Bha na seann cheàrdaichean air an togail ann an cois uisge, an dàrna cuid ann an cois na maradh no ann an cois loch-tàmh, agus chan eil fhios a’m gu dè b’ adhbhar dha sin ach bha adhbhar air. Dòcha gum bu thoigh leotha uisge a bhith aca airson an iarainn fhuarachadh ann, agus tha mi làn chreidsinn gur h-e sin an t-adhbhar airson gum feumadh ceàrdaichean a bhith ann an cois uisge.
Nise, ’s e an gobha an duine b’ fhoghlamaichte a bh’ ann na latha agus ’s iomadh, ’s iomadh ceud bliadhna bhon uair sin. Ach bha e air a mheas na dhuine sònraichte, agus bha àite àrd aige ann am measg dhaoine, ’s e air a mheas na dhuine foghlamaichte. Ach bha a’ ghoibhneachd air a chumail dìomhair, agus chan fhaodadh duine sam bith a dhol a-staigh gu ruige a’ cheàrdach anns an t-seann aimsir ach an gobha fhèin. Agus bha glè thrice a’ cheàrdach uaireannan air a dèanamh gun doras, ’s chan fhaigheadh duine a-staigh oirre ach a dhol a-staigh air a’ mhullach. Bha solas gu leòr aig a’ ghobha bhon adhar os a chionn, ged nach biodh uinneag ’s ged nach biodh doras ann.
Agus bha a h-uile gobha, bha e a’ cumail a cheàird dìomhair, agus duine sam bith air am biodh dànadas a dhol a-staigh nuair a bhiodh an gobha ag obair, dh’fhaodadh an gobha le lagh, gu dligheach le lagh an àite, an ceann a sgathath dheth leis a’ chlaidheamh mu dheireadh a rinn e. ’S glè thrice bha an claidheamh mu dheireadh a bha an gobha a’ dèanamh, cha robh e air a mheas freagarrach airson a dhol leis gu cath mura biodh e air a dhearbhadh ann am fuil.
Le Tormod Dòmhnallach (1904 gu 1978)
(Seo beul-aithris na h-àite mu nan goibhnean air Sgitheannach agus thairis nan Eileanan)