Òran do dh’ Ailean Aonghais

(I)
Am faic thu ’m bàta riomhach
A shiubhlas cinnteach cuan?
Le coignear ghillean dìleas oirre
A dh’ iomaireas i gu fìnealta,
’S a sheòlas i le innleachdan,
’Si ’s cinntich’ sgriob a nuas:
A sgiobair Lachainn òg tha fìor mhaith,
Làmh a dhiobradh stuadh!

(II)
Tha cliù ’s gach àit ’s an dùthaich
Air an àrdraich, ùr o ’n tuaigh;
A taobh tha sliosar liobharra,
Gun mheang, gun ghaoid, ach fìrinneach
De dh’ fhiubhaidh daingeann dìleas,
Is gur dionach i mu ’n cuairt:
Ged dh’ éireadh tonn mar bheinn gu h-àrd
Le gàirich thig i ’nuas.

(III)
’N uair ’theannas tu ri ’seòladh
Le do sgioba còir gun ghruaim,
Tagh òigear làidir, taiceil
Bhios gun mheang, gun ghiamh, ach faicilleach,
Ro-chùramach gun ghealtachd ann,
’S biodh e fo d’ smachd mar ’s dual;
A chumas i mar ’s còir dhi ’bhi
’N uair ’bhios ann sìde cruaidh.

(IV)
Co e ’m fear-sgòid théid làmh-riùt,
Ach an tàillear ri an-uair.
’Se-féin am fiùran furachail,
’S e teoma air a h-uile rud.
Cha tric a chi sinn duine
A tha cho ullamh, ealamh, luath:
Bheir e an sgòd a staigh mar ’s còir,
’S gur h-eòlach e mu ’n chuan.

(V)
Dhearbh e ’ghniomh ’s a thabhachd dhuinn
Ri là an ànraidh chruaidh,
Am bàrr na slaite chìteadh e
’Se ’glaodhach, “Cumaibh dìreach i
Le spionnadh dhòrn ’s le innleachdan
No théid i ’sios ’s a’ chuan”:
An greim a fhuair e ghléidh se e
Ged bha e ’n éigin thruaigh.

(VI)
Bha ’ghaoth gu cruaidh a séideadh oirr’
’S na speuran làn de ghruaim;
Na siùil chaidh uile ’reubadh dhi,
’S bha ’n fhairge is calg gu léir-sgrios oirr’
Na teine-sionnachain ’g éiridh uimp’
Gu ruig a sléisdean suas:—
An tonn bu lugha ’bheucadh
Chluinnt’ á Sléit e ann an Cluaidh.

(VII)
Ged fhuair i mòran allabain
Le creanachadh a’ chuain,
Ma dh’ fhaodar fhathast nìtear i
Cho dionach, làidir, fìnealta
Ri bàta ’th ’anns na tìrean so,
Gur fiach i a cur suas.—
Eadar Cana ’s Maol-Chinntire
Shiùbhladh i ri uair.

(VIII)
A Lachainn Òig gu fìrinneach
Gur math is fiach thu duais.
Gu ’n d’ rinn thu gniomh ’bha tàbhachdach
An là a cheap thu ’n tàillear dhuinn;
Cha d’ leig thu ás do làmhan e
Ged ’shnàmh e pios de ’n chuan
Gur fìnealt’ air an t-snàthaid e,
Tha obair àlainn, buan.

Le Dòmhnull mac Iain Òig Dòmhnullach no Dòmhnull mac Iain Òig.

(Bha ’n tàillear ag iasgach air carraig a robh Ailean Aonghais, agus thuit e a mach anns a mhuir. Shìn fear de na bha ’sa chuideachd an tàbh ’ga ionnsaidh, agus air dha breith air thàirneadh gu tìr e. A réir a’ Bhàird ’s ann le bàta a theàrnadh an tàillear. Bha bàrd an-mhath a Dòmhnull mac Iain Òig agus chaochail e air Bhàrraigh sa bhliadhna 1835.)