esan. “Ach,” ars’ esan, “innsidh mise dhuibh,” ars’ esan, “an rud a nì sibh,” ars’ esan, “agus ’s e seo e,” ars’ esan, “ma ghabhas sibh mo chomhairle,” ars’ esan. “Faighibh,” ars’ esan, “a h-uile beothach as brèagha a ghabhas faighinn dhuibh fhèin…agaibh fhèin,” ars’ esan, “agus aig gach neach eile,” ars’ esan, “th’ ann,” ars’ esan, “agus,” ars’ esan, “mu choinneamh a h-uile beothach latha sa bhliadhna,” ars’ esan. “Faighibh sin,” ars’ esan, “agus,” ars’ esan, “cuiribh mu choinneamh,” ars’ esan, “uinneag na baintighearna as an àm as am bi i ag èirigh,” ars’ esan. “Agus,” ars’ esan, “ma nì sibh sin,” ars’ esan, “agus gun toir ise an aire dheth, dha,” ars’ esan, “as an àm as am bi i ag èirigh,” ars’ esan, “as a’ mhadainn,” ars’ esan, “’s dòcha,” ars’ esan, “gun dèan e feum dhuibh,” ars’ esan.

“Bhell,” ars’ esan, an tighearna, ris-san, “chan eil,” ars’ esan, “agam,” ars’ esan, “a bheothaichean,” ars’ esan, “na nì an gnothach dhòmhsa,” ars’ esan, “a rèir na bliadhna,” ars’ esan.

“Ò, mura bheil,” ars an tighearna, ars’ esan, “gheibh sibh,” ars’ esan, “aig feadhainn eile,” ars’ esan, “a-mach bhuaithe sin,” ars’ esan, “na nì an gnothach dhuibh,” ars’ esan, “airson na bliadhna.”
“Bhell,” ars’ esan, “’s dòcha gum faigh,” ars’ esan, ars’ an tighearna.
Ach, co-dhiù, chuir e mun cuairt nan daoine airson gum faigheadh iad a h-uile beothach a bu bhrèagha na chèile a bh’ aca as an àite, agus gum biodh beothach aige mu choinneamh a h-uile latha agus a bha sa bhliadhna.

Fhuair e sin, agus nuair a fhuair e sin, tha…chuir e mu choinneamh uinneag na baintighearna an sprèidh a bh’ ann a shin, agus bha e gu math brèagha an sprèidh a bh’ ann. Nuair a dh’èirich ise sa mhadainn, agus a thàinig i a-nuas agus a sheall i a-mach air an uinneig, bha an sprèidh roimhpe air taobh a-muigh na h-uinneig.
“Ò, bhell, bhell,” ars’…ars’ a’ bhain-tighearna, “nach ann an sin a tha na beothaichean as brèagha a chunna mi riamh mum choinneamh.”
“Ò, ’s ann,” ars’ an tighearna, ars’ esan. “Ach ged a tha iad brèagha an-diugh,” ars’ esan, “bliadhna o ’n-diugh,” ars’ esan, “cha bhi aon fhear dhiubh sin,” ars’ esan, “an làrach beò.”

“Ciamar a thachras sin?” ars’…ars’ a’ bhaintighearna.
“Ò, tachraidh,” ars’ an tighearna, ars’ esan, “feumaidh tu fhèin,” ars’ esan, “teanga fresh mairt a bhith agad air do dhinneir a h-uile latha,” ars’ esan. “Chan eil,” ars’ esan, mart beothach an sin,” ars’ esan, “nach bi,” ars’ esan, “marbh,” ars’ esan, “mun ruig ceann na bliadhna.”

“An e mise,” ars’ ise, “as coireach ris an sin?”
“’S tu,” ars’ esan. “Nach fheum thu fhèin teanga mairt,” ars’ esan, “a bhith agad,” ars’ esan, “air do dhinneir?”

“Bhell,” ars’ ise, “cha tachair sin fada tuilleadh,” ars’ ise. “Cha ghabh mise teanga mairt tuilleadh,” ars’ ise, “às a dheaghaidh seo,” ars’ ise. “An e sin ri ràdh,” ars’ ise, “gur h-e mise,” ars’ ise, “a tha a’ dol a chur ceall air a h-uile beothach brèagha, brèagha na chèile a tha an seo an-diugh?”

“Ò, ’s tu,” ars’ esan.
“Bhell,” ars’ ise, “cha tachair sin tuilleadh,” ars’ ise, “agus bidh mise a’ stad dheth, agus cha ghabh mise an còrr na dheaghaidh tuilleadh.”
Dhealaich mise rithe.

Le Aonghas Caluim Barrach MacMhaoilein (1874 gu 1954)

(Rugadh Aonghas mac Caluim Barrach air 3mh Iuchar 1874, agus rugadh ‘s togadh e air Beinn na Faoghla. Bha seannchaidh an-mhath e fhéin cuideachd.)