Tormod Dòmhnallach: Bhithinn a chluinntinn a’ bruidhinn air bàrdachd Màiri Mhòr, Màiri Mhòr nan Òran, cha robh iad a’ saoiltinn mòran do bhàrdachd Màiri idir. Dh’fhaodadh gur h-e an t-adhbhar air an sin tha, ma dh’fhaodte, an fhìrinn nach eil urram aig fàthach na dhùthaich fhèin.
Caluim Iain: Seadh.
Tormod Dòmhnallach: Ach, ’s ann a bha na fir agus bha e glè gheur-chuiseach agus ’s math a b’ aithne dhaibh bàrdachd. Thathar air ag ràidhtinn gur robh Mairi gur h-ann a bha i a’ milleadh seann òrain mhath Ghàilig agus a’ dèanamh òrain dhi fhèin a bhiodh i a’ cur air na seann fhuinn a bh’ ann an seo. Chan eil fhios a’m co-dhiù bha iad ceart no ceàrr. Faodaidh gun robh iad ceart ann an rathad agus faodaidh gun robh iad ceàrr ann an rathad eile. Chan eil teagamh sam bith air nach d’rinn Màiri beagan do dh’òrain a tha glè mhath anns a bheil smior na bàrdachd ach man tug na bodaich a mhill ise na h-òrain an fhear eile.
Caluim Iain: Seadh. Agus a-nist, am biodh…am biodh iomradh…mòran de iomradh air Uilleam Ros agus Màiri nighean Alasdair Ruaidh?
Tormod Dòmhnallach: Bha iomradh gu leòr aca air Uilleam Ros ach cha chuala mi guth riamh aca air Màiri Alasdair Ruaidh, seadh, a bha ann an Dùn Bheagain. Ach bha bana-bhàrd eile anns an Eilean ann an Tròndairnis ris an can iad Màiri nighean Alasdair Ruaidh. Chuala mi iomradh uair no dhà oirre an sin ach cha robh i…cha robh i sin mar bhana-bhàird idir ri a bhith an coimeas ri Màiri nighean Alasdair Ruaidh.
Caluim Iain: Seadh.
Tormod Dòmhnallach: Ach chuala mi na h-uiread mu Uilleam Ros agus bhiodh iad a’ labhairt mu, mar gum b’ eadh, le truas, seadh, a thaobh cho òg agus a chaochail e agus gu sònraichte an tionnisgeal bhàis. Tha iad ag ràidhtinn gur h-e an cnàmh às ris a’ ghaol.
Caluim Iain: Dìreach.
Tormod Dòmhnallach: Bha Uilleam Ros gun teagamh sam bith, ’s ann anns an Eilean againn fhìn, ’s ann a rugadh e agus fhuair e pàirt de dh’araich. Ach thug a mhàthair e a-null ug ruige Gheàrrloch nar a bha e na chnapach beag. Bha giamh ann nar a bha e na chnapachan beag. Bha lapaichean na chasan.
Caluim Iain: Dìreach.
Tormod Dòmhnallach: Agus eil fhios agaibh ciamar a thug a mhàthair e gu ruige Geàrrloch?
Caluim Iain: Seadh.
Tormod Dòmhnallach: Thug ann an cliabh.
Caluim Iain: Dìreach. Air a druim.
Tormod Dòmhnallach: Air a druim…
Caluim Iain: Air a druim…
Tormod Dòmhnallach: ’S ann mar a ruig i gu Geàrrloch e.
Caluim Iain: Seadh.
Tormod Dòmhnallach: Fhuair e thairis air an lapach a bha sin agus bha e làidir sgoinneil gu leòr gus an do thachair an aiceid a bha siud ris.
Caluim Iain: Dìreach, dìreach.
(‘S agallamh seo eadar Tormod Dòmhnallach (1904 gu 1978) agus Caluim Iain Mac Gilleathain (1915 gu 1960) agus bh’ iad ag cainnt mu’n nam bàrdan às Eilean Sgitheannach. Bh’ iad ‘cainnt mu Màiri Mhòr nan Òran no Màiri nighean Iain Bhàin (1821 gu 1898) agus Uilliam Ros (1762 gu 1791) agus bha comhradh an ùidh sin annseo cuideachd.)