Caluim Iain: Ma thèid thu ann gu àite ris an cainte Loch a’ Cheannaiche.
Tormod Dòmhnallach: Tha sin ann. ’S ann air Monadh Sgoirebreac a tha an t-àite. Tha, chan eil ach ma thrì mìle, faodaidh mi ag ràidhtinn bhon dhearbh bhad den Taobh Sear anns an deachaich mi a thogail. Agus chì duine sam bith e a thogras coimhead air a shon. Chan e duilich idir fhaicinn – duine sam bith a tha a’ gabhail an rothaid dha chois chan urrainn aca ach fhaicinn. Tha rathad mòr dìreach a’ dol seachad glè dhlùth de bhile na creigeadh, na mar gum bu chòir dhomh ag ràidhtinn, de bhile a’ gheò, ’s e seòrsa de gheò a tha a’ tighinn a-staigh a th’ ann. Agus tha creagan anabarrach anabarrach àrd. Tha e dìreach an dèidh dha a bhith dol seachad gu math air mullachan Leac Chrearanais. Co-dhiù, bha o chionn beagan linntean air ais am monadh a bha ann an sin anabarrach, ainmeil, bha droch ainm aig a’ mhonadh.
Caluim Iain: Seadh.
Tormod Dòmhnallach: Agus bha an t-àite cho cunnartach agus nach d’rachadh duine sam bith a mhuinntir an Taobh Sear an rathad leis fhèin. Cha ghabhadh e co-dhiù an rathad sin cho fada ri baile Phort Rìgheadh leis fhèin. Agus bhiodh an còmhnaidh dithist na triùir na ceathrar na leth-dusan a’ falbh còmhladh nar a bhiodh aca ri gnothach a dhèanamh ann am baile Phort Rìgheadh. Bha am monadh Sgoirbreac anns na laithean ud anabarrach cunnartach. Agus ’s iomadh tubaiste agus mì-shàthadh a bha tachairt ri daoine bochda aig nach robh fios air ni ma dheidhinn agus a bha a’ gabhail an rothaid leotha fhèin. Ach bha e aig an àm air a bheil mi tighinn, bha dithist chìobairean – agus ’s e Dòmhnallaich a bh’ annta cuideachd. Bha cuid de Chlann…Chlann Dòmhnaill a bha gu math borb.
Caluim Iain: Och, bhell, bha iad mar a bha a h-uile duine eile.
Tormod Dòmhnallach: Bha iad mar a bha a h-uile duine eile dìreach, mar a bha a h-uile finneach. Tha, cha robh, dh’fhaodadh sinn ag ràidhtinn nach robh finneach a cuid fhèin ann de dhaoine math agus de dhroch dhaoine. Agus, co-dhiù na co-dheth, bha an dithist chìobairean a bha ann an seo ann, dithist dhaoine fiathaich, borb a thàinig faite an tìr-mòr. Bha bothan aca air a’ cheann a bh’ ann an siud dhen mhonadh, de mhonadh Sgoirebreac. Agus bha iad nan cìobairean ann an sin. Bha eagal aig na daoine rompa ’s bha droch amharas aca orra agus cha b’ ann gun adhbhar.
Caluim Iain: Seadh dìreach.
Tormod Dòmhnallach: Co-dhiù, bha an dithist chìobairean bha iad a-mach air feadh a’ mhonaidh an latha seo agus chunnaic iad collas ceannaiche-siubhail a’ nochdadh. Bhiodh na ceannaichean-siubhail ud an uair ud glè lìonmhor. Cha robh na bùthan idir cho pailt air feadh an eilein agus tha tha iad a-nise. Agus ’s e an còmhnaidh, an còmhnaidh ceannaichean-siubhal a bhiodh a’ toirt bathar de gach seòrsa, bathar cruaidh ’s bathar bog, a dh’ionnsaigh dhaoine agus a dh’ionnsaigh bhailtean. Agus bha an còmhnaidh na ceannaichean-siubhail ’s beagan airgid aca, cha robh iad uair sam bith gun sin, thoradh cha ghabhadh a bhith, nach biodh airgead aca, dh’fheumadh iad an t-airgead airson malairt agus airson iomadach adhbhar. Agus bha amharas aig an dithist a bh’ ann an seo co-dhiù gun robh rud aig a’ cheannaiche a b’ fhiach fhaotainn, ’s ann a rinn iad air a’ cheannaiche. Chuir iad an grèim e. Chaidh iad an sàs ann. Agus nar a chunnaic an duine bochd gun robh iad a’ dol a thighinn ri bheatha, ghuidhe e orra iad a thoirt leotha an t-achas agus a thoirt leotha a h-uile dearg airgid bh’ aigesan ach cha do leig iad a bheatha leis. Ach feuch thusa a leigeadh. Cha do leig. Thug iad e beò, slàn agus rinn iad air Sloc a’ Cheannaiche leis agus chuir iad leis an t-sloc uamhasach a bh’ ann an sin e, slugan grànnda ait a th’ ann, ’s bha an duine marbh. Agus bha an t-ainm gun d’rinn e, fear dhiubh, seòrsa de dhuan bheag anns an àm. Agus seo an duan:
Chuir mi a’ bhiodag anns a’ bhodach
’S leig am bodach ràn às;
Chuir a-rithist leis a’ chreag e
’S thug mi dheth a mhàileid.
Fhuair iad na bh’ aig a’ bhodach na bha anns a’ phòca ’s na bha air a shiubhail de dh’airgead agus rinn iad air an taigh. Ach mar a bhios olc den t-seòrsa sin co-dhiù, cha robh iad air sian air sin a dhèanamh nar a bhuail an t-eagal iad. Thachair gu mì-fhortanach gun robh balach gille aca a bhiodh ma naoidh na deich de bhliadhnaichean a bh’ aca anns a’ bhothan taighe e a’ dèanamh biadh dhaibh agus a’ ghoil a’ choire a h-uile h-uair a thigeadh iad dhachaigh às a’ mhonadh. Agus chunnaic am balach a bh’ ann an seo an gnìomh an-ìochdmhor agus oiteill a rinn iad. Bha fios acasan air an sin. Agus bha deagh fhios aca cuideachd, luath na mall, gun tigeadh am balach thairis air na chunnaic e. Ach bha iad airson a bhith cinnteach fhad ’s a bhiodh iad ann an siud nach fhaigheadh am balach air falbh às an lann agus nach b’ urrainn dha a dhol do dhuine na dha taigh gam brath. ’S e a bh’ ann co-dhiù ach gun robh iad a’ cumail sùil air glè fhurachail fad an latha. Agus air an oidhche bha iad gan chur…bha iad ga chur anns an leabaidh eatarra nar a bha iad a’ dol a chadal. Co-dhiù, cha do leig am balach mòran air agus dh’fheuch e ri inntinn a chumail cho sochraicht’ agus a ghabhadh dèanamh ged a bha e a’ dol an cochall à cridhe fad an t-siubhal leis an eagal gun fhios aige gu dè a dh’fhaodadh a dh’èirigh dha fhèin mionaid sam bith. Ach leag e cùisean air adhart fad is còrr math air seachdain co-dhiù agus nar a chaidh, mar gum b’ eadh, beagan de dhìochuimhn’ air a’ ghnothach…tha…an oidhche a bh’ ann an seo thuirt e ris fhèin nach caidileadh e. Chuir e reimhe nach tigeadh dùsail-cadal air agus nan gabhadh e dèanamh gun èireadh e anns a’ mharbh mheadhan-oidhche ’s gun toireadh e na buinn às. Seo mar a bha. Chaidh iad a chadal – chaidh esan a chur eadar an dithist mhortairean anns an leabaidh agus cha robh àsan fada co-dhiù nuair a thuit e seachad nan suain, bha iad sgìth an dèidh dha a bhith a-mach anns a’ mhonadh. Ach chuir an gille reimhe nach chaidileadh esan ’s chum e na dhùisg e. Co-dhiù na co-dheth, nar a bha e seachad uairean air na ciadan uairean den oidhche, dh’èirich e agus a’ sanais mar gum b’ ann ris fhèin agus e a’ dol seachad air bruach na leabadh thuirt e gun robh feum aige a dhol chon an doraist, mar gum b’ fhìor gun robh e ag innseadh seo dhaibhsan gun robh e a’ smaoineachadh gun robh iad nan dùisg e. Dh’fhalbh e ’s cho luath agus a fhuair e chun an doraist mhòir agus thuig e nach robh duine air a bhonn, rinn e ris a’ mhonadh, chum e suas ’s rinn e air a’ Bhealach a bhios daoine a’ gabhail nar a bhiodh iad a’ dol go ruige An Gleann agus go ruige…go ruige Ciostal agus go ruige Snìtheasort ’s na h-àiteachan sin. Tha ’m bealach ann an siud bealach a tha gu math soirbh agus chan eil ann ach astar goirid a-mach an aghaidh a’ mhonaidh ’s tha e furusda go leòr. Ach, co-dhiù, ’s e àm a’ gheamhraidh a bh’ ann agus bha sneachda go leòr air an talamh. Rinn an gille air a’ mhonadh anns an dorchas, anns an oidhche dhorch ach cha robh e cho dorch leis na t-sneachd a bhith a bh’ ann, chiteadh e a shlighe, chitheadh e a rathad agus bha e eòlach ’s chum e air ’s chum e air. Mu dheireadh thall, dhùisg na dithist chìobairean agus dh’èigheadh na creachdan nar a thugas fainear nach robh sgeul air a’ ghille. Chaidh iad nan aodach cho luath ’s a ghabhadh dèanamh agus thug iad a-mach air a thoir, rud nach robh doirbh thoradh bha a lorgan ann an siud ga bhrath anns an t-sneachda. Lean iad an ceum agus na lorgan gos an deach iad a-mach air a’ bhealach. Agus ann an sin bha rudeiginach air bristeadh agus chunnaic iad air fàire e, thàinig iad na fhianais. Bha esan a’ dlùthachadh ris a’ chiad taigh a bha e a’ faicinn agus gu dè an taigh a bha ann an sin ach mansa Shnìtheasort.
Caluim Iain: Dìreach.
Tormod Dòmhnallach: Agus rinn e air a’ mhansa a bh’ ann an sin cho luath agus anail na h-uchd agus a chridhe air impis dìreach fanachadh ’s a’ toirt thairis ’s càch às a dheaghaidh. Mu dheireadh thall, fhuair e neart bho Nì Math fhèin air a leithid de dhòigh agus gun robh e comasach air a…air a’ mhansa a thoirt a-mach ach cha robh…cha robh an còrr. Thuit e ann an sin nar a ràinig e dorast a’ mhansa air toirt thairis agus air a chlaoidh. Gu fortanach bha searbhanta a’ mhinisteir air a chois tràth. Agus ghabh e eagal nar a chunnaic i am balach gille a bh’ ann an seo agus gun chàil ach a lèine agus e a’ toirt thairis na shìneadh ann an sin aig an dorast. Agus chaidh i far an robh e ’s dh’fhoighneachd e gu dè a bha ceàrr. Cha do dh’innis e dha ni dè bha ceàrr. Cha robh sian ach an uair gun deachaidh e far an robh am ministear. Dhùisg am ministear ’s thàinig am ministear. ’S dh’fhoighneachd e dhen ghille gu dè bha ceàrr gum feumaidh gun robh rud fada ceàrr. Ò, thuirt an gille ris gun robh sin ann go leòr ceàrr ach gun deach esan a chur air a’ mhionnan nach innseadh e do dhuine gu dè na chunnaic na chual’ e.
“Seall thu siud, ma-tà,” arsa am ministear, “theirg a-null far a bheil a’ chlach mhòr a th’ ann siud agus innse,” ars’ esan, “dhan chlaich facal air an fhacal gu dè a tha ceàrr, gu dè a chuir thu an seo, gu dè a b’ adhbhar air gun do theich thu às an àite às na dh’fhalbh thu agus an uair sin cha bhi thu ag innse do dhuine ach dhan chlaich.”
Seo mar a bha. Chaidh an gille a-null far an robh a’ chlach ’s dh’innis e an naidheachd facal air fhacal dhan chlaich agus am ministear ga èisdeachd. Cho luath a chrìochnaich e an sgeula na chuir am ministear anns a’ mhionad fios a Phort Righeadh.
Dh’fhalbh daoine ’s rinn iad air a’ Chaol agus bha an dithist mhortairean air an teicheadh. Rug iad air fear dhiubh anns a’ Chaol agus fhuair am fear eile às agus cha d’fhuaireas ròs riamh air. Ach am fear a ghlac iad, thug iad leotha e air ais go Port Rìgheadh agus chaidh a chrochadh ri craoibh anns a’ Mheall. Agus ’s e sin an crochadh mu dheireadh air a bheil iomradh na sgeula agamsa a chaidh a dhèanamh anns an Eilean Sgitheanach.
‘S agallamh seo eadar Tormod Dòmhnallach (1904 gu 1978) agus Caluim Iain Mac Gilleathain (1915 gu 1960)
(Tha ead ‘cainnt mun beirt fear deireadh a chaidh chrochadh air 18mh Òg-mhìos 1742. Chaidh Aonghas Bochannan no Aonghas MacMhannain agus Donnchadh MacCuithein gu bàis mar fhuair e ghobhail airson am murt nan Seumas Odhar cúpla latha roimhe sin. Chaidh ead gu bàis san Meall na h-Acarsaid, Port Rìgheadh air Eilean Sgitheannach air an latha sin.)