Niall a h-Iolaire
Bha h-iolaire agas thug i leithe gille, pàisde beag, a Eilean Rathasair agas thug i a nunn don Eilean Sgitheanach e. Bha fear ’s an àite agas bha e a’ dol a mharadh na h-Iolaire. Bha e gu h-àrd aig a’ nead aichce, ’n uair a thigeadh i. Bha i ri móran call air uain agas air rud eile ’s an àite. Ach bha e a’ beachdachadh oirre a’ tighinn agas chunnaic e i a’ giulan rud geal.
Ghabh e iongantas glé mhór. Thuirst e ris fhéin:
“Chan e uan a th’ ann.”
Is ’n uair a thàinig i car faisg air, dh’ aithnich i gur h-e uarrag a bh’ ann.
Ach thuirst e:
“’S fhearra dhomh fiachainn oirre. Is fhearr liom i fhéin agas an giullan mharadh na gum bith e air iche aic(hc)e-sa ’n uair a thig i chun a’ nead.”
Agas ’s ann mar seo a rinn e.
Thog e an gunna agas thilig e i agas thàinig i a nuas. Agas cha do bhean spiligean do’n ghiullan. Agas theireadh iad ris an deadhaidh sin Niall na h-Iolaire. Sin an t-ainim a bh’ ac(hc)a air anns an Eilean Sgitheanach. Is dh’ fhàs e ’na duine mór foghainteach. Agas dhèanadh e fhéin gàire ’n uair a rachadh a’ naidheachd innseadh dhà. Agas theireadh e fhéin:
“Is mise Niall na h-Iolaire.”
Le Iain Beag no Iain am Bàrd (1876 gu 1964)