Cumha Alasdair Mhic Cholla

(I)
Air mo dhruim ‘s an tom fhalaich,
‘S beag mo shunnd ris a bhannal.
Aig an cunntar an t-aran mar lon.

(II)
‘Fhir na gearr-ghruaige duibhe,
Tha mi deurach gad chumha,
O’n la ‘reub thu cuan sruthach an roid.

(III)
Cha robh, ‘ghraidh, ‘s cha bu chuibhe,
Tha ‘buain bhairneach air rudha,
‘Sann a bha thu ‘s do bhuidheann ag òl.

(IV)
‘n t-òg aigeantach rìoghail,
‘Chuireadh sgairt fo na mìltean,
‘Nuair a thogteadh leat-pìob is bréid sròil.

(V)
Gun éireadh siud leat-sa,
Fir ùr’ agus fleasgaich,
O na badain-bheag phreas ‘s àm bith an ceò.

(VI)
Leat bu mhiann a bhi agad,
Claidheabh (claidhimh) cùil a chinn aisnich,
Le faobhar cruaidh, sgaiteach, geur, gorm.

(VII)
Cha bu tais ‘s cha bu tlàth thu,
‘Marcachd suas roimh ‘n bhragàda,
Air each aigeantach, Árd nan Ceith ‘r bròg.

(VIII)
Cha bu chladhaire truid thu,
‘Dol an agaidh an trùpa;
Ceum air adhart ‘nan uchd b’e do nòs.

(IX)
Cha robh cron ort ri àireamh,
Ged a sgrìobht e air pàipear.
Ach a mheud ‘s a bha ‘n àrdan ad shroin.

(X)
Fhuair mi sgeul a Dùn Channain,
A bhrisd leus air mo shealladh,
Mo chreach léir! Nach h-eil Alasdair beò.

(XI)
Agus firinn bho ‘n chlàrsair,
‘Tigh ‘n áir tìr am Port Pàdraig,
‘S cha dèan m’inntinn bonn fàilte ri ‘cheòl.

(XII)
‘S tric mi smaointinn roimh latha,
Nach dìoghail thu t’athair;
Siud a mheudaich droch-dhath air mo neoil.

(XIII)
Am fear liath ‘bha sa Charraig,
Is dul’ iaruinn mu bhallaibh,
B’ e ‘n laoch dian e ‘s am baranta sliogh.

(XIV)
Ach tha mo mhuinghin an Crìosda,
Gum bi-là ann ‘ga dhìoladh
Mun dig croich air a mhìorbhailean mór.

(XV)
‘S eil leam sgapadh fir Ìle,
Agus uaislean Chinn Tìre,
‘S cha b’ fhasa leam dìol Raghnall Óig.

(XVI)
Gun cùmhnadh Dia na cinn fheadhna,
Dh’fhalbh am freasdal na gaoithe
Aire fleasgairt bhig, chaoil nan trì seòl.

(XVII)
B’ ann diù ‘ t-Aonghas Óg Glinneach,
A ghabh fògradh thar linne;
‘S truagh gun ròiseal do chinnidh ‘bhi ‘d chòir.

(XVIII)
Agus mis’ air cùl garaidh
Gamharc trùpa shir Daibhidh;
Cha b’iad comunn mo ghraidh-sa na sgleòid.

(XIX)
‘Righ, gur h-iomadh sonn àlainn,
A bha companta bràithreil,
‘Thuit mu sgonnsa Dùn a’ Bheirt gun deò.

(XX)
Fir a chaitheadh a cuantan
Ri droch latha ‘gach fhuairead,
Ged a dh’éireadh muir ‘suas ri slait beòil.

(XXI)
Sàr luchd bhualadh nam buillean.
Nuair bu chruaidh air càch fuireach
Nam biodh uachdarain bhunailteach oirbh.

Le Iain Lom Mac Dòmhnuill nan Ceapaich
(1620 go 1709)