(I)
A charaid chaoimh, thoir uam-sa beannachd,
Gu càirdean na Fèinn’ ’s tu cèilidh mar riuth’
A Bhinnipeig mhòr nan stòr ’s na ceannachd,
A’ chruithneachd, a’ choirc’, is a’ phònair.
(II)
O togamaid fonn sa chànain mhaiseach,
A dh’ionnsaich sinn òg mu chrò na cagailt,
An dùthaich nan sonn ri tonn a’ chladaich,
Far an lùiginn rithist bhith còmhnaidh.
(III)
Nam smuaintean leam fhèin ’s nam bhruadar cadail,
Tha mise gach uair toirt cuairt don bhaile,
San d’ fhuair mi am blàths, an gràdh ’s am bainne,
Is càirdeas cridheil na h-òige.
(IV)
Cha robh ach an-raoir ge b’ e cruaidh an reothadh,
Bha mis’ agus càch le spàirn a’ treabhadh,
A’ cur a’ bhuntàt’ am bàrr an leothaid,
‘S a’ tionndadh talamh an eòrna.
(V)
Na h-uain bheag a’ leum air bruaich na gile,
Is aiteal na speur na leus san linne,
An smeòrach a’ seinn cho binn sa chreagan,
‘S an uiseag a’ ceilear sna neòil dhuinn.
(VI)
Mo bheannachd gu bràth aig tràigh na mara,
Sam bu tric bha mi snàmh, gun chàil air m’ aire,
O mhadainn an là gu tràth dhomh laighe,
Ach sùgradh, aighear, is gòraich’.
(VII)
Tha ’n clachan mar bha am bràigh a’ chladaich,
Na cnuic is na h-eòin sa mhòinteach fharsaing,
Ach cuideachd mo ghaoil bu chaomh leam fhaicinn,
Mo thruaighe mise, cha bheò iad.
(VIII)
O togamaid fonn sa chànain mhaiseach
A dh’ionnsaich sinn òg mu chrò na cagailt
An dùthaich nan sonn ri tonn a’ chladaich
Far an lùiginn rithist bhith còmhnaidh.
Le Dòmhnall Iain Ruaidh MacÌomhair no Dòmhnall Iain Ruaidh Thormoid Thormoid an Tàilleir Mac Ìomhair (1942 gu 2015)
(Rugadh Dòmhnall Iain Ruaidh ann an Lacasdal, ach togadh e aig Loch Croistean, Ùig air Leòdhais gu nuair a bha e 11 bliadhan dh’ aois. Ach bha e san Àirigh an Tuim air Leòdhais annsin gu a dh’ fhàs e shuas, agus nuair a fhuair e crìoch leis sgoile. Bha e air taobh nan Gàidheal ri linn an Cogadh Fhada ’nn Éirinn eadar 1969 gu 1998 air aghaidh, agus rinn e cuairtean gu Doire a’ Chaluim Cille gach aon bliadhan ri linn an cogadh. Sgrìobh e ’n t-òran so do chuimhne ’n t-àm a robh e ’nn san baile mór Bhinnipeig san Gleann Uisge Dhearg, a-muigh air nam Machairean Móra ’nn san Chanada / Tìr na Craobh. Chaidh e gu Bhinnipeig agus Gleann Uisge Dhearg mar bha clann aige ’nn, agus sgrìobh e ’n òran mar bha móran uaighneas aige nuair a bha e ’nn. Chaidh móran sluaghan na Leòdhasaich gu Bhinnipeig no Uinnipeg a sgrìobh iad. Agus sgrìobh Dòmhnall Iain Ruaidh san Gàedhlig Uisge Dhearg agus san Gàilig Uinnipeg nuair a bh’ e ’nn cuideachd.)