Bruadar Rìgh Bhreatuinn

Chunna Righ Bhreatuinn ’na shuain
’N aon bhean a b’ fheàrr snuadh fo ’n ghréin.
Chunna Righ Bhreatuinn ’na shuain
‘N aon bhean a b’ fheàrr snuadh fo ’n ghrèin.

(I)
Gu ’m b’ fheàrr leis tuiteam fo cion
Na còmhradh fhir mar e-fhéin.

(II)
Labhair Sir Bhoilidh gu fial.
Théid mise ’g a h-iarraidh dhuit.

(III)
Mi-fhìn, mo ghille, ’s mo chù,
’N ar triùir a dh’ iarraidh na mnà.

(IV)
Re thrì seachduinn ’s thrì mios
Bha mi sgith ri siubhal cuain.

(V)
Mu ’n d’ fhuaras ionad no fonn,
Aite ’n gabhadh mo long tàmh.

(VI)
’S ann an iomall a’ chuain ghairbh
’Chunnacas talla, tùr-ghlan, gorm.

(VII)
Uinneagan glaine air a stuaidh,
’S bu lionmhor ann cuach is còrn.

(VIII)
Latha ’s mi seòladh fo ’bhonn
Chunnacas slabhraidh ’tighinn a nuas.

(IX)
Rug mi oirre gun fhiamh, gun sgàth
’S chaidh mi am dheann oirre ’suas.

(X)
Chunnacas bean an deud ghil ùir
’S i ’na suidh’ ’s an tùr a steach.

(XI)
Sgàthan glaine air a dà ghlùin,
’S bheannaich mi-fhin dà gnùis ghil.

(XII)
Fhir a thàinig thar a’ chuain,
’S truagh do ’bheannachadh do m’ thaigh.

(XIII)
Le fear an taighe so fhéin
Cha ’n fhidirear treun no truagh.

(XIV)
Air mo chuirc-sa, ’bhean bhlàth
’S coma leam a ghràdh no fhuath.

(XV)
Chuir i Sir Bhoilidh fo phreas
’S thàinig a staigh am fear mòr.

(XVI)
M’ eudail is m’ aighear, ’s mo rùn
’S mòr an cùram ’th’ agam dhiot.

(XVII)
Cuir-sa do cheann air mo ghlùn,
’S gu ’n seinninn dhuit ciùil is cruit.

(XVIII)
Tharruing i ’n claidheamh o ’sgéith
’S gu ’n thilg i ’n ceann de ’n fhear mhòr.

(XIX)
’G éisdeachd torman ’chailin chiùin
Dh’ éirich an curaidh ’b’ fheàrr snuadh;

(XX)
Cruiteireachd na h-ighinne ùir’
A’s guirme sùil ’s a’s deirge gruaidh.

Le Iain Mac Gilleathain / Am Bàrd Mór (1787 gu 1848)

(Thánaig am Bàrd Mór thun an dàn so nuair a shroich e gu Cala Mór no Baile Mór Halafags. ‘S òran so ‘gàire ’n aghaidh rìgh Sasuinn ach an aghaidh rìgh nam Bhreatuinn gu h-àiridh.)