Blàr Inbhir Lochaidh

Luinneag:
Hì réim hó-ró, hó-ró leatha,
Hì réim hó-ró, hó-ró leatha,
Hì réim hó-ró, hó-ró leatha,
Chaidh an latha le Clann Dòmhnuill.

(I)
An chuala sibh an tionndadh duineil,
‘Thug an camp’ a Cille Chuimein?
‘S fad a’ chaidh ainm air bhur n-urras;
Thug sibh as bhur naimhdean iomain.

(II)
Dh’àithnich mi bhur sùrd air tapadh,
A dìreach àm ‘mach glùn Chùil Eachaidh,
‘S ged tha mo dhùthaich ‘na lasair,
‘S éirig air a chùis mar thachair.

(III)
Ged a bhiodh oighreachd a’ Bhràighe,
Gu ceann sheachd bliadhna mar tha i,
Gun chur’ gun chliathadh, gun àiteach,
‘S math an riadh ‘sa bheil sinn pàighte.

(IV)
Dh’éirich mi moch maduinn cheòraich,
Gu bràigh’ Caisteal Inbhir Lochaidh;
Chunnaig mi ‘n t-arm a dol an òrdagh,
‘S bha buadh a’ Bhlàir Clann Dòmhnaill.

(V)
Alasdair nan geur-lann sgaiteach,
Thòisich thu ‘n dé ri cur as daibh;
Chuir thu ratreut seach an caisteal,
Agus sùrd glé mhath ga leantail.

(VI)
Alasdair nan geur-lann guineach,
Nam biodh agad t-armuinn uile,
B’fheudar do na dh’fhalbh diù fuireach,
‘S ratreut air pràbair an duilisg.

(VII)
Alasdair Mhic Cholla Gasda,
Làmh dheas a sgoltadh nan caisteal;
Chuir thu ‘n ruaig air Gallaibh glaise,
‘S ma dh’ol iad cal chuir thu asd’ e.

(VIII)
Thug sibh toiteal teth mu Lochaidh,
A’ thoirt bhuillean mu na srònaibh;
Bu lìonmhor claidheamh clais-ghorm còmhnard,
‘Gam bualadh an làmhan Chlann Dòmhnaill.

(IX)
Dh’innsinn sgeul eile le firinn,
Cho mhath ‘s a nì chléireach a’ sgrìobhadh;
Chaidh na laoidh ud agus an dichioll,
‘S chuir iad maoim air luchd am mì-rùin.

(X)
Is mairg a dhùisgidh bhur nan iochd,
An àm rùsgadh nan gréidhein tana;
Bh’ ìngnean nan Duibhneach ri talamh,
An déidh an luighean a ghearradh.

(XI)
An latha a shaoil iad a dhol leotha,
Bha na laoich gan ruith air reòthadh;
‘S iomad slaodanach mór odhar,
‘Bh’ air aodann Achadh an t-Odhair.

(XII)
‘S iomad fear aid agus pior-bhuic,
Agus cuilbheir, caol, dìreach,
Bha ‘n Inbhir Lochaidh ‘na shìneadh,
‘S bha luaidh nam bàn a Ceann Tìre ‘nn.

(XIII)
‘S iomad corp nochdte gun aodach,
‘Bha ‘call fal’ air lotaibh caola,
Eadar an t-àit ‘an d’rinn iad maoimeadh,
‘S ceann Leitir Blàr a’ Chaorainn.

(XIV)
‘S iomad spòg ùr air dhroch shailleadh,
Thall ‘s a-bhos mu Thom na h-Aire,
An déidh an reubadh le claidheamh,
Neul mhairbh air an sùil ‘s iad gun anam.

(XV)
Chuala sibh mu’n Ghoirtein odhar,
Tha e ‘m bliadhn’ againn ‘na thodhar,
Gun inneir chaorach no gobhar,
Ach fuil nan Duibhneach air reòthadh.

(XVI)
Sgrios orm ma’s truagh leam bhur gàirich,
No an-shocair bhur cuid pàisdean,
Dòmhnallaich bhan Earra Gháidheal,
‘Caoidh nam fear a dh’fhán san àraich.

(XVII)
Air do làimh-se Thighearna Labhair,
Ge mór do bhòsd as do chlaidheamh,
‘S iomad fear mór chinneadh t-athar,
‘Bha ‘n Inbhir Lochaidh ‘na laighe.

(XVIII)
‘S iomad fear cleòc’ agus biorraid,
Cho mhath ‘s a bha beò dhe do chinneadh,
Nach dug a bhòtannan tioram,
Bha ‘foghluim snàmh’ air bun Neibhis.

(XIX)
Iain Mhuideartach nan seòl soilleir,
A sheòladh an cuan ri la doilleir,
Ort cha dh’fhuaradh bristeadh coinneamh,
‘S àit leam Barra-Breac fo do chomraich.

(XX)
Thug thu gu do dhuban a leigeadh,
Air Caimbeallaich chiar nam beul sligneach;
Gaor is eachainn ‘dol ‘nan ‘s taigh geal,
Slachdraich lann ‘s an ceann agam bristeadh.

le Iain Lom Mac Dòmhnuill nan Ceapaich
(1620 gu 1709).

(Sgrìobh Iain Lom an t-òran so shìos as dheidh Blàr Inbhir Lochaidh air 2mh Gearran 1645, nuair a bhuaidh Arm nan Gàidheal caithream an-mhor ‘s dochreidsinn an aghaidh nan Gaill, agus an aghaidh Clann Caimbeul gu h-àiridh air an latha sin. Cha robh Iain Lom san bhlàr e fhé, ‘ch sgrìobh e mu gach aon rudan ann air an latha so. Bha na Fior Gàidheal no Arm nan Gàidheal fo cheannard Alasdair Mac Colla ri linn am bhlàr, agus bha Montròs ann cuideachd, ach bh’ Alasdair an chiad taoiseach amhàin air an latha so gun teagamh! Chaoidh na Gàidheil mairseil fhada fo cheanntar Beinn Neibhis agus bha 1,500 saighdear amhàin aca ‘nnsin. Chaoidh ead air do ghluainean aca roimh an cath, agus rinn ead paidrein chun an trì naomh mór nan Gàidheal – Pàdruig, Brìd ‘s Caluim Cille. Agus as dheidh sin chaoidh ead air an ionnsaigh mór an aghaidh dhà sluagh / airm nan Gaill agus bhuaidh ead an caithream an-mhor air an latha so. Chuir na Gàidheil mu’n eadar 8,000 gu 9,000 Gall gu bàis ann, agus bha móran àireamh na Caimbeullaich no Sìol Dhiarmuid ann cuideachd.)

(‘S pìosa bheag seannchas mu’n am bhlàr so: Thánaig Alasdair Mac Colla chun gu Iain Lom na Ceapaich as dheidh an caithream, agus a dhubairt Alasdair chuige: “Carson cha robh u ‘sabaid leinn air an latha so a Iain?” Agus thug Iain Lom an fhreagair so gu Alasdair: “Bheil a mhic, dé a fhuair mi bàis air an latha so cha robh ‘s chan eil daoine fo’n àite do sgrìobh mu’n caithream an-mhor againn an-diugh!” Agus rinn Alasdair gàire ‘nnsin agus thug e òrduigh chun Iain Lom do sgrìobh òrain mhath mu’n blàr so.)