Thug mi Gaol

Thug mi gaol, thug mi gaol
Thug mi gaol do’n fhear bhàn
Agus gealladh dhutsa luaidh
O cha dual dhomh bhi slàn.

Thug mi gaol, thug mi gaol
Thug mi gaol do’n fhear bhàn
Agus gealladh dhutsa luaidh
O cha dual dhomh bhi slàn.

(I)
Chaidh am bàta troimh’n a’chaol
Leis na daoine Di-Màirt
‘S mise phàigh am faradh daor
Bha mo ghaol air a clàr.

Thug mi gaol, thug mi gaol
Thug mi gaol do’n fhear bhàn
Agus gealladh dhutsa luaidh
O cha dual dhomh bhi slàn.

(II)
‘S tacain mu’n do laidh a’ghrian
Bha mi fiannuis mo ghràidh
Tha e nis an grùnnd a’ chuain
O, gur fuar àite tàmh.

Thug mi gaol, thug mi gaol
Thug mi gaol do’n fhear bhàn
Agus gealladh dhutsa luaidh
O cha dual dhomh bhi slàn.

(III)
Bha mi ‘bruadar an raoir
A bhi ‘n caoimhneas mo ghràidh
‘S nuair a thug e rium a chùl
Thuit mo shùilean gu làr.

Thug mi gaol, thug mi gaol
Thug mi gaol do’n fhear bhàn
Agus gealladh dhutsa luaidh
O cha dual dhomh bhi slàn.

(IV)
Bha mi deas is bha mi tuath
Bha mi ‘n Cluaidh uair no dhà
Dheth na chunnaic mi fo’n ghrèin
Thug mi spèis do ‘n fhear bhàn.

Thug mi gaol, thug mi gaol
Thug mi gaol do’n fhear bhàn
Agus gealladh dhutsa luaidh
O cha dual dhomh bhi slàn.

(V)
‘S cha teid mise thigh a’ chiùil
Tha mo shùgradh gu làr
Bhon a chualas thusa ruin
Bhith’s a’ ghrùnnd far nach tràigh.

Le Iain Mac Mathghamhuinn.

(Sgríobh e sin so mu’n long-bhriseadh mór air Abhainn Chluaidh san Albainn bliadhnichean fada o shoin. Bh’ e ’muigh air nam Machairean Móra sa stát Mhinneasóta nuair a sgríobh e sin so cuideachd.)