Luinneag:
Ho, gur mi ‘tha air mo leonadh, Na i ri ri ho ro;
Ho, gur mi ‘tha air mo leonadh, Na i ri ri ’s i ri ri ho ro. Na i ri ri ’s i ri ri ho ro.
(I)
Bho latha blar Inbhir-Locháidh; Na i ri ri ho ro; na i ri ri ho ro;
Bha ruaig nan Eirionnach doite, na i ri ri ’s i ri ri ho ro.
(II)
A Thainig do dh’ Albainn gun storas, na i ri ri ho ro;
Bha dh’ earras air an cleocaibh. Na i ri ri ’s i ri ri ho ro.
(III)
Thug iad spionnadh do Chlann-Domhnaill-
Mharbh iad m’ athair is m’ fhear-posda, na i ri ri ho ro; Na i ri ri ’s i ri ri ho ro.
(IV)
Mo thriuir mhacanan grinn oga, na i ri ri ho ro;
‘S mo cheathrar bhraithrean ga ’n stroiceadh, na i ri ri ’s i ri ri ho ro. Na i ri ri ’s i ri ri ho ro.
(V)
‘S mo naoidhnear cho-dhaltan boidheach, na i ri ri ho ro;
Loisg iad mo chuid coirc’ is eorna. Na i ri ri ’s i ri ri ho ro.
(VI)
Mharbh iad mo chrodh mór gu feolach, na i ri ri ho ro;
S mo chaoraich gheala ga ’n rosdadh. Na i ri ri ’s i ri ri ho ro.
(VII)
Ho gur mise ‘th’ air mo chlaoidheadh, na i ri ri ho ro;
Mu Mhac-Dhonnachaidh Ghlinne-Faochain; Na i ri ri ’s i ri ri ho ro.
(VIII)
Tha gach fear ’san tir s’ ga d’ chaoineadh, na i ri ri ho ro;
Thall sa bhos mu Inbhir-Aora, na i ri ri ’s i ri ri ho ro.
(IX)
Mnathan ’sa bhasraich ’s am fait sgaoilte.
Na i ri ri ho ro; Na i ri ri ’s i ri ri ho ro.
(X)
Ho gur mi tha air mo mhilleadh, na i ri ri ho ro; Na i ri ri ho ro;
Mu mharcaich’ nan srian ’s nam pillein; na i ri ri ’s i ri ri ho ro.
(XI)
Thuit ’sa chaonnaig le ‘chuid ghillean, na i ri ri ho ro;
Thug Mac-Cailein Mor an linn’ air; na i ri ri ’s i ri ri ho ro.
(XII)
‘S leig e ’n sgriob ud air a chinneadh.
Na i ri ri ho ro;
Na i ri ri ’s i ri ri ho ro.
Le Neo-ainmeil.
(‘S òran seo às na Caimbeullach bhristeamh as dheadhaidh Blár Inbhir Locháidh air 2mh Gearran 1645, nuair a chaidh na Caimbeullaich shìos fo chlaidheimh na Fíor Gáidheil mar chaidh iad air taobh nan Gaill ri linn Cogaidhean nan Trí Ríoghachtuibh eadar 1638 gu 1660. Chaidh eadar 1,700 gu 3,000 Caimbeullach shìos san bhlár seo, ‘gus thàinig cuid nas mhóir iad a-mach as Latharna gu h-àiridh, agus rinn Gilleasbuig Caimbeul – taoiseach Arra Gháidheal agus taoiseach mór nan Caimbeullaich – an éalaich a-muigh as am blár seo nuair a chonnaig e ’n latha ’n aghaidh nan Gaill agus nan Caimbeullaich ann a thall cuideachd. Char sheas e ri thaobh nan òglaich aige mar dh’fhan e’muigh air am bàta ri linn am bhlàr)
(‘S òran seo’m facail baintreach amhàin na Caimbeullaich as dhéidh Blár Inbhir Locháidh air 2mh Gearran 1645, nuair a chaidh cuid nas mhóir nam fhir aca shìos. Char fhuair iad cosannt mhath as Mac-Cailean Mor air an latha sin mar cha robh sheas e leis do chlann aige, ‘gus rith e’mach as an áir as dhéidh am bhristeamh mór cuideachd, agus dheun e sin gun mhall. Chall nam bean ’s nam baintreach gach aon fear aice fhé, ‘gus rinn na Caimbeullaich comhaireachd mhath an aghaidh na Fíor Gàidheil, ach rith nan Gaill leotha’mach as am blár agus a-mach as an áir gun mhall. Sheas iad – na Caimbeullaich – amhàin an aghaidh dìoghaltas an-mhór na Fíor Gàidheil agus na Dòmhnullaich agus na clainn beag cuideachd. Ghoid ’s ghlac na Fíor Gáidheil no Arm nan Gáidheal am biadh aca ’s dhéidh an bhristeamh móra.)