Bha am bàrd, mar a theireadh iad, ris Eairdsidh Tàillear. Bha e na thàillear ceart gu leòr. Bhiodh e a’ siubhal bho àite gu àite a’ dèanamh badan aodaich dhaibh mar a bha a dhìth orra san àm. Agus aig uair dhe na h-amannan seo, bha…bha e ann an àite ris an canadh iad Ach nan Conbhairean am Bràigh Inbhir Mhoireasdainn. Bha mo mhàthair a’ fuireach ann an taigh a seanar an uair sin agus caileag eile còmh’ rithe, bana-chompach, is cha robh annta ach caileagan òga. Is bhiodh iad an còmhnaidh a’ tarraing à Eairdsidh. Bhiodh e na shuidhe a-mach air a’ chnoc ghorm a’ fuaghail na briogais an latha a bha seo is bha iad a’ tarraing às – a’ cur dragh air – tha mi cinnteach. Thuirt e riutha. Bhiodh e mu dhà uair dheug, meadhan-latha is thuirt e riutha teicheadh às an rathad gun robh iad san t-solast aige dhaibh. Agus ghabh na caileagan orra fhèin gus a ghabh iad mì-thlachd uamhasach an smàdadh a thug e orra. Agus…bheir e…tha…airson an cur air dòigh a-rithist, thòisich Eairdsidh agus rinn e òran orra. Chan eil an t-òran, na ceathramhan, agamsa ann, ach tha am fonn agam:
Is na nìghneagan is bòidhche cruth,
’S ann air an rudha a chunna mi,
Is na nighneagan is bòidhche cruth,
’S ann air an rudha a tha iad.
Na nìghneagan is bòidhche cruth,
’S ann air an rudha a chunna mi:
Is tha tè dhiubh dhe na Friseilich,
Is t’ èile dhe na Cearraich,
Na nighneagan is bòidhche cruth,
’S ann air an rudha a chunna mi.
Le Pàdruig Sruidh no Pàdraig Dòmhnallach.
(‘S òran éibhinn seo mu caileanan deas agus tha sin mu fear na h-àite ‘gus bh’ Eairdsidh Tàillear an t-ainm a robh air. Bha bàrd e fhèin agus bha bàrd an-mhath e fhèin cuideachd.)