‘Illean Bithibh Sunndach – Sandaigh

‘Illean bithibh sunndach,
A-null air a’ bhoidse,
Fàgail ar dùthcha,
Gun dùil ri thighinn beò ann,
‘Illean bithibh sunndach,
A-null air a’ bhoidse.

(I)
‘Illean cridheil gaolach,
Togaibh rithe h-aodach
Tha buidheann mo ghaoil-sa,
Di-h-Aoine dol a sheòladh.

‘Illean bithibh sunndach,
A-null air a’ bhoidse,
Fàgail ar dùthcha,
Gun dùil ri thighinn beò ’nn,
‘Illean bithibh sunndach,
A-null air a’ bhoidse.

(II)
Gur mise tha gu cianail,
A’ fàgail a’ Chrianain,
A’ dol don dùthaich fhiadhaich,
A dh’iarraidh ar lòin as.

‘Illean bithibh sunndach,
A-null air a’ bhoidse,
Fàgail ar dùthcha,
Gun dùil ri thighinn beò ’nn,
‘Illean bithibh sunndach,
A-null air a’ bhoidse.

(III)
Gur mise tha fo ghruaimean,
A’ dol a shiubhal chuantan,
Tha ’n t-soitheach dubh a’ gluasad,
Gu muladach a sheòladh.

‘Illean bithibh sunndach,
A-null air a’ bhoidse,
Fàgail ar dùthcha,
Gun dùil ri thighinn beò ’nn,
‘Illean bithibh sunndach,
A-null air a’ bhoidse.

(IV)
Tha sinne ’dol dh’Ameireaga,
Far nach bi cùram eile oirnn,
Cho fad ’s a mhaireas coille dhuinn,
An Eilean Nobha Scotia.

‘Illean bithibh sunndach,
A-null air a’ bhoidse,
Fàgail ar dùthcha,
Gun dùil ri thighinn beò ’nn,
‘Illean bithibh sunndach,
A-null air a’ bhoidse.

Le Murchadh ’s Ailean ’s Franc Mac Artúir.

(Tha sin dárna seòrsa na n-òran seo. Sgríobh ead sin mar dh’iarr ead do chur spiorad láidir a-staigh eadar na Gáidheil aig éalaich a-muigh as nan Ghaill le sin annseo. Bha sin mu 1820 no roimhe sin b’fheudar).