Caluim Iain: Agus, a-niste, bha sibh a’ dol a dh’innse. Niste bha sibh ag ràdh gun robh fear seo ann latha ’s c’ ainm a bh’ air an duine fhèin?
Raghnall Dubh: Am pìobaire?
Caluim Iain: Pìobaire, seadh.
Raghnall Dubh: Para Griogarach.
Caluim Iain: Para Griogarach.
Raghnall Dubh: Para Griogarach.
Caluim Iain: Agus bha e a’ cluich na pìob’ fhad ’s bha fear eile Uilleam MacEachainn còmhla ris.
Raghnall Dubh: Bha iad aige a’ cluith còmhla.
Caluim Iain: Cluich còmhla.
Raghnall Dubh: Dh’fhaodadh cuimhn’ a’m air nam bithinn faisg air Pàraig, dh’fhaodadh cuimhne a’m air.
Caluim Iain: Uh huh.
Raghnall Dubh: Agus bha a’ cluith na pìobadh a-staigh aige fhèi’ aon latha.
Caluim Iain: Seadh, dìreach.
Raghnall Dubh: Cha robh duine a-staigh ach e fhèin seo agus thàinig duine beag bìodach a-staigh agus deise Ghàidhealach air.
Caluim Iain: Seadh, dìreach.
Raghnall Dubh: Agus bha Para a’ cluith ceòl dannsa ‘gus thòisich an duine beag a’ dannsa air a bheulamh.
Caluim Iain: Seadh, seadh.
Raghnall Dubh: Agus chum e gu math. Bha an rud a’ còrdadh ris. Dh’fhàs e sgìth agus sguir e dheth air a’ phìob agus sguir am fear beag a’ dannsa.
Caluim Iain: Sguir, sguir.
Raghnall Dubh: Agus thuirt ’s e a-mach an dorast:
“’S math a chuir thu cac a’ chluich, a Phàraig.” Is dh’fhalbh e a-mach.
(Seo còmhradh eadar Caluim Iain MacGilleathain (1915 gu 1960) agus Raghnall Dubh mac Eòghain (1880 gu 1960) agus bha seanchaidh an-mhath a robh Raghnall Dubh cuideachd gun teagamh.)