Mhìcheil Mhìl,
A rìgh nan Aingeal,
Dìon do shluagh
Le buadh do lainne,
Dìon do shluagh
Le buadh do lainn.
Sgaoil do sgiath
Air blian ’s iar talamh,
An ear ’s an iar
Is dìon bho’n arrais,
An ear ’s an iar
Is dìon bho’n arrais.
Grianaich t-fhéill
Bho speur nan adhar;
Bi leinn sa chuart
‘S an dual an carraid;
Bi leinn sa chuart
‘S an dual na carraid.
A thriath nan triath
A thriath nan ainnis,
Bi leinn san triall
‘S an ial na h-abhainn;
Bi leinn sa triall
‘S an ial na h-abhainn.
A thriath nan triath
A thriath nan Aingeal
Sgaoil do sgiath
Air blian ’s air talamh,
Bho ’s leats’ an làn,
Bho ’s leats’ an làn,
‘S leat féin an làn,
‘S leat féin an làn.
(O Anna Nic an Léigh ’s Anna Nic Caluim)