Caismeachd Ailein nan Sop

(I)
’S mithich dhuinne mar bhun ùmhlachd
Dàn bùrdain a chasgairt dhuit,
A fhleasgaich bhrioghmhior ’fhliuchas piosan
Le d’ dhibh spiosair, neartmhoraich.

(II)
Nochd niòr chéileadh fion na Frainge
’Nad theach meanmnach, masgulach,
A shìl uaibhrich nach biodh uaigneach
’S o ’m biodh sluagh gu cadaltach.

(III)
’S iomadh geòcach ann ad chosan
Agus deòraidh aigeantach
’N uair leigeadh iad a mach am bàrca
Thar an cabull ro-ghasda.

(IV)
Ceanglar uimpe mar bhur n-àbhaist,
Cuan a b’ àird’ do chasgairt leo,
’S nitear sin a réir a chéile
Gun fheum ’bhi air ath-dheanamh.

(V)
Beairt chaol righinn, lionmhor, chainbe,
Gun aon snaoim marcachd oirr’,
’N ceangal ri failbheagaibh iarruinn,
Droinip nach iarr acarachd.

(VI)
Sin air deanamh lùthach, làidir,
Le spionnadh àrd ’sa’ cheart uair sin,
Gus an tugadh air a crannaibh claonadh
Taobh na gaoith a cheart-eiginn.

(VII)
’N uair ’shuidheadh iad air a crann-céille
Gach fear féin ri dreapaireachd,
A liuthad sodar muir onfhaidh,
’S e gu ceannagheal, gorm, caiteanach.

(VIII)
A bristeadh gach taobh de brannradh
’Se ’n coimh-ruith ri baidealaibh,
Fad ur fad-fhradhairc ’s na neullaibh,
Slat o beul a dh’ fhaicinn-sa.

(IX)
A dol timchioll sruth no sàilean,
’S i gu leanabhail tartarrach,
’S iomadh lùireach an ceangal ri h-earraich,
’S bogha dearg Sasunnach.

(X)
Croinn air an locradh bho ruinn gu dosaibh
Le ’n cinn dhodach fhad-ghainneach.—
’N uair a chunnacadar am fad bhuait
Na crìochan ris an robh fuath acasan.

(XI)
Glacadar na fuirbi righne
Nan doidibh min ladarna;
Rinn iad an t-iomram teann, teth
Toghbha làidir, eòlach, acfhuinneach.

(XII)
Thug iad cudthrom air na liadhaibh,
’S raimh ’gam pianadh acasan;
Chuir iad a beòil mhòr ri chéile,
’S a da chléith gu ’n shrac iad sin.

Le làmh Eachunn mac Iain, mu ’n bhliadhna 1537.

(Bha Triath no Tighearna Cholla ’robh Eachunn mac Iain, agus sgrìobh e ’n òran so ri chéile mu ’n Ailein nan Sop mac Lachann Catanach agus rinn Ailein nan Sop creachan, ruaigean agus cogaidh fhola ’n aghaidh nan Goill airson bliadhna fhada. Bha creachadair agus Gallóglach e fhéin, agus bha creachadair ainmeil e fhéin cuideachd. Bh’ Ailein nan Sop fo cheannard Triath Dhubhairt airson bliadhna fhada ‘gus bha maighstir an-mhor e air an fharraige nuair a rinn e ruaigean ’s cogadh an aghaidh nan Goill. Chaidh e chun gu h-Éirinn agus a’ Ghalltachd do chur garbh-sgrios air nan Goill agus air nan Sean Goill go h-áiridhe. Bha e ’sabaid air taobh nan Gàidheil gach aon àm san gach aon cogadh agus dheun e sin airson bliadhna fhada san Éirinn gu h-áiridhe. Chaidh e an aghaidh nan Goill as an tonn fharraige cuid mhor, agus ràinig e gu h-aois mhòir. Chaochail e mu ’n bhliadhna 1555. Tha e ’n tiodhlacadh an Reilig Orain an Ì Chaluim-Chille.)

(Bu duine math Tighearna Cholla, ’s bha giùlan Ailein a’ cur duilichinn air. Chual Ailean nach robh e toilichte leis ’s chuir e roimhe aicheamhail a bhi aige. Sheòl e gu Colla; ghlac e ’fhear-cinnidh, ’s thug e leis e gu Loch Tairbeirt. Bha Tighearna Cholla ’n a dheadh-bhàrd, agus air dha òran a dheanamh air Ailean fhuair e as. Tha e gle choltach gur h-e so a cheart òran leis an d’ fhuair e a shaorsa. ‘S breagh leotha nan Collaich an sgeultan mu ’n Ailein nan Sop mar bha h-óglach ’s creachadair an-mhath ’s an-mhor e fhéin.)

(Fhuair an t-òran so chall ann san Seann Ghàidhealtachd airson aimsir ro-fhada, ‘gus dh’ fhill e chun nan Gàidheal air ais a rithisd san Cala Mór no Halafags, Albainn Nuaidh san Dùthaich nan Craobh.)