Òran Mhàiri Dhall

(I)
Och nan och, tha mi fo mhulad,
Dhomh-sa tha mo chòmhradh duilich,
‘S truagh an càs ach ’s fheudar fhulang,
Nach fhaod mi fuireach ann a’ d’ chòir.

(II)
Tha mi nis an so glé chianail,
Falt mo chinn gach là a’ liathadh;
‘S e ‘bhi cuimhneach’ Leòdhais riabhaich,
Tha ‘g am leagail sios le bròn.

(III)
‘S iomadh maduinn bhòidheach shamhraidh,
‘Bha mi ruith nan cnoc ’s nan gleanntan;
‘S beag a shaoil mi anns an àm sin,
Tighinn a nall an so ri m’ bheò.

(IV)
Ach théid mis’ air ais do Leòdhas,
Eilean còmhnard, sèasgair, bòidheach;
Fanaidh mi gu crioch mo lò ann,
‘S gheibh mi sòlas ann ri m’ bheò.

Le Màiri Dhall NicÌomhair neo Màiri Dhall nighean Mhurchadh mac Tormod ‘ic Niall NicÌomhair (1841 gu 1920)

(Sgrìobh Màiri Dhall an amhran seo ri chéile ’n dheidh a dh’fhàg i’muigh as Bhaltos air Leòdhais, agus chaidh i chun Aimeiriga mar bh’ iarraidh aice do’n éalaich a-mach as nan tighearnan talamh ann. Thàinig tinneas uaighneas oirre ’s dheidh a fhuair i gu h-Aimeiriga, ‘gus sgrìobh i ’n amhran seo mar sin.)