Raghnall mac Ailein Òig agus Colann gun Cheann

Raghnall Dubh: Bha duine làidir air an robh Raghnall…Raghnall Dòmhnallach de Chlann ’ic Dhùghaill a bha fuireach ann an Crois. Agus bha mac piuthar aige agus chaidh i…chaidh i, am boireannach seo, a mharbhadh air achadh as an Camus Darach a ceann a chuir dhith.

Caluim Iain: Carson a chaidh a ceann a chur dhith?

Raghnall Dubh: Agus chaidh iad a-mach air a chèile mun na thionndaidean dar a bha a’ geàrradh a’ choirce.

Caluim Iain: Seadh.

Raghnall Dubh: Agus bha i a’ cur dragh feadhainn dhiubh a bha a’ gabhail an rathaid gu h-àraid air an oidhche. Agus chaidh an gille seo le gunna dol ga tilgeil agus an àite tilgeil ’s ann fhuair iad marbh e fhèi’ làrna-mhàireach agus an gunna air a tionneamh ma amhaich.

Caluim Iain: Dìreach.

Raghnall Dubh: Agus an seo chaidh an duine Raghnall fhèi’ sìos agus rug e oirre agus thug e leis air a’ mhuin i. Agus dar a thàinig e fear an toiseach dhan Chrois, dh’iarr i air a’ leigeil às ’s ach cha robh e airson sin dhèanadh. Ach chum i oirre ag iarraidh às. Agus mu dheireadh, leig e às i, leabharra, nach chuireadh e dragh air fuil fionneadh iad gu bràth tuilleadh. Agus chuir i suas an t-òran, “’S fhada bhuam fhì’ Bonn Beinn Eadarra, ’s fhada bhuam fhìn Bealach a’ Mhorghain.”

Caluim Iain: Seadh, seinn sibh e.

Raghnall Dubh: Ach chan eil agam ach siud dheth.

Caluim Iain: Seadh.

Raghnall Dubh: Chan eil.

(Seo agallamh eadar Raghnall Dubh mac Eòghain Mac Gilleathain (1880 gu 1960) agus Caluim Iain Mac Gilleathain (1915 gu 1960) agus bha iad ‘cainnt mu’n Raghnall mac Ailein Òig agus an strìgh eadar e ‘gus an Colann gun Cheann)