‘S Fhada Leam An Oidhche Gheamhraidh

(I)
‘S fhada leam an oidhche gheamhraidh,
‘S fhada ’s fhada ’s fhada leam i,
‘S O, chan fhaic ach prèiridh lom mi;
Cha chluinn tonn ri tighinn gu tràigh mi.

Fàili, fàili, fàili hò ro,
Fàili, fàili, fàili hò ro,
Fàili, fàili, fàili hò ro,
‘S cian nan cian on dh’fhàg mi Leòdhas.

(II)
‘N àm don fheasgar bhith ri ciaradh,
‘S tric a bhios mo chridhe cianail,
Cuimhneachadh g’ eil cian nan cian uam,
Far’m bu mhiann leamh dhol a chèilidh.

Fàili, fàili, fàili hò ro,
Fàili, fàili, fàili hò ro,
Fàili, fàili, fàili hò ro,
‘S cian nan cian on dh’fhàg mi Leòdhas.

(III)
Chan ann a lùchairt mhòir nan cùirtear,
Ach don bhothan thughaidh shùgrach,
Teine mònach air an ùrlar,
‘S luchd mo rùin-sa cruinn a’ cèilidh.

Fàili, fàili, fàili hò ro,
Fàili, fàili, fàili hò ro,
Fàili, fàili, fàili hò ro,
‘S cian nan cian on dh’fhàg mi Leòdhas.

(IV)
Bhiodh na bodaich rianail, dòigheil,
Nam biodh bunag chrèathadh ’s ceò ac’,
Bhiodh na brogaich snìomh nan snòta,
Air glùin rùisgte, siud an dòigh orr’.

Fàili, fàili, fàili hò ro,
Fàili, fàili, fàili hò ro,
Fàili, fàili, fàili hò ro,
‘S cian nan cian on dh’fhàg mi Leòdhas.

(V)
Bhiodh seann shaighdear nan ciad cruaidh-chath,
‘S leis a’ chlobha anns an luath aig’
Dealbh dhuinn mar a thug a’ bhuaidh iad,
Mic nam fuar-bheann, luchd an fhèilidh.

Fàili, fàili, fàili hò ro,
Fàili, fàili, fàili hò ro,
Fàili, fàili, fàili hò ro,
‘S cian nan cian on dh’fhàg mi Leòdhas.

(VI)
Bhiodh seann sheòladair ’s air stòl e,
‘S cha robh cuan no loch nach d’ sheòl e;
‘S nuair a thòisicheadh ri sgeòil e,
Gillean òga dheigheadh ga èisteachd.

Fàili, fàili, fàili hò ro,
Fàili, fàili, fàili hò ro,
Fàili, fàili, fàili hò ro,
‘S cian nan cian on dh’fhàg mi Leòdhas.

(VII)
Ach sgap an comann, sgaoil na fiùrain,
‘S tha gach sgeulaiche ’s an ùir air,
Chunnaic mise cridheil, sùrdail,
‘S O, mo dhùrachd, bhith gan èisdeachd.

Fàili, fàili, fàili hò ro,
Fàili, fàili, fàili hò ro,
Fàili, fàili, fàili hò ro,
‘S cian nan cian on dh’fhàg mi Leòdhas.

(VIII)
Ach càite nis a-nochd an tèid mi?
Chan eil cèilidh air a’ phrèiridh,
‘S O chan fhaic mi ’n àm dhomh èirigh
‘N àirde ‘g èirigh ceò na mònach.

Fàili, fàili, fàili hò ro,
Fàili, fàili, fàili hò ro,
Fàili, fàili, fàili hò ro,
‘S cian nan cian on dh’fhàg mi Leòdhas.

Le Murchadh Mac Phàrlain.

(Sgríobh Murchadh an t-òran seo nuair a rinn e turas gu Gleann Uisge Dhearg eadar 1924 gu 1932. Bha piuthar nam Murchadh ann sa baile mór Bhinnipéig agus fhuair eagal air ri linn gearramh cruadh fada ’n-seo gun teagamh. Sgríobh e ’n t-óran so mu’n 1925 no mu’n sin b’fheudar. Chuaidh e thairis Dùthaich nan Craobh cuid ’s mó – ri linn an ám cuideachd. Dh’fhill e gu dachaigh gu nan Eileanan agus an t-Seann Gháidhealtachd sa bhliadhain 1932.)