Òran do’ n Chuairtear

(I)
Deoch slàinte ’CHUAIRTEIR a ghluais á Albainn,
Bho thìr nam mòr-bheann ’s a sheòl an fhairge
Do ’n dùthaich choilltich s’ ’thoirt dhuinn a sheanchais;
’S am fear nach òl i, biodh mòran feirg ris.

(II)
’N uair thig an CUAIRTEAR ud uair ’s a’ mhìosa.
Gu ’m bi na h-òganaich le toilìnntinn
A’ tional eòlais bho chòmhradh sìobhalt,
’S bidh naidheachd ùr aig’ air cliù an sinnsribh.

(III)
Gur lionmhor maighdean tha ann an déigh air,
’S a bhios le caoimhneas a’ faighneachd sgeul dheth,
Le solus choinnlean a bhios ga léughadh,
’S bidh eachdraidh ghaoil aige do gach té dhiubh.

(IV)
Cha ’n ioghnadh òigridh thoirt mòran spéis dha
’N uair ’tha na seann daoin’ ’tha ’call an léirsinn,
’S an cinn air liathadh cho dian an déigh air,
’S nach dean iad fhaicinn mar cleachd iad spéuclair.

(V)
’S e ’n CUAIRTEAR GAIDH’LACH an t-àrmunn dealbhach
Le ’phearsa bhòidhich an còmhdach balla-bhreac
Mar chleachd a shinnsreabh gu direadh gharbhlach,
’S e fearail, gleusda gu feum le armaibh.

(VI)
’N uair thig e ’n tìr so mu thìm na samhna,
Bidh féileadh cuaiche mu chruachainn theannta,
’S a bhreacan guaille gu h-uallach, greannar,
’S cha lagaich fuachd e no gruaim a’ gheamhraidh.

(VII)
Bidh boineid ghorm agus gearra-chot ùr air,
Bidh osain dhealbhach mu ’chalpaibh dùmhail,
Bidh gartan stiallach thar fiar-bhreid cùil air,
’S a bhrògan éille, ’s b’e ’n t-éideadh dùthchais.

(VIII)
Bidh lann gheur stàillinn ’n crios ’bhraiste airgid air
’S biodag dhuallach de chruaidh na Gearmailt,
Is dag air ghleusadh nach leum le cearbaich,
Le sporan iallach de bhian an t-sheana-bhruic.

(IX)
’S e sin an t-éideadh tha eutrom uallach
Gu siubhal bheann agus ghleann is chruachan,
’S gu seasamh làraich an làthair cruadail;
Bu tric an nàmhaid an càs air ruaig leis.

(X)
’N uair chi mi ’n CUAIRTEAR tha uasal, rìoghail,
Bidh mi ga shàmhlachadh ri Iain Muilleir;
Tha fichead geamhradh bho ’n tha e ’s tìr so
’S cha d’ chuir e riamh air a shliasaid cuibhreach.

(XI)
Tha còrr is ciad bho ’n tha ciall is cuimhn’ aig’;
Is tric a shealg e ’n damh dearg ’s na frìthean,
Air slios Beinn Armuin a b’ àrd r’ a dìreadh,
’S an déigh an t-seors’ ud b’e ’n còmhlan fiachail.

(XII)
’S a’ CHUAIRTEIR àluinn tha ’tàmh ’s na gleanntan,
Ga bheil a’ Ghàilig, ’s a ’s feàrr a labhras i,
’S nach gabh tàmailt ge be ni sealltainn riut,
’S mòr de chàirdean tha ’n dràst an geall ort.

(XIII)
Gu ’n ghabh iad tlachd dhiot le beachd nach tréig iad,
Bho ’n ’s Gàidheal gasd’ thu tha sgairteil gleusda;
’S tu oighr’ an TEACHDAIRE ’chleachd bhi beusach,
’S cha d’ fhàgadh masl’ air a’ mhac ’na dhéigh leis.

(XIV)
’S a’ CHUAIRTEIR ghràdhaich cha d’ thugainn fuath dhuit;
Gu’n robh do chàirdeas ri sàr-dhaoin’ uasal,
Ged-a rinn pàirt dhiubh do chàradh suarach,
A chaill an Gàilig ’s na b’ fheàrr cha d’fhuair iad.

(XV)
’S i Ghàilig bhrìoghmhor ’bh’ aig suinn na Féinne,
’S bu daoine calma nan aimsir féin iad,
’S rinn Oisean dànachd dhaibh air a réir sin;
’S gur h-i bh’ aig Pàdruig a bheannaich Éirinn.

(XVI)
Gur mòr na fiachan fo bheil na Gàidheil
Do ’n fhear a dh’ inntrich air leabhar nàdair,
’S a dhearbh le fìrinn gur h-i bh’ aig Adhamh,
’S e bainne ’cìche a lìon gach cànain!

(XVII)
Bu lus ’bha prìseil i chinn ’s a’ ghàradh,
Bha ’n stochd gun chrìonadh am brìgh ’s an àilleachd,
’S cha robh ann siantan a mhill a blàithean;
Bu ghlan gun truailleadh a fuaim an là sin.

(XVIII)
A CHUAIRTEIR éibhinn na tréig gu bràth i,
’S na leig air dìochuimhn’ ri linn an àil s’ i:
Bidh sinn ga seinn anns na coilltibh fàsaich,
Mar sheinn na h-Eabhraich an cainnt ’am Bàb’lon.

(XIX)
’S a CHUAIRTEIR shìobhalt ma ni thu m’ iarrtas,
’S gu ’n cuir thu ’n t-òran so ’n clò nan iarunn,
A’ d’ chaoimhneas giùlain do ’n chùrsa ’n iar e,
Do’n eilean iosal, ’an tìr o’n thriall mi.

(XX)
Am baile gaolach a’ Chaolais àillidh
’S an robh mi ’còmhnaidh ’n am òige, fàg e,
Aig Cnoc Mhic-Dhùgh’ll far an dlù mo chàirdean;
’S thoir fios gu’n ionnsaidh gu bheil mi m’ shlàinte.

(XXI)
’N uair bhios mi còmhla ri comunn càirdeil,
’N ar suidhe còmhnard mu bhòrd taigh-thàirne,
Gu ’n gabh mi ’n t-òran, gu ’n òl, ’s gu ’m pàidh mi
Deoch-slàinte ’CHUAIRTEIR le buaidh do’n Ghàilig.

 

Le Iain mac Ailean / Am Bàrd Mac Gilleathain (1787 gu 1848)

(Sgrìobh e ’n òran so mu bliadhna 1842. Bh’ Iain Muileir fear beo san àm sin agus fhuair e dhibir a-muigh as an Seann Ghaidhealtachd ri linn na Fuadaichean a’ Cataibh eadar 1812 gu 1814, 1815, 1816 gu 1817, 1818 gu 1820 agus 1821 no 1812 gu 1821 ri chéile. Bh’ Iain Sùtharlannach an fhìor ainm aige, ‘gus thàinig e gu h-Albainn Nuadh ri linn na Fuadaichean ann san Cataibh. Bha fuath an-mhor aige thun nan tighearnan talamh gun teagamh, agus a-dubhairt e sin ’s mu sin gach àm ’s aimsir aige nuair a rinn e cuairt thun daoine Gàidhealach fo h-Albainn Nuadh. Bha Boladh an Fhéilidh an t-ainm eile air. Cha chuir e eadaidh nan Gall aige ‘gus bha breacach air gach samhradh ’s gach gheimhreadh cuideachd)