Alasdair à Gleanna Garaidh

(I)
Alasdair à Gleanna Garaidh,
Thug thu ’n-diugh gal air mo shùilean:
’S beag iongnadh mi bhith trom-chreuchdach,
Gur tric gar reubadh as ùr sinn;
’S deacair dhòmhsa bhith gun onsaich
Meud an dosgaidh a th’ air mo chàirdean —
Gur tric an t-eug oirnn a’ gearradh
Taghadh nan darag as àirde.

(II)
Chaill sinn ionann agus còmhla
Sir Dòmhnall, a mhac ’s a bhràthair:
Ciod e ’m feum dhuinn bhith gar gearan?
Dh’fhan Mac mhic Ailein sa bhlàr bhuainn;
Chaill sinn darag làidir liathghlas
Bha cumail dìon air a chàirdean,
Capall-choille far na giùthasaich,
Seabhag sùlghorm lùthmhor làidir.

(III)
Dh’fhalbh ceann na cèille ’na chomairl’
Anns gach gnothach am bi cùram,
Aghaidh shocrach sholta thaitneach,
Cridh fial farsaing mun chùinnneadh;
Bu tu taghadh nan sàr ghaisgeach,
Mo ghualainn thaice ’s mo dhiùbhail —
Smiorail, fearail, fionnidh, treubhach,
Ceann-feadhna chaill Seumas Stiùbhart.

Le Sìleas na Ceapaich (1660 gu 1729)

(Rugadh ‘s togadh Sìleas na Ceapaich ann Loch Abar, agus sgrìobh i dànachd no bàrdachd fada mu’n Cogaidhean nan Gàidheal an aghaidh nan Gaill, agus bha seannchadh an-mhath ‘s an-mhor i fhéin cuideachd. ‘S an òran seo mu’n Alasdair à Gleann Garaidh mar chaoidh e shìos san Blàr Sliabh an t-Siorraim air 13mh Samhuinn 1715. Bha ceannaire no taoiseach mór e san Arm nan Gàidheal ri linn Bliadhna Sheumais eadar 1715 gu 1716, agus chaoidh e air aghaidh leis an cogadh ‘s comhaireachd an aghaidh nan Gaill gu a chaoidh e bàs air 28mh Dàmhair 1721.)