Tha an uireid de sgeulachdan air innse mu dheidhinn an Dotair Rath Thuaidhe ann an Earra-Ghàidheal. Chuala mi turas a chaidh caileag ga ionnsaidh agus gnìomh air choreigin air tighinn air a glùin. Nar a chaidh i air a bheulaibh ’s thug e sùil air a glùin, chuir e ceist oirre:
“A bheil thu,” ars’ esan, “a’ buachailleachd?”
“Tha,” ars’ ise, “tha mi a’ buachailleachd,” ars’ ise, “glè thric.”
“Agus a bheil cleachdadh agad,” ars’ esan, “a bhith nad shuidhe air an fheur agus uaireannan,” ars’ esan, “air a bhith air do ghlùin?”
“Ò, gu minig,” ars’ ise, “tha cleachdadh agam a bhith cur mo ghlùin fodham air an fheur airson greisean.”
“Bha mi a’ smaoineachadh sin,” ars’ esan, “agus eil fhios agad gu dè tha ceàrr? Tha gartan-feòir air a dhol a-staigh nad fheòil agus air an rathad a dhèanamh a-staigh fo fhailm na glùin. Feumaidh sinne an gartan a tha ann an sin a thoirt às.”
Rinn e seo. Thog e a failmean is, mar a thuirt e, fhuair e an gartan. B’ e sin an gartan. Bha e air a fàs cho mòr agus ’s e sin a rinn an trioblaid na h-inghinn. Cha bu luaithe a chaidh an gartan a thoirt air falbh agus an lot a chàradh suas na thòisich an nighean a’ sìor fhàs gu math agus ann an ùine glè ghoirid cha robh càil air a glùin.
Le Tormod Dòmhnallach (1904 gu 1978)
(Seo sgeul beal-aithris mu Dotar Rath Thuaidhe nuair a chaidh e do shabhail cailean deas òg. ‘S sgeul seo às Tormod Dòmhnallach agus Caluim Iain Mac Gilleathain.)