Eilean Leòdhais

(I)
Ochain a Rìgh gur mi tha cianail.
Tha còrr is bliadhna bho rinn mi seòladh.
Ma tha e’n dàin dhomh gun till mi sàbhailt’
Gu faic mi Chàbag, gach bàt’ is òb ann.

Seist:
O ‘s e mo dhùrachd ‘s e siud a’ lùiginn
A bhith tighinn dlùth ‘s ann ri fearann Leòdhais.
Ma nì mi tìr, dheth ged b’ann a’ Lìte,
Gun tèid mi dìreach a dh’eilean Leòdhais.

(II)
Nuair a thèid mi gun a cuibhle
Air meadhan oidhche nuair a bhios i reòite,
O, ‘s mòr gum b’fheàrr leam a bhi le pailt’
Ann an leabaidh àrd an eilean bàn ‘s mi Leòdhas.

O ‘s e mo dhùrachd ‘s e siud a’ lùiginn
A bhith tighinn dlùth ‘s ann ri fearann Leòdhais.
Ma nì mi tìr, dheth ged b’ann a’ Lìte,
Gun tèid mi dìreach a dh’eilean Leòdhais.

(III)
Thug mi cuairt dhomh Buenos Aires
Far robh na h-eulagan dheth gach seòrsa,
O ‘s ann tha m’ fharmad-sa ris an iasgair
Tha cur a’ lion an ear ‘s an iar air Rònaigh.

O ‘s e mo dhùrachd ‘s e siud a’ lùiginn
A bhith tighinn dlùth ‘s ann ri fearann Leòdhais.
Ma nì mi tìr, dheth ged b’ann a’ Lìte,
Gun tèid mi dìreach a dh’eilean Leòdhais.

(IV)
O, nach mise bha aig a’ bhaile
Am measg nam balach ‘s a’ mealadh òighean
O ‘s mi gu siùbhladh ‘s gu falbhainn aotrom
Air bhàrr an fhraoich, ‘s mi air tìr ‘s mi Leòdhas.

O ‘s e mo dhùrachd ‘s e siud a’ lùiginn
A bhith tighinn dlùth ‘s ann ri fearann Leòdhais.
Ma nì mi tìr, dheth ged b’ann a’ Lìte,
Gun tèid mi dìreach a dh’eilean Leòdhais.

Le Ian Mac Mathghamhuinn.

(Sgríobh e so nuair a bh’ e beó ’muigh air nam Machairean Móra sa Mhinneasóta. Sgríobh e sin mar bha cridhe bhristeadh aige mar bh’ e’ muigh as seann dachaigh air Leòdhais gu dachaigh nuadh air nam Machairean Móra. Sgríobh ’s reinn e sin eadar 1905 gu 1936 b’fheudar.)