Coille-Chragaidh

(I)
’N àm ’dhol ’sios, ’n àm dhol ’sios,
’N àm ’dhol ’sios bu deònach,
Luchd-nam-breacan, luchd-nam-breacan
A leathad le mòintich;
A falbh gu dian, a falbh gu dian,
Gun stad ri prìs an òrdaigh;
An deadh ghunna, ’n claidheamh ullamh,
Gun dad tuilleadh motion.

(II)
Mhaighstir Cailein ta mi deimhinn
Gu ’n d’ fhuair thu barrachd fòghluim:
’S fior gun bheum do neach fo ’n ghréin
A dh’ fhàg do bheul an t-òran.
Cha b’ fheàrr do bheus na tràill no béisd
Mar b’ oil leat Seumas fhògar
’S a thricead ’dh’ òrdaich e gun dearmad
Airgiod agus òr dhuit.

(III)
’S iomadh neach dha ’n robh e ceart
Nach d’ rinn a’ bheairt bu chòir dhaibh:
Ri àm fheuma Sasunn thréig e,
Albainn ’s Eirinn còmhla.
Armailt rìoghail, làidir, lionmhor
Dha ’n robh na cìsean mòra
Cho luath ’s a chunnaic iad Rìgh Uilleam
Cha d’ rinn iad tuilleadh còmhraig.

(IV)
Cha b’ e’ ghealltachd ’thug dhaibh snasadh,
’S cha b’ e neart Phrionns’ Orange,
Ach dearmad dìreach thigh’nn nan inntinn
O’n do chinn iad deònach
An Righ dùthcha fhéin a dhiuchreadh
Airson Prionns’ na h-Olaind.—
Ach facal soitheamh ’thuirt neach roimhe,
Gu ’m bi gach nodha ro-gheal.

(V)
Ma théid an Act s’ an leud no ’m farsuinn,
Cha ’n fheàrr gach neach na òglach:
Còir aig lag cha diong i dad
Mur faigh e neart ga chòmhnadh.
Am mac ’bhi ’gabhail brath air athair
Leis a’ chlaidheamh chòmhraig,
Chualas riamh gu ’m b’ ann de ’n ghniomh sin
Nach robh Dia ag òrd’chadh.

(VI)
Ge b’ e aca nighean no mac
Leugh gu ’m bu cheart an seòl dhaibh
Crùn an athar fhéin ’s a chathair
A ghabhail le fòirneart,
Is sgainneal bhreug a chur an géill
A chaoidh nach feudte ’chòmhdach
Tha Ti ga ’n léir; ma ’s i so ’n eucoir
Soirbh dha fhéin a tòireachd.

(VII)
Gu ’m bharail fhéin ge beag mo reusan
Gheibh mi ceud ga chòmhdach
Ge b’ e ti dhe ’n dean Dia rìgh
Gur còir ’bhi striochd-te dhosan;
’S ged ’théid e ceum de làn-toil fhéin
’S gun e ’cur éiginn òirnne
’N saoil sibh fhéin an lagh no reusan
Dol a leum ’na sgròban!

(VIII)
Sgeula bhuamsa mu Raon-Ruairidh
An robh na sluaigh a còmhrag;
Chuid bu luaithe ghabh an ruaig dhiubh,
’S bu daoin’ uaisle còir iad:
Nan cumte suas riuth’ teine is luaidhe
Ris an d’ fhuair iad fòghlum,
’S tearc a chruinnich riamh an urrad
’Gheibheadh urram beò dhiubh.

(IX)
Ach luchd a’ chunnairt’ chleachd na buillean
’S nach d’ fhuair tuilleadh fòghluim,
Cha d’ leubh air achd mar dhion do ’m pearsa
Gu ’m be stad bu chòir dhaibh,
Gach ti nach tuit bhi shios nan uchd
An còmhrag uilc bu nòs dhaibh.—
Mu’n d’ thill na gillean ’s iomadh pinne
’Thug sgeanan biorach Thòmais.

(X)
Air each gle-mhòr, cruidheach, ceumach,
Fuaimneach, steudmhor, mòdhar,
Cha bu lapach an aois macaibh
Ceannard feachd na Dreòllainn.
Le bhuidhinn threunfhear nach tais éiridh
Ga ’n robh cridh’ treun mar leòghann:—
’S iad a dh’ eubh an ciad ratreut
An déigh luchd-Beurla ’s cleòca.

(XI)
Bha ri ’n sgéith-san buidheann éiginn
’Dh ’fhalbh á Eirinn còmhla
Ri mionaid eile phàigh an éirig
Fhéin le gleusdachd còmhraig:
Bu bhinn an sgeul ’bhi seal ’g an éisdeachd
Is iad ri eubhach crònain,
’S a liughad fear air bheagan ceannaich
A fhuair malairt còta.

(XII)
Cha bu ghealtachd ’bhi ’g an seachnadh,
Cha robh ’m faicinn bòidheach,
An léintean paisgte fo ’n da achlais
’S an casan gun bhrògan;
Boineid dhathte ’dion an claiginn
’S an gruag na pasgan fòithe,
Bu chosmhuile ’n gleus ri trotan bhéistean
Na ri luchd-céille còire.

Le Iain mac Ailein am Muile (1670 gu 1716)

(Bha Iain mac Ailein mhic Iain mhic Ailein ann am Muile saighdear san Arm nan Gàidheal idir 1689 gu 1694. Bh’ e ‘sabaid air Blàr Raon-Ruairidh no Blàr Coille-Chragaidh air 27mh Iuchar 1689 nuair a bhuaidh na Gàidheil caithream an-mhor an aghaidh nan Goill. Dh’ éirich e a mach air ais a rithisd air taobh nan Gàidheal idir 1708 gu 1710, agus dh’ éirich e a mach idir 1715 gu 1716 cuideachd. Bha Fìor Gàidheal e fhéin gun teagamh a robh Iain mac Ailein am Muile.)

(Fhuair am bàrdachd so chall a mach as Eilean Muile airson bliadhna ro-fhada, mar nuair a thàinig Cogaidhean nan Gall-Shasannaich chun air nan daoine nan Eileanan agus a’ Ghaidhealtachd ri linn Cogaidhean na Comhaireachd. Dh’ fhill am pìosa bàrdachd thugainn’ air ais a rithisd san cheanntar Cala Mór no Halafags, Albainn Nuadh air Dùthaich nan Craobh, agus buadhchas chun gu Dhia Mhór a thàinig e thugainn’ a rithisd.)