Thoir Bò go ruige Taigh Mòr agus Iarraidh e don Bhàthaich

Tormod Dòmhnallach: Chan eil fhios a’m nach chuala sibh an sean-fhacal seo: “Thoir bò go ruige taigh mòr agus iarraidh e don bhàthaich.” An cuala sibh am fear sin?

Caluim Iain: Cha chuala mi, cha chuala mi dad mu dheidhinn ach sin.

Tormod Dòmhnallach: Seadh, ma thà, tha, bhathar ag ràidhtinn gun robh diùc uairigineach anns a’ Ghàidhealtachd aig nach robh duine teaghlaich agus bha e a’ gabhail sgrìob a-mach air an rathad mhòr agus cò thachair ris ach treud dhe na ceàrdaran. Bha teaghlach mòr chloinneadh aig a’ cheàrd agus aig a’ bhana-cheàrd a bha ann an seo agus bha iad, mar a bha iad daoine anns a’ choitcheannta anns na laithean sin, bha iad glè bhochd. Glè bhochd ann an aodach agus a thaobh cas-bheairt cha robh idir ann. Agus bha a’ chlann co-dhiù, ged a bha a’ bhochdainn orra, bha iad sònraichte dreachmhor, mar bu trice a chìte clann nan ceàrdaran. Agus stad an diùc agus ’s ann a chaidh aire a tharraing go sònraichte go aon phàisde-nighinn bha dreachmhor air leth. Agus dh’fhoighneachd e dhe na ceàrdanan san dol seachad.

“À,” ors’ esan, “tha, saoil an toir sibh dhomh fhìn am pàisde, an nighean agaibh ann an seo, nar a tha leidhid agaibh de theaghlach?”

Agus bha a’ bochdainn air an duine agus dìth agus uaireasbhaidh, a h-uile càil a bh’ ann, teachd-an-tìr glè dhuilich fhaotainn. Agus stad e mionaid.

“Ò,” ars’ esan, “bheir, bheir mi dhuibh i a cheana. Tha fios a’m gum bidh i air a deagh ghrèidheadh, air a dheagh thogail agaibhse.”
Agus ’s ann mar seo a bha.

Dh’fhoighneachd an diùc dhen nighean bheag an robh i deònach a’ falbh cuid ris agus nar a chunnaic i h-uile rìomhach as a bha timcheall air an diùc, bha i toilichte go leòr agus cha b’ e ruith ach leum.

Thug an diùc leis i co-dhiù go ruige an caisteal. Agus chaidh i a ghlanadh agus chur ann an aodaich a b’ fheàrr ’s a h-uile saothair agus cùram a ghabhail rithe. Chaidh a togail mar sin suas anns an uaisle agus anns an fhoghlam a b’ fheàrr a ghabhadh faotainn. ’S bha i na boireannach òg cho buadhmhor agus cho dreachmhor pearsa agus a b’ urrainn duine fhaicinn ann an seachd siorrachdan.
Co-dhiù na co-dheth, an latha a bh’ ann an seo, an dèidh dhi a h-uile foghlam agus a h-uile càil a bh’ ann a chrìochnachadh, bha i mach air sgrìob laitha fhèin. Agus nar a bha i sìos an rathad mòr a bha ma mhìle na dhà bhon chaisteal, cò thachair rithe ach treud dhe na ceàrdanan. Ach ma thachair, sheas i, bha rudeigineach ann a rinn i dalladh ’s buaireadh agus tàladh agus chan fhaca an diùc riamh tuilleadh i. Dh’fhalbh i cuide ris na ceàrdaran agus phòs i fear dhiubh.

Caluim Iain: ’S ann mar a thàinig an sean-fhacal, ma-thà.

Tormod Dòmhnallach: ’S ann mar sin a thàinig an sean-fhacal.

Caluim Iain: Glè mhath.

(Seo còmhradh eadar Tormod Dòmhnallach agus Caluim Iain Mac Gilleathain, agus bh’ iad ‘cainnt mu sean-fhacail ann air Sgitheannach)