Òran nam Portairean

(I)
Deoch-slàinte nan gillean,
Gu ’n òlainn gu milis;
’S mo chàileachd air mhire
’G a’ sireadh ’s an àm
Cha ghaol airson pòite
A chuireadh gu òl mi;
Ach cliù nam fear òga
Nach sòradh an dram.

(II)
Na Dòmhnullaich ghasda;
’S iad féin na fir thapaidh
Gu feum air ceann slaite,
’S a cheartachadh bhall.
Fhuair mise ’n ’ur bàta,
Gu calachan sàbhailt;
’S cha ghabhadh sibh pàidheadh
’N uair ’thàinig mi ’nall.

Le Iain mac Ailein / Am Bàrd Mac Gilleathain (1787 gu 1848)

(Sgrìobh Iain mac Ailein an t-òran so airson bàta mór nuadh nan Deòrsa Mac-Leòid / am Bàrd Cala Mór / Halafags. Chuir Deòrsa sluagh mór nam bàta ’s loingidh chun an fhairrge fo cheanntar Glasachamh Nuadh agus Halafags gu h-àiridh. Thug e cuidich mór agus chuir e spiorad làidir chun nam muinntir Gàidhealach ann san Halafags – am Baile Mór nan Gaill.)