Òran a’ Bhotail

(I)
Nuair a shuidheas sinn socair
’S a dh’òlas sinn botal,
Chan aithnich ar stoc bhuainn
Na chuireas sinn ann;
Thèid onair is fòrtan
Le sòlas a’ chopain,
Carson nach bi deoch oirnn
Mun tog sinn ar ceann?
Bheir ’n stuth grinn oirnn
Seinn gu fileanta,
Chuir a thoil-inntinn
Binneas nar cainnt;
Chaisg i ar n-ìota
’N fhìor dheoch mhilis,
Bu mhuladach sinne
Nam biodh i air chall.

(II)
Deoch-slàinte nan gaisgeach,
Nan Gàidhealaibh gasda,
Dham b’ àbhaist mar fhasan
Bhith pòit air an dram;
Ò Luchd-gaoil an stuth bhlasda,
’S air dhoireadh an lacha,
Nach caomhnadh am beartas
Ga sgapadh san àm,
Fear da bheil nì
Gheibh e na shireas e,
Fear a tha crìonda
Fanadh e thall;
Fear a tha mì-odhair
Chan fhuiling sinn’ idir,
’S am fear a bheil grinneas
Thèid iomain a-nall.

(III)
’S ro-rìoghail an obair
Sruth brìoghmhor na togalach,
Ioc-shlaint a bhogaicheas
Cridhe tha gann;
’S e chuireadh an sodan
Air fear a bhiodh togarrach,
’S chuireadh e ’m bodach
Am fear a bhiodh teann.
Chan eil as an tìr
Uasal no cumanta
Nach eil air thì
Gach urram a th’ ann;
Ged a bhiodh strìth
Mu thogail na muirichinn
Ciamar as urrainn sinn
Fuireach on dram?

Le Donnchadh Bhàin Mac an t-Saoir (1784 gu 1812)

(Sgrìobh Donnchadh Bhàin an t-òran seo nuair a fhuair e fo ghabhail le nan Gaill ann san Dhùn Èideann mar bha poit-dhubh aig do bean-chéile ‘gus a dhubhairt e san cuairt Ghallda “Dh’òl mi cuid nas mhor nan uisge bheatha ‘gus char dhìoghail leinn cuid mhath e.” Fhuair saorsa aige ‘nnsin gun mhall mar sin)