Òran do ’n Ailean Mac-Gilleain agus do dh’ Eachunn Cholla

(I)
Mo rùn an t-Ailean a chaidh thairis
Air luing chrannag, air cuan aineoil
Leis na fearaibh ’dh ’ionnsaidh ’n fhearainn dhlùth-choillich.

(II)
’S bochd a dh’ fhàg thu na dearbh-chàirdean;
Bean is màthair dubhach sàraicht’
Gun fhiamh gàire ’s iad a ghnàth gad ionndraichinn.

(III)
’N t-aon eun peucaig ’bh’ aca féin
Chaidh thoirt air éigin thar nam beuc-thonn,
Cùl na gréine;—sgeul tha deurach dhuinne sud.

(IV)
Guidheadh iadsan air an Ard-rìgh
Na shaor-ghràs E ’bhi mar gheàrd air,
Na sgéith làidir, anns gach àite cunnartach.

(V)
Biodh e ga d’ dhion air muir ’s air tìr,
’S gach àit am bi thu ’m blàr nan rìghrean,
Bho d’ luchd miorùin; ’s thig a nios gu cliùiteach oirnn.

(VI)
Le nighinn Eachuinn, ged is meat i,
Bhiodh e taitneach ’dhol air astar
Leis a chaiptein thar nam bras-thonn dubh-cheannach.

(VII)
C’ àit an faic mi coltas Eachuinn
’N cuma pearsa ’s an gnùis-mhaise;
Bha gach tlachd air; mo cheud creach nach dùisg mi e.

(VIII)
An tall’ àdhmhor an triath shàr-mhath
Gheibht’ gun fhàiling pìob is clàrsach,
Ol is dàin, is bhiodh e làn de chùirt-fhearaibh.

(IX)
Sin an taigh ’s am biodh a mheadhail mhòr
’S bhiodh gleadhar anns gach seileir
Aig luchd-feitheimh ’s gloine ’n làimh gach aon duine.

(X)
B’ e ’n laoch mòrail ’chaisgeadh tòir e;
Fàth mo bhròin an diugh nach beò e;
Sìnt’ fo ’n fhòid tha mo sgiath mhòr ’s mo chùlanach.

Le Niall Mac Laomuinn.

(Rugadh ’s togadh Niall Mac Laomuinn air Tiriodh, agus bha nighean Niall phòstadh leis fear Mac Phaidein agus bha iad nighean agus fhuair i phòstadh gu h-Ailean Mac Gilleathain san òran so. Bha Niall Mac Laomuinn an shin-shin-shean-athair nam Bàrd Mór no Bàrd Mac Gilleathain. Bh’ Ailean Mac Gilleathain saighdear / caiptein san Raoismind Mhic Gumaraid, agus bha raoismind saighdearan Gàidhealach san arm Ghallda, ‘gus chuir riaghaltas Gallda ead chun Dùthaich nan Craobh san bhliadhna 1757. Sgrìobh Niall Mac Laomuinn na òran so le chéile ’nnsin. Phòstadh Ailean chun gu Ùna Nighean Eachunn Mac Gilleathain, an tòiseach na Colla. Chaochail e san bhliadhna 1783.)