‘Illean Bithibh Sunndach – An Fharraige Mhòr

‘Illean bithibh sunndach,
A-null air a’ bhoidse,
Fàgail ar dùthcha,
Gun dùil ri thighinn beò ann,
‘Illean bithibh sunndach,
A-null air a’ bhoidse.

(I)
‘Illean cridheil gaolach,
Togaibh rithe h-aodach
Tha buidheann mo ghaoil-sa,
Di-h-Aoine dol a sheòladh.

‘Illean bithibh sunndach,
A-null air a’ bhoidse,
Fàgail ar dùthcha,
Gun dùil ri thighinn beò ‘nn,
‘Illean bithibh sunndach,
A-null air a’ bhoidse.

(II)
Gur mise tha gu cianail,
A’ fàgail a’ Chrianain,
A’ dol don dùthaich fhiadhaich,
A dh’iarraidh ar lòin as.

‘Illean bithibh sunndach,
A-null air a’ bhoidse,
Fàgail ar dùthcha,
Gun dùil ri thighinn beò ‘nn,
‘Illean bithibh sunndach,
A-null air a’ bhoidse.

(III)
Gur mise tha fo ghruaimean,
A’ dol a shiubhal chuantan,
Tha ‘n t-soitheach dubh a’ gluasad,
Gu muladach a sheòladh.

‘Illean bithibh sunndach,
A-null air a’ bhoidse,
Fàgail ar dùthcha,
Gun dùil ri thighinn beò ‘nn,
‘Illean bithibh sunndach,
A-null air a’ bhoidse.

(IV)
Tha sinne ’dol dh’Ameireaga,
Far nach bi cùram eile oirnn,
Cho fad ’s a mhaireas coille dhuinn,
An Eilean Nobha Scotia.

‘Illean bithibh sunndach,
A-null air a’ bhoidse,
Fàgail ar dùthcha,
Gun dùil ri thighinn beò ‘nn,
‘Illean bithibh sunndach,
A-null air a’ bhoidse.

Le Murchadh ‘s Ailean ‘s Franc Mac Artúir.

(Sgríobh seòrsa h-uimhir a trí seo nan òran seo. Bha fhios aca bha ead air an t-slighe chun gu Talamh an Éisg, ach dhubhairt ead mu’n Eilean Albainn Nuadh (Eilean Nobha Scotia) mar dh’iarr ead do chur spiorad láidir eadarthu nan Gáidheil a dh’fhág as an dhachaighean aca ‘nn sa 1820. Agus bha sin gu math ‘s gu gasta nan treas fear seo gun teagamh).